

[English-language version below]
Fàg an-dràsta dè cho math no cho dona ‘s a tha an spòrs seo – ged a bha sgeulachd bheag thaitneach anns a’ phrògram mu òganach a theich Afghanistan, agus abair g’ eil tàlant aige le bat – bha am prògram a’ foillseachadh duilgheadas a tha a’ dol fada seachad air crìochan aon gheam’.
‘S ann bho Shiorrachd Lancaster a tha Flinntoff fhèin agus chan ann bho theaghlach beartach; an dual-chainnt aige cho làidir ‘s a bha i riamh. Ach, abair g’ eil cùisean air atharrachadh bhon a bha esan na bhalach.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdGach àite dhan dèigheadh e, bha seann chlubaichean criogaid agus na pàircean nam masladh; na toglaichean a’ tuiteam às a’ chèile, loma-làn graffiti, agus na pàircean a bha aig àm cho grinn a-nis le feur suas gu ghlùinean agus a' feitheamh ri obair leasachaidh coimearsalta. Chìtheadh thu a’ ghoirt na aodann.
‘S e Flintoff fear dhe na cluicheadairean criogaid as ainmeile a tha ann agus shaoileadh tu gum biodh sin a’ ciallachadh ruideigin. Ach fiù ‘s a’ phàirc far an do dh’ionnsaich e fhèin cluiche, cha robh ann an-diugh ach fàsach grod.
‘S dòcha gu bheil rudeigin sònraichte ann mu chrìonadh criogaid anns am pàirt seo de cheann a tuath Shasainn, ach ma bheir thu sùil timcheall, chan eil ach an aon rud ri fhaicinn fad is farsaing.
Innsidh iadsan a tha an sàs ann an spòrs le sgiobaidhean – fiù ‘s ball-coise fhèin – gu bheil an àireamh òigridh a tha a’ gabhail pàirt air crìonadh.
Tha e furasta a ràdh gu bheil a’ choire ri cur air teicneòlas is mar a tha an saoghal air atharrachadh; tha tòrr dhen òigridh an-diugh glaiste nan seòmraichean-cadail ri linn.
Ach tha e cuideachd ri linn ‘s nach eil na h-ùghdarrasan a’ tuigsinn gu ceart a’ bhuannachd a tha a’ tighinn bhon a bhith an sàs ann an spòrs, agus chan e dìreach bho thaobh slàinte, ged a tha sin gu cinnteach.
Aig a’ char as fheàrr, gheibh thu caraidean a sheasas fad beatha, tha thu ag ionnsachadh a bhith ag obair mar sgioba agus e a’ toirt dhut tuigsinn gum feum thu a bhith an urra ri daoine eile – leasanan bunaiteach airson beatha shoirbheachail a leanntainn.
Ach, nuair a tha cuideam a’ tighinn air an sporan phoblach, mar a tha thairis na deich bliadhna is barrachd a dh’fhalbh, dè a’ chiad rud a tha a’ fulang? Tha goireasan spòrs is cur-seachad, mar a chunnaic sinn cho soilleir ann am “Freddie Flintoff: Field of Dreams”.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTha fios nach e cluiche spòrs ann an sgioba an fhreagairt na h-aonar airson saoghal a cho sgaraichte, airson dèiligeadh leis mar a tha tinneas inntinn agus cus reamharachd air fàs cho comanta.
Ach nuair a smaoineacheas tu gu bheil na duilgheadasan sin cho bitheanta nar saoghal an-duigh, tha e air leth cianail nach eil an roinn a’ faighinn fada a bharrachd taic.
Chan eil fhios a’m ciamar a chrìochnaicheas an sreath le Flintoff agus bidh e inntinneach. Ach cuiridh mi geall gum faigh cuid dhen òigridh bhochd seo spionnadh à bhith an sàs ann an spòrs comhla rin co-aoisean; agus gun toir e dhaibh togail is misneachd beagan nas fheàrr a dheànamh nam beatha fhèin. ‘S nach ann ann an sin fhèin a tha a’ mhìorbhail; mìorbhail ris a bheil sinn a’ cur ar cùlaibh.