Ceannard ùr aig Bòrd na Gàidhlig

THA ceannard ùr gu bhith aig Bòrd na Gàidhlig an-athbhliadhna.
Iain Caimbeul: Feumaidh sinn deanamh cinnteach gun cum an fheadhainn òg am misneach. Picture: ContributedIain Caimbeul: Feumaidh sinn deanamh cinnteach gun cum an fheadhainn òg am misneach. Picture: Contributed
Iain Caimbeul: Feumaidh sinn deanamh cinnteach gun cum an fheadhainn òg am misneach. Picture: Contributed

Leigidh Iain Aonghas Mac­Aoidh a dhreuchd dheth anns a’ Mhàrt, agus théid Iain Caimbeul, a tha an-dràsta ’na chathraiche air a’ Bhòrd, ’na àite mar cheannard an uair sin.

Chaidh an naidheachd a sgaoil­eadh tràth agus am Bòrd air son leantaileachd a ghléidh­eadh ann an dreuchd a’ cheann­aird ’s ann an obair na buidhne.

Hide Ad
Hide Ad

Mhìnich Mgr Caimbeul, a tha air a bhith ’na bhall den Bhòrd bho 2011 ’s ’na chathraiche bho 2013: “Tha sinn air son cùisean a bhith ciallach agus cothromach. Bidh tìde againn mar sin air gnothaichean atharrachadh gu dòigheil.”

Sann á Gearraidh Bhailteas ann an Uibhist a-Deas a tha Mgr Caimbeul. Thug e sia bliadhna sa Chabhlach Rìoghail agus beagan bhliadhnachan ’na mhanaidsear air tuathanas éisg mus d’thug e a-mach ceumannan ann an leasachadh dùthchail agus econam­achd. Chuir e companaidh rann­sachaidh air dòigh, Hecla Consulting, a’ tairgse sheirbheisean do phròiseactan leasachaidh, ’s bho 2010 tha e air a bhith ’na àrd-mhanaidsear air a’ bhuidh­eann rannsachaidh Soillse.

Tha e a’ gabhail an obair ùr os làimh aig àm ’s gu bheil comh­arraidhean dòch­asach gu bheil leasachaidhean ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ tighinn gu buil, gu h-àraid anns na bailtean móra, ged a tha cuid fhathast car iomagaineach mu chrìonadh na cànain sna coimh­earsnachd­an dualchasach. Mhol e na buannachdan a nochd ré an àm a tha Mgr MacAoidh air a bhith os cionn a’ Bhùird, agus thuirt e: “Tha mi faicinn tòrr chothrom­an an lùib na tha dol air adhart an-dràsta agus gineal­ach ùr de dhaoine òga againn le Gàidhlig. Feumaidh sinn dèanamh cinn­teach gun cum an fheadh­ainn òg am misneach ’s gu bheil an cànain làidir mun cuairt orra sna coimhearsnachd­an ùra.

“Aig a’ cheart àm bu chòir dhuinn a bhith mothachail air an dìleab mhór a thàinig a-nuas bho na sinnsearan againn fhìn. Feumaidh sinn uile obrachadh còmhla. Tha buidhnean eil’ ann, leithid Iomairt na Gaidhealtachd ’s nan Eilean, a tha air fìor obair mhath a dhèanamh.”

Bidh BnaG a’ tighinn fo chuid­eam àireamh an luchd bruidh­inn àrdachadh, ged nach eil dùil gun téid am maoineachadh (mu £5 millean sa bhliadhna) a tha e làimhseachadh os leth Riaghal­tas na h-Alba àrdachadh móran.