Nuair bu bhuidhe an t-òr

THA am fo-thiotal aig Scottish Gold: Fruit of the Nation le Neil Clark (Neil Wilson, £14.99) a’ tighinn bho stòiridh mun Rìgh Seumas V.
Bonn òir le ceann Sheumais V, 1540. Picture: ContributedBonn òir le ceann Sheumais V, 1540. Picture: Contributed
Bonn òir le ceann Sheumais V, 1540. Picture: Contributed

Bha uiread òir ga lorg air Mòinteach Crawford ri linn ’s gun tug e bobhla loma-làn de bhuinn òir Albannach do Rìgh na Frainge mar mhìlsean aig deireadh cuirme. “Seo,” ars esan, “measan an nàisein.”

Tha Scottish Gold an dà chuid grinn agus inntinneach. Grinn a chionns gu bheil e làn dhealbh­an, a’ mhórchuid dhiubh dathte, de chnapan òir, de bhuinn àrs­aidh, de rudan òir eile a chaidh a lorg, de dh’obraichean òir nan amannan a chaidh, ’s de dh’àit­eachan far a bheil òr ri fhaotainn an-diugh. Agus inntinneach a chionns gu bheil caibidealan ann mu nàdar an òir, mu chreig­eòlas an òir, mu roi-eachdraidh agus eachdraidh an òir (òr nan Ceilteach, nan Ròmanach, nan Lochlannach), mu na buinn ’s na seudan a tha againn ás na Meadh­an Aoisean ’s á amannan nas fhaisge air an latha an-diugh, agus mu eachdraidh nam mèinn­eachan ann an diofar àiteachan.

Hide Ad
Hide Ad

Bidh ùidh air leth aig leugh­adairean na duilleig seo anns na th’ ann mun Ghaidhealtachd. Tha sinn a’ leughadh mu thorc òir a sgròb iasgair chreachann á Sgalpaigh, Coinneach Coinigean, far grunnd na mara ann an 1991. Shaoil e nach robh ann ach pìos de sheann leabaidh agus shad e dhan bhogs’ innealan e. An ceann bliadhna chunnaic e rud­eigin coltach ris air an Antiques Road Show ’s thug e leis e gu Christie’s ann an Glaschu, far an deach a stiùireadh gu Taighean-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba an Dùn Éideann. Thuirt iadsan gun do rinneadh e mu 1,200 bliadhna ro àm Chrìosta, thagair iad e fon lagh agus fhuair Coinneach ’s an sgiob’ aige duais.

Tha sinn a’ leughadh cuid­eachd mu mhèinneachan Taigh an Droma ’s Chille Donnain. An uair a bha gold rush aig àirde ann an Cille Donnain ann an 1869 bhiodh suas ri 350 duine a’ cladhach ’s a’ panadh air an làr­aich a h-uile latha. Chaidh dà bhaile a thogail; tha dealbh san leabhar de shoidhne mór fiodha a chuir iad suas, BAILE ’N OIR, ’s tha an t-ùghdar ag ràdh: “One was called Baile an Or (Town of Gold) on the Kildonan Burn, and the other Carn nam Buth (the Rock Shop) at the foot of the
Suisgill (although in other publications it has been named Cath­air nam bu, which is supposed to translate as the City of Tents).”

Tha e follaiseach bhuaithe seo gur e “Cathair nam Bùth” a bh’ aig na digearan air an àite ’s gun robh Gàidhlig fada na b’ fheàrr acasan na th’ aig an ùghdar. Ach tha nas miosa air duilleag 6 far a bheil clàr aige a’ sealltainn nam faclan son “òr” agus “buidhe” ann an diofar chànanan Eòrpach. Fo “Latin Languages” (!) tha e toirt dhuinn “Or” agus “Bhuide” (!) ann an Gàidhlig, “Or” agus “Bui” ann an “Erse” (!) agus “Urre” agus “Horia” ann am Basque. Ouch! Tha notaichean-coise a’ leigeil fhaicinn gun d’fhuair e an t-eòlas seo air fad on eadar-lìon. Cha bhiodh siud cho dona mur b’e gu bheil e ’na neach-cùraim creigeòlais aig a’ Hunterian an Oilthigh Ghlaschu ’s gun deach an leabhar a dheasachadh (ann an cabhaig?) an lùib taisbeanadh a ghabh àit’ ann bho Mhàrt gu Ògmhios 2014.

Oifigearan Gàidhlig? Roinn­ean Ceiltis/Gàidhlig/Cànanachais? Profeasairean Ceiltis/Gàidhlig/Càn­anachais? Dé feum a th’ annta mur bi daoine gan cleachdadh?