

[English-language version below]
Chan eil sinn air cus a chluinntinn mu dheidhinn seo anns an ùine ud, ach tha e ann an cunnart èiginn nach beag a chruthachadh, agus chan eil sinn a’ bruidhinn dha na Barraich a-mhàin nas motha.
Tha an suidheachadh a’ cuairteachadh an Dr Mark Wilcox sònraichte, leis an eas-aonta a th’ air a bhith ann le Bòrd Slàinte nan Eilean Siar mun t-slighe air adhart.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdAn-uraidh, leig an Dr Scott McMinn – a bha còmhla ris ann an ionad meidigeach Bharraigh ann am Bagh a’ Chaisteil – dheth a dhreuchd cuideachd (bha e air an aois sin a ruighinn) agus tha sin a-nis a’ ciallachadh nach bi dotair teaghlaich làn ùine air fhàgail air an eilean.
Tha seirbheisean meidigeach taobh a-muigh nan uairean làitheil an urra ris a’ bhòrd-slàinte ach ann am Barraigh, tha iad air sin a chur ann an làmhan nan dotairean ionadail tro chùmhnant.
Ach, tha iadsan air a bhith togail dragh mun t-slighe air adhart agus chan eil càil a' choltais gu bheil am bòrd-slàinte air cus feairt a thoirt dhaibh.
Ged a tha dotairean teaghlaich ag obair air an ceann fhèin, tha uallach air a’ bhòrd deànamh cinnteach gun tig seirbheis choileanta a chumail. Thuirt neach-labhairt gum bi iadsan a-nis a’ gabhail smachd air an ionad mheidigeach gus am faighte air rudeigin a chur air dòigh san ùine fhada.
Ach, ri linn mar a tha duilgheadas ann dotairean teaghlaich fhaighinn a dh’obraicheas anns na sgìrean dùthchail san fharsaingeachd, chan eil e idir soilleir am faigh iad air a dhàanamh – fiù ‘s le feadhainn a’ tighinn a dh’obair ann airson greis bheag mar locums – gun luaidh air dithis a bhios deònach an t-ionad a ghabhail a-nall gu tur.
Tha còrr air mìle duine a’ fuireach ann am Barraigh agus bidh na h-àireamhan a’ dol suas gu mòr as t-samhradh ri linn turasachd. Mar sin, chan eil obair a dhìth ann.
’S e fear dhe na duilgheadasan san fharsaingeachd, coltach ri gu leòr eile, ‘s nach eil daoine san là a tha ann ag iarraidh an t-uallach a bharrachd a ghabhail a bhios a’ tighinn ma choinneamh a bhith beò air an iomall.
Tha na dotairean ùra airson obrachadh anns na bailtean mòra, far a bheil na h-uairean obrach aca nas cinntiche agus far a bheil e nas fhasa tìde dheth a ghabhail.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdAgus mar as motha a leanas sin mar a tha e, ‘s ann as duilighe a bhios e a chur ceart. Mar as motha an crìonadh a thig air àireamhan nan dotairean teaghlaich anns na sgìrean dùthchail, ‘s ann buileach as duilighe a bhios e feadhainn eile fhaighinn a thig nan àite.
Tha e soilleir carson a tha seo na dhuilgheadas, ach tha e draghail ann an seagh eile. ‘S e sin, mura eil dotair ri làimh san sgìre, chan eil sin idir tarraingeach dha teaghlaichean òga no dha daoine ùra a thàladh dhan àite.
Dh’fhalbh na làithean nuair a bhiodh an dotair teaglaich ri fhaighinn tron là is air an oidhiche agus chan eil duine a’ sùileachadh gun tig sin air ais.
Ach, chan eil e idir mì-reusanta a bhith an dùil ri seirbheis choileanta, as bith dè a' phàirt dhen dùthaich anns a bheil thu a' fuireach. Aig a’ cheann thall, chan eil ann an sin ach a' bhunait air an deach seirbheis slàinte na dùthcha-sa a stèidheachadh sa chiad àite.