Maoir-chladaich: smaoinich as ùr, their comataidh

RINN comataidh thar-phàrtaidh na còmhdhail aig Westminster càineadh làidir air planaichean Riaghaltas Bhreatainn gus na seirbheisean maoir-chladaich a ghearradh, ’s tha iad a’ moladh gun atharraich iad na planaichean aca air sgàth sàbhailteachd.

Tha còig ionadan maoir-chladaich 24-uairean ann an Alba an-dràsta, ach ma thèid na planaichean an sàs, cha bhiodh ann ach aon stèisean 24-uairean ann an Obar Dheathain agus aonan eile an Sealtainn no an Steòrnabhagh a bhios fosgailte rè solas an latha.

A’ foillseachadh aithisg anns a’ Phàrlamaid an t-seachdain seo mu na maoir-chladaich, mu bhàtaichean slaodaidh èiginn ’s mu Bhuidheann Chobhair nan Sgiorraidhean Mara, thuirt cathraiche na comataidh, Louise Ellman BP: “Tha sinn a’ gabhail ris gum feumar an siostam ath-nuadhachadh, ach tha uireasbhaidhean mòra sna molaidhean aig an Riaghaltas do na seirbheisean maoir-chladaich. Chan fhaca sinne mòran taic air an son ’s chan eil misneachd sam bith againn gum biodh na maoir-chladaich cho comasach ’s a tha iad an-dràsta dèiligeadh ri cùisean èiginn, gun ghuth air piseach sam bith tighinn air cùisean.

Hide Ad
Hide Ad

“Ma thèid na th’ ann de dh’ionadan teasairginn a ghearradh gu mòr, thèid eòlas ionadail a chall am measg nan oifigearan a bhios a’ dèiligeadh ri daoine ’s ri soithichean ann an èiginn. Chan eil a’ Chomataidh cinnteach ás mar a tha an Riaghaltas a’ cumail a-mach gun gabh teicneòlas a chleachdadh an àite an seòrsa eòlais ionadail seo. Ged a tha argamaid ann gu bhith lùghdachadh na h-àirimh iomlain de dh’ionadan teasairginn, bu chòir ath-òrdachadh sam bith de na Maoir-Chladaich a bhith stèidhichte air ionadan 24-uairean, mar tha iad an-dràsta, ’s chan ann air stèiseanan a bhiodh fosgailte dìreach nuair bha solas an latha ann, mar a tha an Riaghaltas a’ moladh.”

Thuirt Aonghas Brianainn MacNìll BP: “Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an aithisg air a dhol leis an fhianais a chuala iad fhèin – na rudan a chuala mise ann an Steòrnabhagh, na thuirt a’ Chomhairle ’s na Maoir-Chladaich. Tha a’ chomataidh ri moladh air son aithisg a thoirt a-mach a tha gu math fìrinneach agus a’ dol leis na rudan a chaidh innse dhaibh.

“Tha an aithisg a’ toirt cothrom do Mike Penning, Fo-Rùnaire na Còmhdhail, atharrachadh a dhèanamh, thoradh tha dà aithisg aige a-nis, an tè seo agus t’èile bhon MCA. Cha robh guth air sàbhailteachd ann an aithisg an MCA, cha robh ach iomradh air prìsean pàighidh ’s prìsean thoglaichean. Sin a bha a’ putadh a’ ghnothaich. Tha truas agam ris a’ mhinistear ann an dòigh, tha mi smaointinn nam biodh e air tuigsinn dè bha an MCA a’ moladh an toiseach, cha bhiodh e air seo a thòiseachadh idir. Tha na sàbhalaidhean cho beag, an cunnart – ’s an cunnart poilitigeach – cho mòr, ’s gu bheil mi smaointinn gum b’ fheàrr dha nach fhac’ e riamh aithisg an MCA.

“Bhiodh e glic gun a bhith a’ leantainn aithisg an MCA, ’s ma nì e siud, bidh mise ga mholadh air son a bhith glic agus calma.”

Thuirt Aonghas Caimbeul, ceannard Comhairle nan Eilean Siar, “Tha an aithisg seo, bho chomataidh pàrlamaid aig a bheil deagh chliù, a’ dèanamh càineadh làidir air na molaidhean aig Riaghaltas Bhreatainn ’s a’ Bhuidheann Mara ’s Maoir-Chladaich (MCA) mu ath-nuadhachadh nan seirbheisean maoir-chladaich. Tha a’ Chomhairle ’s ar luchd compàirt ann am Buidheann Ghnìomha Innse Gall nam Maor-Cladaich air a bhith cunbhalach ’nar beachd gu bheil laigsean mòra anns na molaidhean – agus tha e follaiseach gu bheil Comataidh na Còmhdhail gu làidir dhen aon bheachd.

“Tha mi gu sònraichte toilichte gu bheil a’ Chomataidh ag aithneachadh gun tèid eòlas ionadail ro phrìseil a chall, nach gabh teicneòlas a chleachdadh an àite eòlas ionadail, agus gum bu chòir ath-nuadhachadh sam bith den t-seirbheis a bhith stèidhichte air stèiseanan 24-uairean.”

Tha a’ Chomataidh cuideachd a’ dèanamh càineadh làidir air mar cho-dhùin an Riaghaltas cur ás do na bàtaichean slaodaidh èiginn gus airgead a shàbhaladh – bidh iad seo a’ cuideachadh bàtaichean ann an èiginn gus nach tig call air an àrainneachd.

Thuirt Louise Ellman, “Cha do lorg sinn fianais sam bith gu bheil seirbheis chomeirsealta ann a tha iomchaidh gus a dhol an àite na seirbheis seo. Chan eil co-dhùnadh an Riaghaltais glic, agus tha e stèidhichte air feuman san ùine ghoirid – tha iad a’ fàgail suidheachadh far am faod calldachd mhòr a bhith ann.”

Thig am ministear gu co-dhùnadh a thaobh nam Maor-Cladaich ron t-samhradh, thathar an dùil.

Related topics: