Màthair nan uile blàr

CHAIDH Cath Gairbheach (the Battle of Garioch, no Blàr Harlà) a chur air Oidhch’ Fhéill Sheum­ais, 24 Iuchar 1411, bho chionn 603 bliadhna an t-seachdain sa.Ann an tìde theth theth mar tha air a bhith againne, choinnich na h-airm aig Dòmhnall rìgh nan Eilean agus aig Alastair Stiùbhart iarla Mhàrr air talamh réidh os cionn bail’ Inbhir Uraidh, ann an Siorrachd Obar Dheathain.
Chithear Gilbert de Greenlaw air còmhdach Bludie Harlaw. Gu mì-fhortanach chan eil ìomhaighean ann de Dhòmhnall rìgh nan Eilean, de dhEachann Ruadh nan Cath no de dhiarla Mhàrr. Picture: ContributedChithear Gilbert de Greenlaw air còmhdach Bludie Harlaw. Gu mì-fhortanach chan eil ìomhaighean ann de Dhòmhnall rìgh nan Eilean, de dhEachann Ruadh nan Cath no de dhiarla Mhàrr. Picture: Contributed
Chithear Gilbert de Greenlaw air còmhdach Bludie Harlaw. Gu mì-fhortanach chan eil ìomhaighean ann de Dhòmhnall rìgh nan Eilean, de dhEachann Ruadh nan Cath no de dhiarla Mhàrr. Picture: Contributed

Chan eil luchd-eachdraidh
ag aontachadh cia mheud mìle duine a bh’ air gach taobh – seachd, ochd, naoi, deich? Chan eil iad fiùs ag aontachadh co leis a chaidh an latha, mas ann le duine sam bith. Aon nì tha cinn­teach, ge-tà, se gun do dh’aith­nich Dòmhnall gun do rinn e mearachd uabhasach, gun do thionndaidh e le arm ’s gun do thill e dha na h-Eileanan.

Seo as cuspair do leabhar ùr inntinneach, Bludie Harlaw: Realities, Myths, Ballads, le Iain A Olson (Birlinn, £14.99).

Hide Ad
Hide Ad

An toiseach tha Olson a’ cur an céill dé bha tachairt ann an rìoghachd na h-Alba aig an àm, agus dé tha na diofar thùsan ag innse dhuinn. Am measg an fheadhainn as tràithe tha each­draidhean Bower, Major, Boece agus Bhochanain, bailead ann am Beurla na h-Alba (Albais), am “Brosnachadh Catha” Gàidhlig a th’ air a chur ás leth Lachlainn Mhóir MhicMhuirich, agus iomradh a sgrìobh an t-Easbaig
Dioness (Donnchadh) Caimbeul ann an 1596. Am measg an
fheadhainn as anmoiche tha eachdraidh Chloinn Raghnaill (Gàidhlig), eachdraidhean nan Dòmhnallach ’s nan Leathanach (Beurla), tuilleadh bhaileadan Albais agus Tales of a Grandfather aig Sir Bhàtar Scott. Tha each­draidh Chloinn Raghnaill ag ràdh mu Dhòmhnall gun do “brisd se cath Gaifech cairfech”, a tha Olson a’ mìneachadh mar He won (brisd se) the costly (Gaif­ech = gáibhtheach = gàbhaidh) battle (cath) of Harlaw (cairfech = Gairbheach = Garioch). Tha mi cinnteach gu bheil e ceart.

Tha e a’ leigeil fhaicinn an uair sin gun do dh’fheuch Scott, gu sònraichte, ri thoirt a chreidsinn oirnn gun robh am blàr ’na chòmhstri eadar Gaidhil bhorba agus Goill shìobhalta son ceannas na h-Alba. Cha robh idir, a réir Olson. Bha Gàidhlig aig a
h-uile duine san rìoghachd, cha mhór, gu h-àraidh tuath air Cluaidh agus Foirthe; bha Dòmh­nall ’na sgoilear; b’e iarla Mhàrr mac an duine ris an canadh iad Faol Bhàideanaich, a loisg Àrd-Eaglais Eilginn gu làr; b’e adh­bhar na h-iomairt aig Dòmhnall a thagairt ri iarlachd Rois, a chaidh a diùltadh dha le riagh­ladair na rìoghachd, diùc Albany (“dux nan Albannach”); bha na daoine seo uile an dlùth chàirdeas dha chéile agus dhan Rìgh 
Seumas I, Gaidheal eile a bha ’na phrìosanach ann an Sasainn; bha leithid Scott a’ gabhail suidh­eachadh 1745 ’s ga sparradh air 1411, nuair bha Alba ’na rìoghachd Ghaidhealach anns an robh beag-chuid a’ bruidhinn Fraingis, Fleamais, Beurla no Laideann, agus anns an robh “Gall” a’ ciall­achadh “Lochlannach”.

