Nuair bu bhuidhe an t-òr
Bha uiread òir ga lorg air Mòinteach Crawford ri linn ’s gun tug e bobhla loma-làn de bhuinn òir Albannach do Rìgh na Frainge mar mhìlsean aig deireadh cuirme. “Seo,” ars esan, “measan an nàisein.”
Tha Scottish Gold an dà chuid grinn agus inntinneach. Grinn a chionns gu bheil e làn dhealbhan, a’ mhórchuid dhiubh dathte, de chnapan òir, de bhuinn àrsaidh, de rudan òir eile a chaidh a lorg, de dh’obraichean òir nan amannan a chaidh, ’s de dh’àiteachan far a bheil òr ri fhaotainn an-diugh. Agus inntinneach a chionns gu bheil caibidealan ann mu nàdar an òir, mu chreigeòlas an òir, mu roi-eachdraidh agus eachdraidh an òir (òr nan Ceilteach, nan Ròmanach, nan Lochlannach), mu na buinn ’s na seudan a tha againn ás na Meadhan Aoisean ’s á amannan nas fhaisge air an latha an-diugh, agus mu eachdraidh nam mèinneachan ann an diofar àiteachan.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdBidh ùidh air leth aig leughadairean na duilleig seo anns na th’ ann mun Ghaidhealtachd. Tha sinn a’ leughadh mu thorc òir a sgròb iasgair chreachann á Sgalpaigh, Coinneach Coinigean, far grunnd na mara ann an 1991. Shaoil e nach robh ann ach pìos de sheann leabaidh agus shad e dhan bhogs’ innealan e. An ceann bliadhna chunnaic e rudeigin coltach ris air an Antiques Road Show ’s thug e leis e gu Christie’s ann an Glaschu, far an deach a stiùireadh gu Taighean-Tasgaidh Nàiseanta na h-Alba an Dùn Éideann. Thuirt iadsan gun do rinneadh e mu 1,200 bliadhna ro àm Chrìosta, thagair iad e fon lagh agus fhuair Coinneach ’s an sgiob’ aige duais.
Tha sinn a’ leughadh cuideachd mu mhèinneachan Taigh an Droma ’s Chille Donnain. An uair a bha gold rush aig àirde ann an Cille Donnain ann an 1869 bhiodh suas ri 350 duine a’ cladhach ’s a’ panadh air an làraich a h-uile latha. Chaidh dà bhaile a thogail; tha dealbh san leabhar de shoidhne mór fiodha a chuir iad suas, BAILE ’N OIR, ’s tha an t-ùghdar ag ràdh: “One was called Baile an Or (Town of Gold) on the Kildonan Burn, and the other Carn nam Buth (the Rock Shop) at the foot of the Suisgill (although in other publications it has been named Cathair nam bu, which is supposed to translate as the City of Tents).”
Tha e follaiseach bhuaithe seo gur e “Cathair nam Bùth” a bh’ aig na digearan air an àite ’s gun robh Gàidhlig fada na b’ fheàrr acasan na th’ aig an ùghdar. Ach tha nas miosa air duilleag 6 far a bheil clàr aige a’ sealltainn nam faclan son “òr” agus “buidhe” ann an diofar chànanan Eòrpach. Fo “Latin Languages” (!) tha e toirt dhuinn “Or” agus “Bhuide” (!) ann an Gàidhlig, “Or” agus “Bui” ann an “Erse” (!) agus “Urre” agus “Horia” ann am Basque. Ouch! Tha notaichean-coise a’ leigeil fhaicinn gun d’fhuair e an t-eòlas seo air fad on eadar-lìon. Cha bhiodh siud cho dona mur b’e gu bheil e ’na neach-cùraim creigeòlais aig a’ Hunterian an Oilthigh Ghlaschu ’s gun deach an leabhar a dheasachadh (ann an cabhaig?) an lùib taisbeanadh a ghabh àit’ ann bho Mhàrt gu Ògmhios 2014.
Oifigearan Gàidhlig? Roinnean Ceiltis/Gàidhlig/Cànanachais? Profeasairean Ceiltis/Gàidhlig/Cànanachais? Dé feum a th’ annta mur bi daoine gan cleachdadh?