'S ann dha a rug an cat an cuilean: Ùisdean san Leabharlann Nàiseanta

Chan eil a leithid de dh'àite ann air an t-saoghal ann an iomadach dòigh, agus ged a tha iomadh Leabharlann Nàiseanta ann air feadh an t-saoghail, bu chòir dhuinn a bhith moiteil às an aitreabh phrìseil againn fhèin air Drochaid Sheòrais IV anns a' phrìomh-bhaile, an Dùn Èideann.
Taghadh de na leabhraichean agus irisean spors a tha rim faotainn anns an Leabharlann Naiseanta.Taghadh de na leabhraichean agus irisean spors a tha rim faotainn anns an Leabharlann Naiseanta.
Taghadh de na leabhraichean agus irisean spors a tha rim faotainn anns an Leabharlann Naiseanta.

Nis, bidh gu leòr a’ leughadh seo a bhios ag ràdh riutha fhèin gu bheil fhios aca air sin – ma ghabh sibh ceum PhD mar eisimpleir ann an oilthigh sam bith, tha deagh sheans gun do chuir sibh ùine gu leòr seachad a-staigh san togalach.

Rinn mi fhèin sin bho chionn fichead bliadhna, agus a-nis tha mi a’ dol a chur seachad earrann mhath de bhliadhna eile ann, fo stiùir an Leabharlainn fhèin agus Acadamaidh Spòrs Oilthigh Dhùn Èideann, a tha air cothrom a thoirt dhomh a bhith a’ rùrach na mheasg mar Sgrìobhaiche Spòrs.

Hide Ad
Hide Ad

Nis, tha atharrachaidhean mòra air tighinn air an Leabharlann Nàiseanta anns an ùine bhon bha mi ga chleachdadh bho thùs. Am prìomh rud, gu bheil na dorsan sgaoilte chun na gaoithe agus fàilte ga cur air a h-uile duine. Rud nach robh a’ tachairt uaireigin, nuair a dh’fheumaiste leum seachad air geata-bacaidh aig mullach na ciad staidhre a bha buailteach na casan agad a bhriseadh mur an robh thu sgiobalta gu leòr son leum a-steach. An-diugh, cleas iomadach buidhinn phoblaich eile, ’s ann ag amas air daoine a thàladh agus a tharraing a tha an Leabharlann, a’ feuchainn ri àireamhan a chur am meud, ach cuideachd a’ feuchainn ri aire dhaoine a tharraing chun an stòrais eireachdail a th’ aca, ann an dòigh gu tur ùr. Agus am measg sin, tha oidhirp gu math sònraichte ga dèanamh gnothaichean Gàidhlig a leudachadh agus a sgaoileadh mar phàirt dhen àbhaisteachadh a tha iad a’ faicinn iomchaidh anns an latha th’ ann.

Bidh a’ mhòr-chuid a bhios a’ cleachdadh an Leabharlainn a’ dol ann son adhbhair gu math sònraichte no mionaideach. Gnothach ’s dòcha anns nach eil ùidh aig mòran dhaoine ach an neach sin fhèin. Agus chan eil càil ceàrr air sin. Ach ’s e cnag na cùise, mar a fhuair mi fhèin a-mach anns na beagan sheachdainnean a tha mi air a bhith an làthair, gu bheil uimhir de stuth aca, anns na diofar thoglaichean agus fo na diofar chinn, is nach eil fhios aca fhèin ann an dòigh dè th’ aca.

Gu deimhinne, tha ròs aca air bogsaichean agus cruinneachaidhean agus liostaichean ach, gu math tric, chan eil na gnothaichean sin mionaideach gu leòr, no a’ mìneachadh dè th’ ann, no co-theags na cùise.

An toiseach, ma-thà, ’s t-fhiach àireamh no dhà a’ cur air ur beulaibh mun stòras: 20 millean rud fa leth anns na cruinneachaidhean; 24 millean ma tha sinn a’ gabhail a-staigh rudan a tha didseatach. Tha dà mhillean map anns an stòras mhapaichean. Tha 300,000 pìos ciùil clo-bhuailte aca. Tha còrr is 25,000 pàipear-naidheachd aca – sin 25,000 tiotal, agus bho latha gu latha tha iad fhathast a’ cruinneachadh 250 pàipear-naidheachd Albannach bhon h-uile ceàrnaidh de dh’Alba. Tha an t-Albannach 200 bliadhna a dh’aois am-bliadhna. Tha a h-uile iris dhen phàipear aig an Leabharlann.

Tha 3,000 pìos film fo chùram an Leabharlainn a dh’fhaodas sibh coimhead an-asgaidh ann an togalach ùr eireachdail aig Talla Khelvin an Glaschu.

Leabhraichean gun àireamh, cha mhòr, bho Bhìoball Ghutenburg gu na Broons, Oor Willie agus Bunty. Làmh-sgrìobhaidhean, litrichean agus cruinneachaidhean mu shreap, irisean, pìobaireachd agus bileagan. Agus an robh fhios agaibh gur ann air mheud a thathas gan tasgadh seach tiotalan no cuspairean no eile? Leis sin, thig thu air sgeilpichean a tha loma-làn de dhiofar sheòrsaichean cuspair, feadhainn dhiùbh ’s dòcha nach deach fhosgladh bhon latha thàinig iad a-staigh (agus tha 6,000 – seadh, sia mìle – a’ taomadh a-steach gach seachdain!). Agus an robh fhios agaibh gu bheil 13 làir anns an togalach a chì sibh air Drochaid Sheòrais IV?