Tha e coltach, a réir Olson, gun do ghluais Dòmhnall ’s an t-arm a dh’ionnsaigh Obar Dheathain a chionns gun deach am bros­nachadh leis an fhàilte chridheil a fhuair iad ann an Ros agus Inbhir Nis. An uair a chaidh an fhàilte seo fuar, ’s a chaill na h-uiread am beatha, thuig e nach b’e seo an dòigh as fheàrr air càirdean a dhèanamh. Agus thill e an-iar.

Tha an obair aig Olson air na baileadan Albais cho faiceallach ’s gu bheil e ’na iongnadh ’s ’na mhealladh dùil nach tug e an aon chùram dha na h-òrain Ghàidhlig. Tha e a’ toirt dhuinn facail Uilleim MhicAoidh bho 1914, ge-tà, far a bheil cuid de na bàird a rinn iad air an liostadh. Le seo mar thoiseach tòiseachaidh, rinn mi fhìn cruinneachadh beag de rannan mu Harlà bho dhiofar bhàird (faic shìos), a’ sìneadh bho mu 1650 (Eachann Bacach) gu mu 1850 (Gilleasbaig Grannd).

Tha na bàird seo gu léir a’ mol­adh Dòmhnallaich (sìol Cholla, na “Collaidhnean”) no Leathan­aich, an dà phrìomh chinneadh ann an arm rìgh nan Eilean aig Harlà; chaidh Eachann Ruadh nan Cath, an ceannard Leathan­ach, a mharbhadh ann. Chan eil ach dithist den naoinear a’ cum­ail a-mach gun do bhuinnig Dòmhnall; chan eil duine a’ cum­ail a-mach gun do chaill e, ach tha dithist a’ ceangal Harlà ris an sgeul gun robh smachd aig rìghrean nan Eilean air leth Alba agus aon taigh a chòrr – “Taigh nan Teud” ann an Athall.

Am faod sinn seo a ghabhail mar shamhla son “buaidh chaol”?

Rannan Gàidhlig mu Chath Gairbheach

Chuidich fear dhiubh Cath Gairbheach:

Fhuair sinn ulaidh fear th’ ainme theachd beò.

— Eachann Bacach

Sliochd nan curaidhean talmhaidh

Leis ’n do chuireadh cath Gairbheach;

Fhuair mi uiread dh’ur seanchas —

Gu robh ’n turas ud ainmeil,

Gu robh taigh is leth Alba fo’r cìs.

— Iain Lom

Chuidich Eachann Cath Ghairbheach

Le cruadal a lanntaibh.

— Mairghread nighean Lachainn

Bu cheannard buadhach uasal ainmeil

Eachann ruatharach ruadh nan garbh-chath:

Air son a ghluasaid bha fuath nan Gall ris

’S gun tug e àr orra ’m Blàr Chath Ghairbhich.

— Iain mac Ailein

Tha thu shliochd nam fear gasta

Bha ’m baiteal Chath Gairbheach

Rinn tiomnadh gun taise

Agus gaisgeadh le’n armaibh

Nuair thog iad corp Eachainn

O chasan an naimhdean

Air an tuaghannaibh sgaiteach,

Ga ghiùlan dachaigh tron Ghalldachd.

— Iain mac Theàrlaich Òig
 do Dhonnchadh MacAonghais

O ’n adhlaic sibh an dìochuimhn’

’N seana-chruadal mòr a bhà

An dualchas dhuibh o’r sinnsearachd,

Le’n d’fhuair sibh riamh na blàir?

O togaibh suas gu h-innsginneach

Ur n-inntinnean gu h-àrd —

Nach sinn air bheagan mhìltean linn

A thug linn fhìn Harlà?

— Alastair mac Mhaighstir Alastair

Bhuinnig iad latha Chath Gairbheach:

Rinn iad an argmaid a chomhdach.

Air bheagan comhnaidh gu trioblaid

Thug iad am bristeadh á mòran;

Mac Gill-Eathain ann le chuideachd

’S Lachlann cutach Mac-an-Tòisich.

— Iain MacCodrum

Sìol nan Collaidhnean treuna

Nach tréigeadh an claidheamh,

Dh’fhàs gu cruaidh-bhuilleach treubhach,

Bu mhath feum ri h-àm sgathaidh,

Leis na chuireadh Cath Ghairbh-Fhaich’,

’S gheibhte seanchas air fhathast.

— Ailean Dall MacDhùghaill

Sliochd nan Collaidhnean garga

Leis na chuireadh Cath Gailbheach

’S Domhnall Ballach nan garbhchreach

Rinn Taigh nan Teud aig leth Alba ’na chrìch.

— Gilleasbaig Grannd