Gaelic: Am bu chòir Breatainn a bhith ann? - Reifreann 2014


Nam bheachd-sa fhé, chan eil ceist againn ann. Tha Alba na dùthaich iomlan ’s bha bho cheann deagh thacain, mun robh “Breatainn” na smaoin ann an ceann-circ an t-seathaimh Sheumais. Tha mi car buailteach cumail a-mach corra uair nach eil mi am feum mo bheachd a mhineachamh idir. Sraiceil, ’s e a their ead rium, is cinnteach.
Ach seo a-nis, dé cho ùiseil ’s a bhitheamh sin? Theirinn nach fhaigh sinn buaidh á cùis sam bith ach le bhith togail chridhean dhaoine. Chan atharraich mi beachd aig duine beò le bhith ag innseamh dhaibh gum BU CHÒIR, gun tighinn air na h-aobharan a th’ agam air son a’ bheachd seo a ghléidheil.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdFeumaidh mi àiteachamh, ge-tà, nach toir mi móran seachad orra-san an ceartuair. Cha chreib mi nach eil a’ chuid as motha de dhaoine a-nis mothachail gu leòr air an leithid; cho beàrtach ’s a tha sinn a thaobh cumhachd nàdarraich ’s cho comasach ’s a tha sinn mar shluagh. Tha fios ann glan gun reachamh againn a bhith neo-eisimeileach gun fhasgamh Brataich na h-Aonachd oirnn. Nach tubhairt Luchd an Ionmhais ann an Lunainn fhé nach bitheamh na h-uile h-aon dhinn ach nòt na bu mhiosa dheth an déidh dhuinn falbh; agas sin an aithris a bu dubhaiche a bh’ aca?
Na tha bualamh orm-sa a chàirdean, agas ’s e atharrachamh na ceiste bh’ ann le bhith ag innseamh na fìrinne, nach eil aobhar no aobhraigin ri chluinntinn air car-son a bu chòir don Rioghachd Aonaichte bhith na dùthaich ann am bith. Cha chualaidh mise riadh barail bhon taobh thall a dh’atharrachamh prìs a’ bheothaich dhomh-sa. Cha chreib mi nach tubhairt Tòmas Péin rudaigin mar seo a leanas uaireigin: “gu bheil beachd a tha air a cumail bho cheann fhada – nach eil dad ceàrr air rudaigin – a’ leigeil fiamh a’ choltais oirre gu bheil i ceart”. Shin agaibh, cha chreib mi, mar a tha coltas na Rioghachd Aonaichte. Tha i air a bhith ann treis a-nis, óch tud, ’s e 300 bliadhna a th’ air dol seachad, feumaidh gu bheil còir aice a bhith ann fhathast.
Ge-tà, gu dé a th’ ann an “dùthaich”, mar a their tu? Dé air a bheil sinn a’ stéidheachamh dìleab ar cloinn? ’S e an fhìrinn a th’ ann nach urrainnear “Breatainn” a ghléidheil bhon nach téid aig gin de na luchd-poileatachd no duine fo ghréin eile ar brosnachamh chum a gléidheil. Có ás a tha sinn moiteil dhith? Dé dhith tha toirt na togail ud d’ ar cridhean? Dé dhith a bheireas air na ribeagan air cùl ar muinealan dol nan seasachd ’s sinn a’ smaoineachamh air Breatainn?
An ann bhon nach b’ urrainn do Luchd-Poileatachd seo a chur an céill gu ceart? Chan ann. Tha an teanga theoma leam-leat aig a’ mhór chuid aca. ’S e seo a th’ ann: chan eil gas air fhàgail leis an cumamh ead beò i. Tha Breatainn cho marbh ris a’ chloich ’s chan eil aca a-nis ach a bhith bagairt oirnn gum BU CHÒIR dhuinn a bhith moiteil áiste, dìreach mar a bhithinn-sa deis dèanamh bho cheann ach treis mur an robh deagh fhios agam gur math le daoine cothrom an gnothach a réiteachamh mar as fheàrr leocha fhé.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad’S mar sin, chan e a’ cheist an dà-rìreamh AM BU CHÒIR DO DH’ALBA BHITH NA DÙTHAICH NEO-EISIMEILEACH? Chan eil fuasglamh na ceiste sin air atharrachamh bho cheann 300 bliadhn’, ’s sinn cho comasach ’s a bha sinn riadh.
’S e fuasglamh na ceiste seo air a bheil feum againn bhon t-sluagh air 18mh Sultain: AM BU CHÒIR DO BHREATAINN A BHITH NA DÙTHAICH ANN?