Agus tha stuth ann mu spòrs. A h-uile seòrsa spòrs air an do smaoinich mac an duine. Agus gu leòr air nach do smaoinich sinn, agus ris nach biodh dùil ’s dòcha – a leithid roller-ball. Cha robh Ùisdean riamh ris an roller-ball agus cha bhi, ach bidh mi a’ rannsachadh stuth an Leabharlainn agus ga fhuasgladh a-mach tro bhlogs, air-loidhne agus tro phrògraman rèidio, tha mi cinnteach, nuair a thig Coinneach Mòr às ar dèidh. Bidh fàilte roimhe, mar a bhios tro neach sam bith a tha le ceist a bheil leabhar againn air siud no seo. Agus gu sònraichte leabhraichean agus bileagan agus stuth eile co-cheangailte ri spòrs. Tha an obair a bhios mi a’ dèanamh a’ cur ri eòlas dhaoine air an stuth a th’ againn, a’ togail cheistean mu rud sam bith nach eil againn, agus a’ cruthachadh stuth ùr son na làraich-lìn agus sgoiltean. Bidh an rannsachadh cuideachd a’ cur ri pròiseact eile anns a bheil mi an sàs a’ cuideachadh dhaoine a tha a’ tighinn beò le seargadh-inntinn no aonranachd. Agus tha an obair sin air a bhith na h-uallach agus na h-urram dhomh mar-thà.

Abair spòrs! Dà latha san t-seachdain, bidh mi cho sona ri fear a chuir cas am bròig. A’ leughadh leabhraichean, a’ cnuasachd agus a’ ceilearadh bho @hughdansport no aig [email protected] agus [email protected]. Feuch gun tig sibh a chèilidh. Ged nach urrainn dhuibh leabhar a thoirt a-mach às an fhàrdaich, mur bi mi air mo mhealladh, gheibh sibh freagairt air bhur ceist agus toileachas dha rèir.

O CHIONN 80 BLIADHNA - ON WEEKLY SCOTSMAN, 5 ÒGMHIOS 1937

An t-Urr. Calum Mac Chaluim

Hide Ad
Hide Ad

Cha b’ ann air taobh na Gàidhlig a gheibht am fear so ach air taobh an dream a bha ‘ga labhairt. B’ aithne dhomh e glé mhath agus b’ iomadh oidhche thaitneach a chuir mi seachad ‘na dhachaidh am Mucàrn.

Bha e ‘na mhinistear dìcheallach, saothrachail, ‘na dheagh shearmonaiche agus anabarrach toigheach air a bhi am measg an t-sluaigh. Thug e móran aire do cheist an fhearainn agus chùm so am mach e á aon no dha de sgìreachdan taiceil a dh’fhaodadh e fhaighinn. Chan e gu’n robh e ùpraideach no iorghuileach, ach b’ e ach beag an t-aon mhinistear Gàidhealach a chomhairlich do’n phobull éiridh an aghaidh nan uachdaran. Bu bheag a bhuannaich e air a thàilleamh so ach bu mhór a chaill e, cha b’ ann a mhàin an rathad cothroman gu sgìreachdan maiseach fhaighinn ach, mar an ceudna, an rathad càirdeis dhaoine inbheach agus measail. Bha e tàlandach, comasach, agus cha b’ e h-uile fear a ruigeadh leas seasamh m’a choinneamh a dheasbud ceist fhollaiseach ‘sam bith a bhuinneadh do’n Ghàidhealtachd. Cha d’ fhuair e riamh a staigh do’n Phàrlamaid ged a thug e oidhirp no dhà.

B’ e aon de na h-aobhair air a shon so gu’n robh e tuillidh is neo-mhathach – tuillidh is deas gu a bheachdan a dhèanamh soillear.

Dh’fhalbh e is dh’fhalbh a bhràthair, Dòmhnull, cuideachd. Bha iad le chéile nam ministearan dìleas agus ‘nam postachan làidir am pàirt an t-sluaigh choitcheann.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Làrach Taigh Mhic Dhòmhnaill

Often the origins of seemingly obscure Gaelic place-names are preserved in oral tradition - beul-aithris in Gaelic, writes Coinneach MacFhraing. I recently discovered this story behind a name in my local area while browsing field recordings made by Calum I. Maclean on the Tobar an Dualchais website.

In the year 1539 Dòmhnall Gorm Shlèite (Blue Donald of Sleat), 5th chief of the MacDonalds of Sleat, laid siege to the Macrae stronghold of Eilean Donan Castle. Despite commanding an overwhelmingly larger force, Dòmhnall Gorm was wounded, in truly Homeric fashion, by an arrow to the ankle. In some versions the arrow (saighead) was shot in a joint effort between a blind man and his young son, in others by a keen-eyed Macrae archer. Seeing that he was losing blood at an alarming rate, Dòmhnall Gorm’s followers quickly took him away by boat to a hut on a skerry in the eastern end of Loch Alsh, where he died. The skerry (sgeir) is known to this day as Làrach Taigh Mhic Dhòmhnaill ‘the site of the house of MacDonald’.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning