Suaimhneas na h-òige san eilean

BIDH móran den luchd-leughaidh againn eòlach air Dìleab Cholbhasach: Colonsay Legacy le Barbara Satchel (Barbra Cholla), mun tug sinn iomradh air 21 Sultain an-uiridh – an leabhar dha’n do chruinnich Mòrag Law, nighean Barbra, na h-airtigealan luachmhor ’s na h-aistidhean sgoinneil a sgrìobh a màthair do Ghairm eadar 1983 agus 1997, le eadar-theangachadh Beurla ’nan cois (tha Mòrag ’na tidsear Gàidhlig).
Mrs Barbara Satchel (nee MacAllister), Gaelic writer from Colonsay, as a young teenager in the island. Picture: ContributedMrs Barbara Satchel (nee MacAllister), Gaelic writer from Colonsay, as a young teenager in the island. Picture: Contributed
Mrs Barbara Satchel (nee MacAllister), Gaelic writer from Colonsay, as a young teenager in the island. Picture: Contributed

Tha Barbra ag innse mar a rugadh i ann an 1917 anns an Riasg Bhuidhe, baile fearainn air cost’ an-ear an eilein a tha an-diugh falamh fàs, ’s mar a ghluais an teaghlach gu aon de na taighean brèagha ùra le staidhre agus “guitear” (sanitation) a thogadh anns a’ Ghlasaird, faisg air Sgalasaig, ann an 1922. Tha i ag ràdh gur i a’ Bhan-Mhorair Strathcona a thog iad, ach sann bho riaghaltas Lloyd George, fon sgeama “Homes for Heroes”, a thàinig an t-airgead, a réir choltais.

Co-dhiù, tha Mòrag a’ togail na sgeulachd. “Bhon a thàinig Dìleab Cholbhasach a-mach tha mi air dealbhan a bharrachd fhaighinn bho Netta Titterton, banntrach mo cho-ogha, Collin. Seo aon dhiubh, a’ sealltainn mo mhàthar mar dheugair òg ’s i ’na seasamh faisg air àite ann an Colbhasa ris an canar Tobar na Caillich. Tha powder compact ’na làimh chlì ’s i a’ cur face powder oirre leis an làimh eile. Bha mi gu sònraichte toilichte an dealbh seo fhaighinn, oir chan eil dealbhan eile agam de mo mhàthair mar phàist no mar chaileig òg.

“Tha Tobar na Caillich ri taobh an t-seann rathaid eadar Sgalasaig agus Cill Òdhrain ris an canar Bruaich a’ Bheannain.”