Chan eil e idir ceart a bhith toirt air falbh cùisean lagha diùraidh bho na h-eileanan


[English-language version below]
‘S dòcha g’ eil beachd aig cuid nach eil na cùirtean siorraim anns na h-eileanan ach a’ dèiligeadh ri cùisean lagha nach eil cho cudromach sin; ‘s dòcha, briseadh na sìthe no a bhith ag òl ‘s a’ draibheadh no rudan eile dhen t-seòrsa sin.
Gu cinnteach, chan eil na cùisean mòra connspaideach a’ tighinn air beulaibh nan cùirtean ann an leitheid Steòrnabhagh, Loch nam Madadh is Port Rìgh. Tha an àrd-chùirt ann airson sin.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdAch, cha bu chòir dìmeas a dhèanamh orra an dèidh sin, ged as e sin an dearbh choltas a tha aig a’ cho-dhùnadh gun tig cùisean far a bheil feum air diùraidh a ghluasad gu lèir gu tìr-mòr.
Mar as trice, chan eil e ro ghlic a dhol an aghaidh fear dhe na h-eòlaichean lagha as cliùitiche san dùthaich, an àrd-siorram Derek Pyle, ach le bhith a’ cur seo air dòigh, tha e air eas-aonta adhbhrachadh a-measg a chuid fhèin.
A-rèir choltais, ‘s e a tha air cùlaibh a’ cho-dhùnaidh ach nach eil gu leòr den luchd-obrach aig a’ chompanaidh GEOAmey airson a bhith a’ giuàlan iadsan a tha fo chasaid gu cùirtean nan eilean.
Ach, ‘s e reusan neònach a tha seo: tha thu a’ toirt cùmhnant dha companaidh airson seirbheis a thoirt; tha iadsan ag ràdh nach urrainn dhaibh a dhèanamh, ach an àite a bhith ga chur ceart (no a’ lorg cuideigin a nì e) tha thu a’ toirt an t-seirbheis air falbh.
Tha cùisean le diùraidh an ìre mhath cumanta ann an Steòrnabhagh, bha ro Chovid co-dhiù, agus tha fhios g’ eil an aon rud fìor ann an Arcaibh is Sealtainn.
Dha-rìribh an t-seachdain-sa, bha diùiraidh a’ breithneachadh air dà chùis ann an Steòrnabhagh, tè aca le fear fo chasaidean gun tug e dh’ionnsaigh air cuideigin gu cunnart a’ bheatha.
Thuirt am fear-lagha Donnchadh Burd, àrd-stiùiriche a’ chompanaidh lagha Anderson MacArthur, aig a bheil oifisean ann am Port Rìgh is Steòrnabhagh, gur e fìor cheum air ais a bhios ann ma thig cùisean-diùraidh a stad anns na h-eileanan.
“A thaobh ceartais a bhith ga thoirt seachad cho faisg ’s a ghabhas air na coimhearsnachdan – rud a tha, no a bha, stèidhichte mar phrionnsabal ann an lagh – tha e maslach,” thuirt e. “Bha mi ag ràdh bho chionn bhliadhnaichean gun robh cunnart ann gun robh seirbheis gu bhith a’ crìonadh agus seo e a-nis a’ tachairt.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad“Tha suidheachadh gu bhith ann far am feumar an fheadhainn fo chasaid agus iadsan a tha a’ toirt seachad fianais a dhol a dh’Inbhir Nis, le cosgais agus ùine nach urrainn mòran a ghiùlan. San dàrna aite, tha iad dualtach a bhith bhon aon àite agus le sin, a’ siubhail còmhla agus chan eil thu ag iarraidh sin ann an dòigh sam bith.
“Feumaidh ceartas a bhith air a dhèanamh cho faisg ’s a ghabhas air na coimhearsnachdan. Tha mi an dòchas gun tig coimhead a-rithist ri seo.”
Thuirt ceann-suidhe Comann Lagha na h-Alba, Sheila Webster, gum bu chòir dèiligeadh ri suidheachadh GEOAmey an àite a bhith ag atharrachadh an t-siostaim, rud a chruthaichis, thuirt i, troimh-chèile.
Aon uair eile, tha coltas ann gum bi na h-eileanan a’ fulang tro drhoch cho-dhùnaidhean agus gun cus dragh mu dè a’ bhuaidh a bhios aca air na coimhearsnachdan sin.
Comments
Want to join the conversation? Please or to comment on this article.