‘Tha GOC a’ dearbhadh cor lag a’ chànain’

. . . An Ollamh Richard Cox. Tha e a’ teagasg cànan agus litreachas aig Sabhal Mòr Ostaig, ach bidh mòran eòlach air ainm bho chòmhdach an fhaclair a thathas a’ cleachdadh sna sgoiltean. Mus do nochd Brìgh nam Facal ann an 1991 cha robh ann ach faclairean Gàidhlig gu Beurla.

Tha ginealaich de sgoilearan air tighinn a-nuas bhon uair sin le sealladh gur e rud àbhaisteach faclair Gàidhlig a bhith ann. A bheil thu a’ faicinn buaidh an obair sin a’ nochdadh ann an saoghal nan oilthighean?

“Seach nach deach a leithid a dhèanamh mar-thà, bha agam fhìn ri reim agus stoidhle iomchaidh a chruthachadh dha. Bhiodh e math nan toireadh am pròiseact ‘Faclair na Gàidhlig’ sin air bòrd sna foillseachaidhean aca fhèin, mar rinn Geiriadur Prifysgol Cymru, a tha sa Chuimris air fad ach le na brìghean air an atharrais sa Bheurla. Ach chì sinn am bi a mhisneach ann sin a dhèanamh dhan Ghàidhlig.”

Hide Ad
Hide Ad

Agus a bheil nì sam bith ann a dhèanadh tu a-rithist ann an dòigh eadar-dhealaichte?

“Lean mi GOC (Gaelic Orthographic Conventions 1981) ann am Brìgh nam Facal. Bha gu leòr de mholaidhean GhOC air an toirt a-steach ‘gu nàdarra’, mean air mhean thairis air na deicheadan roimhe, ach se cothrom a bh’ ann a bhith gam mìneachadh, le sùil ri cunbhalachd. Ach chaidh atharrachaidhean eile a mholadh nach robh idir air an dèanamh mar-thà ’s a bha stèidhichte air feumalachdan na sgoile mar a bha cuid gam faicinn. Mar eisimpleir, an gluasad bho stràcan mall agus stràcan geura gu stràcan mall a-mhàin, leithid mór gu mòr agus dé gu dè, gus nach fhaicte tuilleadh an diofar fuaimneachaidh eadar Mòrag agus mór no eadar gnè agus dé. Aig a’ char as lugha, bha seo a’ dearbhadh cor lag a’ chànain agus misneach lag a luchd-cleachdaidh – no co-dhiù na feadhna a rinn am moladh.”

Tha e fasanta an-dràsta gun a bhith faicinn mòran feum ann an gràmar foirmeil, ach tha thu air blog sònraichte gràmair a chur air bhonn (www.bloighgramair.blogspot.com). Carson?

“Thòisich mi ‘Bloigh Gràmair’ gus oileanaich a bhrosnachadh ri bhith smaoineachadh air gràmar agus cuideachd gun fhios nach robh duine eile a-muigh an-sin a bha dèidheil air ceistean beaga inntinneach air gràmar na Gàidhlig. Thig i mach nuair bhios ùine agam eadar teagasg agus rannsachadh. Chan eil mi a’ feuchainn ris an domhan air fad iompachadh, ach tha mi an dòchas gun tog e ùidh na feadhna aig a bheil càil idir ’na leithid de rud.”