

[English-language version below]
Chan e dìreach nach eil na ceanglaichean-siubhail – air muir, anns an iarmailt agus air tìr – a-riamh air a bhith cho cugallach, co-dhiù na mo beatha-sa, ach tha beàrn mhòr eadar na gluasadan poileasaidh a tha a’ tachairt agus na feumalachdan a tha aig coimhearsnachdan iomallach.
Tha e duilich a dhèanamh a-mach dè dìreach as coireach ris: an e dìth tuigse, dìth diù no dìth comais, ach chan eil cus coltas ann gu bheil na tha math dha na h-eileanan a’ tighinn a-steach air gnothaichean.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdAm measg iomadach rud eile, tha sinn a-nis a’ faicinn molaidhean a’ tighinn air adhart a bheir bacadh mòr air na dh’fhaodar a dhèanamh aig muir, chun na h-ìre agus gun cuir e às dha ge bith dè a tha air fhàgail de ghnìomhachais an iasgaich.
Agus chan e sin a-mhàin. Chan fhaodar fiù ‘’s slat iasgaich a chleachdadh, no iasgach sam bith a dhèanamh aig muir mar chur-seachad.
Dhà no thrì fhaochagan a chruinneachadh bhon chladach? Dìochuimhnich mu dheidhinn. Feamainn a thogail airson a’ ghàrraidh… eucoir!
‘S ann a rèir choltais airson àrainneachd na mara a dhìon a tha a h-uile càil a tha seo, ach leis cho fada ‘s a tha na molaidhean casg a’ dol, ‘s ann a shaoileadh thu gu bh’eil rudeigin nas buirbe air a chùlaibh – eileanaich a chronachadh airson a bhith a’ fuireach air eileanan.
Le na molaidhean a tha seo, bidh e an ìre mhath do-dhèanta dha duine sam bith càil a dhèanamh timcheall na mara. Smaoinich fhèin na bhios sin a’ ciallachadh.
Nuair a bhathas gan dealbh – ann an oifisean fad às a’ choireigin – an robh idir duine ann le gu leòr de sgot a thuigeadh a’ bhuaidh a bhiodh aige seo air eileanaich agus air eileanan, gu h-eaconamaigeach, gu sòisealta is gu cultarail. No an e nach robh e gu diofar.
Bu chòir a ràdh nach eil ann ach molaidhean an-dràsta agus tha co-chomhairleachaidh a’ dol air adhart airson beachdan a shireadh, ach bha gu leòr de dhaoine an àiteigin a’ smaoineachadh gun robh seo iomchaidh gu leòr airson a chur air adhart gu h- oifigeil.
Mar a thuigeas duine le leth-chiall, tha daoine air am fàgail feargach agus clisgeach (nas miosa na bha; ma ghabhas sin a bhith), le aon iasgair ag ràdh gun toir seo an aon buaidh air na h-eileanan ‘s a thug na h-uachdarain a dh’fhuadaich na daoine anns an 19mh linn.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdAnns na h-Eileanan Siar, ann an Tiriodh agus air fad an taobh an iar, tha daoine a’ dol air an casan – agus ‘s beag an t-iongnadh.
Leis mar a tha daoine – gu sonraichte Comhairle nan Eilean Siar is gnì omhachas an iasgaich – air bruidhinn a-mach mu dheidhinn, tha fhios gun tig atharrachadh a’ choireigin air na molaidhean.
Ged nach biodh ann ach aon phrionnsabal, sìmplidh, cinnteach ri chur an sàs: gur bith dè an truailleadh a tha air tachairt air àrainneachd na mara, chan e iadsan a tha a’ fuireach anns na h-eileanan as motha as coireach ris.
Ach, tha puing fharsaing eile an seo cuideachd. Cò idir a tha seasamh còraichean nan eilean anns na seòmraichean far a bheil a’ ghòraich seo a’ tachairt? Carson, a-rithist is a-rithist, a tha co-dhùnaidhean poilitigeach gan dèanamh a tha a’ fàgail nan eilean air dheireadh agus a’ toirt droch bhuaidh air ar coimhearsnachdan.
Tha e a’ fàgail droch bhlas, agus chan eil gnothaich aige ri truailleadh sam bith anns an àrainneachd.