[English-language version below]
Ann an suidheachadh eileanach dhen t-seòrsa sin, tha na buidhnean mar-thà eòlach air a bhith ag obair faisg air a chèile, agus air an roinn phrìobhaidich cuideachd.
Mar sin dheth, tha e cus nas fhasa rudeigin a chur air chois ann an dòigh a tha co-òrdanaichte.
‘S e an t-amas le seo ‘s gun tig seòrsa de dh’eisimpleir a chruthachadh dhan chòrr dhen dùthaich.
Ach a’ leanntainn nan targaidean mar a tha iad an-dràsta, ‘s e eisimpleir dha-rìribh mìorbhaileach a dh’fheumas a bhith ann, bhon a tha an targaid airson na dùthcha air fad a bhith carbon cothromach a’ tighinn dìreach còig bliadhna às dèidh nan eilean.
Ged a shaoileas sinn g’ eil ùine fhada ann am fichead bliadhna, nuair a smaoinicheas thu air na tha ri dheànamh, thèid e seachad mas seall thu riut fhèin.
Chaidh Barraigh, Yell, Hoy, Ratharsair, Ìle agus Cumaradh a thaghadh agus a dh’aona-ghnothach air sgàth ‘s g’ eil iad a’ tighinn fo ùghdarras diofar chomhairlean – Na h-Eileanan an Iar, Sealltainn, Arcaibh, a’ Ghàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Siorrachd Àir a Tuath.
Dè a-rèist am plana airson nan eileanan seo a dhèanamh carbon cothromach ann an deugachadh a bhliadhnachan eile?
Uill, deagh cheist, bho cho fad ‘s a chithear, chan eil gnìomhan cruaidh sam bith air an cur sìos ma choinneimh.
A’ cur air chois a' phlana airson nan sia eileanan sa Phàrlamaid Dimàirt, thuirt Màiri Gougeon, ministear nan cùisean dùthchail agus nan eilean, gu bheil na sgìrean eileanach “air thoiseach a thaobh na slighe gu carbon neoini” agus gum bi iad nan eisimpleir dha sgìrean eile.
Ach, nuair a thig e gu dè dha-rìribh a bhios a’ tachairt fon phlana, cha tuirt i ach gum bi na h-ùghdarrasan “ag obair gu dlùth leis na coimhearsnachdan airson gluasad gu carbon neoini ann an dòigh a tha cothromach”, agus cuideachd gun innis iad na dh’ionnsaicheas iad dha càch.
Tha seo a’ togail ceist eile: dè as coireach nach eil seo a’ tachairt mar-thà agus an uimhir a dh’ìmpidh air cùisean na h-àrainneachd. Mura h-eil, carson nach eil? ‘S dòcha gum biodh an ùine na b’ fheàrr a chaitheamah air fuasgladh fhaighinn air sin.
Chaidh na h-eileanan a thaghadh agus iad cho mòr fo sgleò atharrachadh na sìde, le ìrean na mara ag èirigh agus an aimsir a’ fàs nas èiginniche.
Ach, tha iad cuideachd a’ fulang ri linn rud eile aig nach eil cus buntannais ri truailleadh na h-àrainneachd: crìonadh sluaigh, gu h-àraidh nam measg aig aois obrach, rud a tha air a dheànamh nas miosa le seirbhisean air an gluasad chun a’ mheadhain agus barrachd is barrachd airson fuireach sna bailtean mòra.
Anns an deasbad anns a’ Phàrlamaid Dimàirt, dh’iarr ball-pàrlamaid Arcaibh Liam MacArtair an t-airgead a thathas a’ cosg air seo a chur gu bhith a’ leasachadh sheirbheisean a’ bhann-leathainn agus gach dachaigh anns na h-eileanan seo a dhìon ann an dòigh ’s nach fheumar cus connaidh a chleachdadh airson an cumail blàth – dà rud a bhiodh na chuideachadh mòr ann an a bhith a' cumail daoine annta.
Bhon gu cinnteach tha aon nì fìor, tha e furasta gu leòr targaidean carbon cothromach a chur ma choinneimh àite a tha na fhàsach.