Gaelic: Cha do thuig an luchd-stiùiridh cho cumhachdach ’s a tha ‘An Eala Bhàn’


’Nam measg bha leithid Dick Gaughan, Barbara Dickson, Siobhán Miller agus Iain MacCalmain. B’ e Iain a bha ’na sgrìobhadair agus ’na stiùiriche. Cha robh an ceòl-taic aig na seinneadairean ach gann, le dithis dhrumairean agus giotàr no dhà ri’n cluinntinn o àm gu àm, agus beagan taic o Phil Coineagan air a’ bhogsa-chiùil.
Bha an sgriobt stèidhichte air beatha agus bàs “Jimmy MacDonald”, a bha a’ riochdachadh saighdear àbhaisteach aig an àm – fear a dh’fhaodadh tighinn á àite sam bith ann an Alba. Còmhla ris na h-òrain aig na saighdearan, bha dealbhan on chogadh ri’m faicinn air sgàilean aig cùl an àrd-làir. Dh’innis cuid de na h-òrain mu ionndrainn, agus mu dhòchas. Dh’innis cuid eile gu sgaiteach mu na beachdan aig “Jimmy” ’s a leithid mu na h-oifigearan a bha os an cionn. Ged a bha corra òran ann mar And the Band Played “Waltzing Matilda” a rinn follaiseach an sgrios agus an oillt a bh’ ann, bha a’ bhàrdachd Dulce et Decorum Est le Wilfred Owen fada na bu chumhachdaiche na rud sam bith eile aig a’ chuirm. Chualas Màiri NicAonghais a’ gabhail An Eala Bhàn, ach cha b’ urrainn dhut gun a bhith faireachdainn gun do chuireadh ann i oir ’s gum biodh cuideigin le Gàidhlig a’ nochdadh. Cha robh coltas ann on sgriobt gun do thuig an luchd-stiùiridh idir cho fìor chumhachdach ’s a tha an t-òran seo, agus na ghabhadh a dhèanamh leis a thaobh dhealbhan agus eadar-theangachaidh.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdA dh’aindeoin sin, bha mòran a bha math mun chuirm – gu h-àraid an t-seinn ’s an aithris aig Iain MacAnndrais, agus chòrd e gu mòr ri mòran de na bha an làthair. Bha a’ chuid bu mhotha dhen luchd-èisteachd air an casan fad grunn mhionaidean aig an deireadh.
Math ’s gun robh an oidhche, ge-tà, bha rudeigin a dhìth. Ged a bha mòran dhe na saighdearan a bh’ anns a’ chogadh mì-dheònach bruidhinn mu na chunnaic ’s na dh’fhuiling iad, bha corra neach ’nam measg a bha faireachdainn gum feumadh iad an sgeul aca innse do ghinealaichean eile mar chuimhneachan air an fheadhainn a chaill am beatha. Nam biomaid air clàran de nan guthan aig na saighdearan fhèin a chluinntinn, bhiomaid air ceangal na bu dlùithe a dhèanamh ris na daoine, agus air sealladh gu math na bu treasa fhaighinn air na bha feitheamh “Jimmy” agus a chompanaich an uair a chaidh iad dha na trainnsichean.