Sùil luchd sgrìobhaidh an là an-diugh 's a-màireach air na beò 's na mairbh

De tha e a' leughadh? As a' cheist mun t-saighdear shnaidhte seo ann am Paddington Station fhuair sinn sar leabhar GaidhligDe tha e a' leughadh? As a' cheist mun t-saighdear shnaidhte seo ann am Paddington Station fhuair sinn sar leabhar Gaidhlig
De tha e a' leughadh? As a' cheist mun t-saighdear shnaidhte seo ann am Paddington Station fhuair sinn sar leabhar Gaidhlig
Air Àrd-Ùrlar 1 ann am Paddington Station, Lunnainn, tha dealbh-snàidhte a rinn Charles Sargeant Jagger ann an 1922 de shaighdear on Chogadh Mhór 'na sheasamh a' leughadh litir. Dh'fhàs Litir chun an t-Saighdeir gun Ainm (Clàr, £9.99) a-mach á pròiseact a chuir am BBC air dòigh, ann am Beurla cuideachd, stéidhte air an ìomhaigh chumhachdaich sin '“ chaidh iarraidh air an luchd éisteachd an litir a sgrìobhadh.

Anns a’ phròiseact Ghàidhlig, co-dhiù, chaidh iarraidh orra cuideachd beagan a sgrìobhadh mu’n deidhinn fhéin. Mar sin, aig a’ cheann thall, tha 52 litir anns an leabhar Ghàidhlig còmhla ri iomradh a bharrachd bhon 52 duine a sgrìobh iad – eachdraidh-beatha shìmplidh, no na h-adhbharan a thug orra a dhèanamh, le cunntas uaireannan air na ceanglaichean pearsanta aca ris a’ chogadh agus air na buill teaghlaich aca a thuit.

A réir cùl Litir chun an t-Saighdeir gun Ainm chaidh faighneachd dhan luchd éisteachd: “Nan robh thu a’ dol a sgrìobhadh gu cuideigin a bha na shaighdear sa Chiad Chogadh, dè chuireadh tu dhan litir?” Ach tha an leabhar a’ dol seachad air crìochan cumhang na ceiste, agus ’s fheàirrde e siud. Tha ceithir seòrsaichean litrichean ann: ball-teaghlaich no leannan a’ sgrìobhadh gu saighdear no seòladair; saighdear no seòladair a’ sgrìobhadh gu ball-teaghlaich no leannan; saighdear no seòladair a’ sgrìobhadh gu saighdear no seòladair eile; agus, buidheann mhór, na beò a’ sgrìobhadh gu na mairbh, se sin, brath a’ dol air ais tro thìm bho 2015 gu (can) 1915.

Hide Ad
Hide Ad

Bha mi air mo bheò-ghlacadh leis an leabhar. Tha móran de na “litrichean bhon dachaigh” gar toirt air ais an da-rìribh gu saoghal nan eilean aig toiseach an 20mh linn. ’S tha aon té, le Chrisella Ros, gar cuimhneachadh gu bheil gach cogadh air muin cogaidh eile. “Tha d’ athair ag ràdh gun robh feagal air fhèin sna ciad sheachdainean a bha e ann an Transvaal. Ach gun d’ fhuair e seachad air. Thuirt e nach b’ e fuaim nan seilichean bu dhuilghe dhàsan ach a bhith a’ coimhead na bha mu thimcheall air – an t-eagal nan sùilean fhèin. Cuid dhiubh fiù ’s a’ rànail. Na dèan rànail idir, a luaidh – ged a bhiodh d’ fhìor chridhe ’s do cholainn a’ sgiamhail. Na leig leotha d’ fhaicinn a’ caoidh.”

Tha diofar bheachdan ann air brùidealachd a’ chogaidh. Tha pàrantan aon saighdeir ag ràdh ris gu bheil iad “moiteil gun robh thu, mar bhalach òg air ùr thighinn às an sgoil, a’ dol gu saor-thoileach a shabaid airson do dhùthaich an aghaidh nàmhaid a tha borb, gun tròcair” (am Brigadier Iain MacPhàrlain). Ach ri saighdear eile tha a leannan ag ràdh (Marie C NicAmhlaigh): “Na cruadhaich do chridhe an aghaidh an nàmhaid. ’S e mac màthar a th’ anns a h-uile fear dhiubh. Chan eil am marbhadh a tha thusa a’ dèanamh càil nas uasaile na tha am marbhadh a tha iadsan a’ dèanamh.”

Thug mi an aire cuideachd cho diofraichte ’s a bha adhbharan a’ chogaidh an sùilean diofar dhaoine. Coinneach MacÌomhair a’ BhBC: “Tha a’ cheist mhòr orms’ fhathast, ogha dha ur bràithrean . . . carson, carson, carson?” Agus Alasdair MacCaluim: “Saoil a bheil e nas miosa a bhith a’ sabaid is a’ bàsachadh ann an cogadh gun mòran adhbhar follaiseach air a shon na bhith, can, nad shaighdear ann an cogadh a thachair air adhbharan a bha furasta a thuigsinn air gach taobh, mar Cogadh na Saorsa ann an Ameireaga, no Cogadh na Saorsa an Èirinn mar eisimpleir.” Ach chan eil teagamhan aig Seona McLintock. “Aon rud a tha cinnteach, ’s e gu bheil an saoghal againne nas saoire, nas sàbhailte agus nas fheàrr air sgàth na gaisgeachd agaibhse.”

Tha na litrichean a’ sealltainn cuideachd gun robh daoine ann nach robh idir a’ faighneachd car son. Té gu a bràthair sna trainnsichean (Anna NicSuain): “Le cuideachadh an Tighearna, gheibh sinn troimhe. ’S e an earrann a tha tric nam smuaintean – ‘Seo an t-slighe agus gluaisibh innte!’ Feumaidh sinn dìreach gabhail ris.” ’S t’éile a’ sgrìobhadh gu a mac (Chrisella Ros a-rithist): “Ò, thèid e seachad – ge b’ e air bith cò bheir e leis. Cha chan iad an seo ach nach eil againn ach na tha an dàn dhuinn ’s nach eil rian no smàig againn air sin fhèin.”

Hide Ad
Hide Ad

Chan e farpais a bha sa phròiseact ’s cha robh duais ann. Ach leum dà litir far na duilleig ri mo shùil-sa. An dara té b’i té le Anndra Dunn gu saighdear gun ainm a chuir “an gunna nad bheul fhèin an oidhche ud am measg nan radan agus nam mialan” agus gu saighdear gun ainm eile a dhiùlt a dhol thar a’ mhullaich ’s a fhuair “dusan peilear Breatannach aig briseadh na maidne, ged a thug iad dhut toitean an toiseach”.

Ach b’i an té a b’ fheàrr leamsa air fad an té shocair a sgrìobh Iain Beggs á Barraigh ann an riochd saighdeir a tha a’ leigeil ris cho surreal ’s a bha saoghal nan trainnsichean, ’s e ag ionndrainn na dh’fhàg e air a chùlaibh gun dad a ràdh nach fhaigheadh seachad air an t-censor neo a chuireadh eagal air an teaghlach. “Can ri Mam gun do dh’fhàg mi mullach a’ chrannachain fon bheinge ... Chan eil mòran a’ tachairt an seo idir ... Thachair rudeigin aig àm na Nollaig a thug toilicheas dhuinn ... nochd clogaidean nan Gearmailteach bhon trainnse is fear le ball-coise fo achlais ... Gach latha bidh sinn a’ leudachadh nan trainnsichean againn agus às dèidh frasan trom an Fhaoillich ... tha i nas lugha na bha i an latha roimhe leis na thuit de pholl innte ... Tha e doirbh cadal fhaighinn ... nuair a tha fois anns an àite, cluinnidh tu na Gearmailtich ’s iad cho faisg ... Fhuair mi cothrom a dhol air patrol an-dè ... Thàinig sinn tarsainn dithis Ghearmailteach a bha am meadhan locha ann an geòla a’ feuchainn le slat ...”

Tha Litir chun an t-Saighdeir gun Ainm ’na shàr chruinneachadh. Tha e buileach airidh air àite am measg nan leabhraichean bàrdachd agus eile a thàinig a-mach o chionn goirid a’ cuimhneachadh Cogadh a’ Khaiser. Gu mì-fhortanach ge-tà tha a choltas air gun deach a chur ri chéile ann an cabhaig. Chan eil na litrichean ann an òrdugh sam bith: bha còir aca a bhith air an cur fo na ceithir cinn a dh’ainmich mi. A thaobh sgrìobagan nan ùghdaran mu’n deidhinn fhéin, an àite a bhith ann am font meud-àbhaisteach aig an deireadh, chaidh an cur a-staigh eadar na litrichean ann am font a tha cho beag bìodach ’s gu bheil e ’na dhùbhlan dhan t-sùil. Nach mór am beud, oir tha na notaichean seo ’nan dealbh luachmhor de choimhearsnachd luchd-sgrìobhaidh Gàidhlig an latha an-diugh ’s a-màireach.

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 12 Sultain 1936: Grinneas nan Daoine

Hide Ad
Hide Ad

Bha an Gàidheal riamh iomraiteach air son coibhneis ri coigrich agus tha ‘n cliù sin a’ leantainn ris gus an latha diugh. Thigeadh iad o thuath no deas, o’n ear no’n iar, is e am beatha cho fad ‘sa ghiùlaineas iad iad féin gu cubhaidh.

C’ar son a bha e cho suairce ri sluagh nach buineadh dha agus ris nach robh gnothach no turus aige? A chionn gu’n robh e bàidheil ‘na nàdur agus truacanta ri dream a bhiodh air falbh o’n dachaidhean agus o’n daimhich. Ach nan toireadh na h-eilthirich oilbheum ‘sam bith do shluagh na dùthcha chan fhaigheadh iad maitheanas an cabhaig. Cha robh so a’ ciallachadh gu’m faigheadh iad mìomhadh ‘sam bith, no gu’n rachadh dochann a dhèanamh orra féin no air an seilbh. Ach bha e a’ ciallachadh nach rachadh daoine ro fhad ás an gabhail a chum an cuideachadh no comain a chur orra. Ged a théid muinntir an aoin àite beagan thar a chéile, nì iad réite gu h-aithghearr, ach chan ionann sin is do choigrich a thig do’n choimhearsnachd – an uair a dhùinear an dorus ‘nan aghaidh chan fhosglar e ach doicheallach. Ach chan eil briseadh càirdeis a’ tachairt ach ainneamh; agus is gann gu’n d’ amais sinn air coigreach riamh a bha beagan bhliadhnachan an Tir nam Beann leis nach bu duilich a fàgail. Cò nach creid ar teachaireachd anns a’ char so? A mhàin iadsan nach do chaith a bheag no mhór de ùine ‘nar measg agus nach d’ fhiosraich grinneas ar daoine!

Gaelic guide for learners: Knowing (acquainted with)

We have earlier shown how to say one can, could or should do something: Is urrainn do Chailean sàr-obair a dhèanamh ‘Colin can do excellent work’; B’ urrainn dhuinn fuireach an seo ‘We could stay here’; Bu chòir dhi dol dhachaigh ‘She should go home’.

Do and its prepositional pronouns, along with aithne (knowledge or acquaintance), are also involved in saying you know or are acquainted with someone or thing e.g. Is aithne do Sheumas Raibeart ‘James knows Robert’; Is aithne dhomh Maighread ‘I know Margaret’; Is aithne dhuinn na Dòmhnallaich ‘We know the MacDonalds’; Is aithne dhi an nobhail ud ‘She knows that novel’.

Hide Ad
Hide Ad

Substituting Is with An and Chan gives the question and negative forms, respectively.

An aithne dhut Seòras Clooney? Do you know George Clooney? Chan aithne dhaibh e. They don’t know him.

Replacing Is with Bu (B’ before a vowel) gives the past tense: B’ aithne dhomh fear à Barraigh ‘I knew a man from Barra’; B’ aithne do mo sheanair e ‘My grandfather knew him/it’.

The question and negative forms are: Am b’ aithne dhaibh Caisteal a’ Chnuic? ‘Did they know Knock Castle?’; Cha b’ aithne dha a mhàthair fhèin. ‘He didn’t know his own mother’.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning

Dare to be Honest
Follow us
©National World Publishing Ltd. All rights reserved.Cookie SettingsTerms and ConditionsPrivacy notice