Far a bheil a’ ghrian teth agus teinnteach
BHA an ear-mheadhan tarraingeach dhomh riamh. Sann air iomadh adhbhar a tha seo – an t-eadar-dhealachadh sa chultar, san eachdraidh, san aimsir, sa bhiadh agus sa chreideamh ’nam measg. Feumaidh mi aideachadh ge-tà nach do chuir mi cus prìomhachais mar cheann-uidhe air Qatar gus an do thòisich tursan-adhair ùra eadar Dùn Èideann agus Doha aig deireadh a’ Chèitein seo chaidh.
Tha Qatar ’na dùthaich bheag bhìdeach a’ seasamh a-mach mar phloc sa Chamas Phearsach bho thir-mòr Aràibia nan Sabhd. Se Doha am prìomh bhaile ’s am baile as motha. Coltach ri Dubai, baile beartach eile san sgìre, tha fàs ri fhaicinn anns gach ceàrnaidh – bhon eilean fhuadain “An Neamhnaid” a tha làn bhùthan spaideil agus thaighean ùra cosgail, gu eilean beag fuadain eile air an deach Taigh Tasgaidh na h-Ealain Ioslamaich a thogail.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad’S i suaicheanta agus sònraichte ’na coltas on taobh a-muigh, sann san togalaich seo a tha fear de na co-chruinneachaidhean de dh’ealain Ioslamach as fharsainge, as motha ’s as prìseile san t-saoghal. Chan eil teagamh ann nach e taigh-tasgaidh drùidhteach a th’ ann – fear den fheadhainn as fheàrr a chunnaic mi riamh. Dh’fhaodainn a bhith air co-dhiù latha slàn a thoirt ann gu furasta.
Ach chan eil cus àitean nas fheàrr gus deagh bhlasad de chultar an àite san là an-diugh fhaighinn na Souk nan Eun, margadh annasach ann an teis-meadhan a’ bhaile. Seo far am bi seabhagan seilge ri’n ceannachd. Thèid cuid dhiubh, an fheadhainn le sàr shloinntireachd, a reic air na ceudan mhìltean de dholairean. Agus faisg air làimh, sann do dh’ospadal sònraichte nan seabhag a thèid aodhnairean nuair a dh’fheumas an ulaidhean obair leighis.
An ath dhoras tha margaidhean mòra air a bheil Souq Waqif. ’Nam bheachd-sa, se an oidhche an t-àm as fheàrr gus tadhal air margaidhean an ear-mheadhanaich, seach gum bi barrachd a’ dol nuair thèid a’ ghrian theth theinnteach fodha. Ghabhainn sgrìob mun cuairt nan caol-shràidean cumhang gus diofar bhlasan-bìdh blasta fheuchainn, cofaidh Aràibianach òl, shisha a smocadh agus coimhead air muinntir an àite.
Chaidh ath thogail a dhèanamh ri Souq Waqif bho chionn ghoirid ’s chaidh gleans “aosta” fuadain a chur ris na toglaichean ùra. Sin an seòrsa baile a th’ ann, oir chan eil cus làraichean eachdraidheil air fhàgail ann an Doha fhèin. Gus eisimpleir mhath dhiubh fhaicinn, rachainn gu Gearastan Al Zubara, a chaidh a thogail ann an 1938 faisg air a’ chosta an-iar mu 65 mìle bho Dhoha tron fhàsach fhalamh. Se taigh-tasgaidh th’ ann an-diugh, le taisbeanaidhean inntinneach ri fhaicinn ’na bhroinn.
Ach nas inntinniche buileach tha Zubara, baile trèigte, caillte, beagan mhìltean bho Ghearastan Al Zubara shìos air a’ chosta. Chaidh a stèidheachadh le ceannaichean neamhnaidean Cuibhèiteach san 18mh linn, ach thòisicheadh ga thrèigsinn tràth san 19mh ’s bha e buileach trèigte nuair chaidh Gearastan Al Zubara a thogail. Anns an eadar-àm, chaidh a thiodhlacadh, ’s a dhìon, fo ghainmheach an fhàsaich, agus an-diugh se tè de na h-eisimpleirean dìonta as fheàrr a th’ ann de shaoghal a’ Chamais Phearsaich mar a bha e mus deach ola agus gas a lorg.
Dh’aontaich UNESCO le sin, ’s ged nach eil ach pìos beag den bhaile ri fhaicinn aig an ìre sa, seach gu bheil a’ chuid as motha dheth fon ghainmheach agus tòrr mòr àirceòlais ri dhèanamh fhathast, tha e ’na àite cumhachdail, uaignidh, làn diamhaireachd. Chuirinn prìomhachas air tilleadh thuige san àm ri teachd.
Tha Barrhead Travel a’ tabhann còig oidhchean ann an Qatar bho £1,139 an urra, le trì oidhchean aig a’ Ghrand Hyatt Doha agus dà oidhche aig an Doha Marriott Hotel – leabaidh, bracaist ’s tursan-adhair bho Dhùn Èideann gu Doha le Qatar Airways, www.qatarairways.co.uk
Tha Qatar International Adventures a’ tabhann cur-seachadan agus tursan ann an Qatar – tuilleadh fios air www.qia-qatar.com
Agus air son tuilleadh fios air àitean-fuirich agus cur-seachadan eile ann an Qatar, tadhail air www.qatartourism.gov.qa