Prògraman Nollaig? Chan eil duine gan dèanamh nas fheàrr na BBC Alba

AIG àm na Nollaige tha sinn air ar bogadh ann am prògraman ràitheil, sònraichte gus na teaghlaichean a shàsachadh as dèidh na dìnnearan mòra aca a ghabhail.

Nam bharail-sa, b’ ann air BBC Alba a bha an fheadhainn a b’ fheàrr an turas seo, le iomadh seòrsa gnè dhiubh ri lorg gus an latha a chur seachad gun strì.

Latha na Nollaige fhèin, thachair sinn ri seinneadairean a bha gu math diofraichte bhon chiad shealladh ach a bha a’ seinn son na ciad uair, bhon aon duilleig. Ann an Is Mise Michelle McManus ghabh sinn cuairt leis an t-seinneadair Albannach a choisinn cliù dhi fhèin nuair a rinn i a’ chùis air an fharpais TBh Pop Idol. Ged a rugadh ’s a thogadh i ann an Glaschu, bha Michelle cinnteach gun robh ceanglaichean teaghlaich aice ri Barraigh.

Hide Ad
Hide Ad

Lean sinn a slighe rannsachaidh dhan eilean sin agus cuideachd a dh’Uibhist, far an do ghabh i pàirt san t-seachdain chiùil “Ceòlas”. Fhad ’s a bha i ann, fhuair i sàr ionnsachadh bho na seinneadairean cliùiteach Rona Lightfoot agus Kathleen NicAonghais gus dùbhlan ùr a choileanadh – òran Gàidhlig a sheinn air beulaibh luchd-èisteachd Gàidhlig agus air àrd-ùrlar.

B’e prògram aotrom spòrsail a bh’ ann, a dhearbh cho càirdeil tuigseach ’s a tha Michelle, cho eireachdail ’s a tha seallaidhean Bharraigh ’s Uibhist agus cho duilich ’s a tha e òrain Ghàidhlig a ghabhail gun fhacal Gàidhlig ’nad theangaidh. Agus ged a rinn Michelle a’ chùis uair eile, feumaidh mi aideachadh gun robh mi a’ sùileachadh ri barrachd òrain Ghàidhlig a chluinntinn bhuaipe. Ach ’s dòcha gun nochd iad san ath phrògram aice!

Leis a-sin, ’s math gun robh òrain am pailteas anns Na Caimbeulaich, sàr phrògram mun teaghlach ainmeil ás a’ Ghnìob anns an Eilean Sgitheanach. Cha chreid mi gu bheil duine beò ann an saoghal na Gàidhlig nach aithnich a’ mhòrchuid den teaghlach seo, agus anns a’ phrògram, ghabh sinn sgrìob ioma-fhillte tron eachdraidh beatha aca. Se teaghlach aithnichte a th’ annta, chan ann a-mhàin air son an comasan ciùil ach air son an taic a thug iad dha leasachadh na Gàidhlig ann an Glaschu, agus anns a’ phrògram, chaidh a thaisbeanadh gu soilleir gur iad a tha làn airidh air an cuid cliù. Bha e làn agallamhan bho bhuill an teaghlaich agus bho chlàraidhean bho iomadh linn, ’s chaidh a chur ri chèile le snas agus tuigse.

Le leabhar agus clàr cuideachd anns an amharc, tha e follaiseach gum mair dìleab phrìseil nan Caimbeulach air son nan ginealach ri tighinn sa h-uile seadh.

Ach cha b’ ann do dh’inbhich a-mhàin a bha prògraman na Nollaige. Bha e ’na thoileachas do mhòran gun deach dreach Gàidhlig a chur air fear de na craolaidhean ainmeil aig Wallace agus Gromit. Bha Mallachd an Fhir-Rabaide ’na tharraing do chloinn ’s do dh’inbhich, agus sheall e gu bheil Gromit a cheart cho siùbhlach anns a’ Ghàidhlig!

’Na mo bharail-sa cuideachd, bha e ’na bhuannachd nach robh sgeul air fo-thiotalan leis gu bheil e fìor dhuilich gun a bhith gan leantainn, fiùs ma tha do chlaigeann làn Gàidhlig. Ma thathas air son luchd-amhairc ùr a tharraing ’s a ghlèidheadh, chuirinn fàilte air tuilleadh dhen t-seòrsa.

Related topics: