Dè an t-slighe gu reifreann air neo-eisimeileachd?


[English-language version below]
Chaidh gu leòr a sgrìobhadh agus a ràdh mu òraid Humza Yousaf aig co-labhairt an SNP air neo-eisimeileachd aig an deireadh-sheachdain, dìreach mar a bhiodh dùil.
A-rèir dè am beachd a tha agad fhèin air a' ghnothach, bha na thuirt e na thogail spiorad (a’ cur neo-eisimeileachd aig cridhe iomairt na h-ath thaghaidh) no na bhriseadh-dùil, bho nach eil freagairt fhathast air dè bu chòir a dhèanamh nuair a dhiùltas Westminster ri reifreann aon uair eile, mar a dhiùltas.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdBhon taobh a-muigh, ‘s e cothrom caillte a bha seo airson slighe eile a ghabhail. Gu cinnteach, feumar iadsan a tha dìleas dhan phàrtaidh agus a tha a' strì cho dìcheallach airson neo-eisimeileachd a chumail air an dòigh. Às an aonais, cha bhi faisg air an uimhir a spionnadh anns an iomairt.
Ach, a’ toirt sùil nas fharsainge na sin air cùisean, chan iad, nuair a thig e gu h-aon is gu dhà, a tha cudromach: chan eil na bhòtaichean aca-san a’ dol ach chun an aon taoibh, an SNP no co-dhiù gu pàrtaidhean eile a tha taiceil dha neo-eisimeileachd.
‘S e an duilgheadas gum feumar 10% eile de shluagh na dùthcha a thionndadh, mus biodh e tòrr nas duilghe iarrtas airson reifreann a dhiùltadh.
Air a’ bhun sin, tha e duilich fhaicinn ciamar a tha òraid Humza a’ gluasad chùisean.
Tha dà rud sònraichte a dh’fheumas am pàrtaidh a dhèanamh: sa chiad àite, ‘s e sealltainn g’ eil iad comasach air cùisean a ruith (rud nach eil idir follaiseach an-dràsta) airson beagan de chofhurtachd a thoirt dha daoine gun tig an troimh-chèile a thig le neo-eisimeileachd a làimhseachadh ann an dòigh choileanta. (Brexit...)
San dàrna àite, feumar a thighinn an àirde le freagairt air na ceistean mòra mun not agus dè thachras leis a’ chrìoch le Sasainn nuair a thig e gu malairt, mas e agus gu bheilear a’ dol a-steach dhan EU a-rithist.
Gun dèiligeadh leis an dà rud sin, tha e duilich fhaicinn ciamar as urrainn dha neo-eisimeileachd gluasad air adhart – ged a bhiodh e ceart gu leòr le cuid fuireach anns an t-suidheachadh sa bheil sinn an-dràsta, leis an SNP a’ buannachadh taghadh an dèidh taghadh ach gun neo-eisimeileachd a bhith a’ tighinn càil nas fhaisge.
Agus tha cunnart anns na thuirt Humza. Tha gu leòr a’ tuigsinn gur ann ris an ùine fhada a dh’fheumar neo-eisimeileachd a bhith a’ coimhead.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad‘S dòcha nach eil tòrr fuaim a’ tighinn bhon bhuidhinn seo, ach tha iad a’ fàs gu math an-fhoiseil nach eileas a’ gluasad air dè dh’fheumas a dhèanamh agus iad cuideachd a’ faicinn mar tha an luchd-bhòtaidh anns na sgìrean dùthchail a’ fàgail a’ phàrtaidh ri linn fàilnichidhean mòra poileasaidh: aiseagan, an A9, HPMAs, taigheadais, àiteachais...
Chan eil na h-argamaidean airson neo-eisimeileachd a’ dol a dh’fhalbh, ach tha cunnart mura tig atharrachadh, gum falbh tòrr dhen spionnadh anns an iomairt ri linn nach eilear a’ gluasad air adhart.
Le cho cugallach ‘s a tha suideachadh Humza Yousaf, sin an rud bho dheireadh a dhìth air, ged is e e fhèin a bhios as coireach ris aig a’ cheann thall.
Comments
Want to join the conversation? Please or to comment on this article.