Ceann no cridhe, buaidh no co-thuiteamas

THA mi air mo dhòigh glan le Sùil air an t-Saoghal: Buaidhean Eadar-Nàiseanta air Sgrìobhadh sa Ghàidhlig, air a dheasachadh le Pàdraig MacAoidh agus Niall O’Gallagher (Clò Ostaig, £16).
Cho-dheasaich Niall OGallagher cruinneachadh de dhaistidhean air litreachas na Gàidhlig. Picture: ContributedCho-dheasaich Niall OGallagher cruinneachadh de dhaistidhean air litreachas na Gàidhlig. Picture: Contributed
Cho-dheasaich Niall OGallagher cruinneachadh de dhaistidhean air litreachas na Gàidhlig. Picture: Contributed

Tha naoi aistidhean agus ro-ràdh ann, gu léir an Gàidhlig. Se cho eadar-dhealaichte ’s a tha na h-aistidhean bho chéile an tarraing as motha, ged nach eil seo follais­each on taobh muigh. Tha cóig ann mu sgrìobhadairean agus sgrìobhaidhean á diofar dhùthchannan le bàird – AonghasPàdraig Caimbeul, Maoilios M Caimbeul, Aonghas MacNeacail, Crìsdean MacIlleBhàin, Fearghas Mac­Fhionnlaigh. Tha trì ménages à trois ann: Meg Bateman air Iain Mac a’ Ghobhainn agus Kierkegaard, Iain S Mac a’ Phearsainair Iain Moireach agus Camus, Emma Dymock air Somhairle MacGill-Eain ’s an Roinn Eòrpa. ’S tha aon ann far a bheil Moray Watson a’ sealltainn mar thàinig làn-mara saoghal na Beurla, beag air bheag, a-staigh do chladaich­ean ficsean na Gàidhlig.

Aon eadar-dhealachadh dha’n do mhothaich mi b’e ’m buntanas eadar na bàird Ghàidhlig agus cànanan eile. Ged tha fuaim air leth cudromach do APC, chan eil teagamhan aige mu ghabhail ri litreachas an t-saoghail tro eadar-mheadhan na Beurla. Tha an aiste aige làn iongnaidhean taitneach ’s ’na tlachd ri leughadh o thoiseach gu deireadh. Aon uair ’s gu bheil Maoileas Caimbeul a’ faighinn seachad air na teagamh­an aigesan tha e toirt dhuinn aiste làidir chruinn air stéidh loidsigeach: “Thòisich mi nam òige a’ cur romham gum faigh­inn a-mach an fhìrinn mun bheatha seo nan gabhadh e dèanamh agus bha e nàdarrach dhomh gun innsinn fàth mo thurais tro bhàrdachd.”

Hide Ad
Hide Ad

Tha an té aig MacFhionnlaigh air feadh an àite ach a-cheart cho inntinn­each. Tha MacNeacail a’ leantainn dlùth ri òrdaighean, a réir choltais, a’ compàirteachadh ruinn a h-uile buaidh bh’ air inn­tinn riamh bho leanabas a-mach, fiùs òrain fa leth; Beurla bh’ anns a’ chuid as motha dhiubh, agus se an aiste aigesan as fhasa a leughadh.

Tha freagairt eile aig MacIlle­Bhàin ris an duilgheadas: tha ea-mach air Joseph Brodsky a-mhàin, leugh e gach nì anns a’ chànain san deach a sgrìobhadh – ’s chan eil aon fhacal aige mu na dàin aige fhéin!

Tha an aon sùbailteachd san aist’ aig Mac a’ Phearsain, a tha a’ coimeas sgeulachdan Iain Mhoirich ri sgeulachdan Albert Camus. Chan eil fhios an e buaidh no co-thuiteamas a th’ anns na th’ ac’ ann an cumantas; chan eil ach aon àite ’na chuid obrach far a bheil am Moireach ag ainmeachadh Camus, ’s ged a tha am Moir­each beò, cha do dh’fhaigh­neachd Mac a’ Phearsain dha, a réir choltais, an robh buaidh aig an Fhrangach air gus nach robh.

Tha seo a’ cur an cuimhne dhomh sgeul a sgrìobh am Moir­each far a bheil am ministear a’ cur ás leth ar laochain nach eil e creidsinn ann an Dia ’s tha esan a’ freagairt nach e sin a tha a’ cunn­tadh ach a bheil Dia a’ creidsinn annsan: faodaidh sinne a ràdh anns an aon spiorad, “Ach an robh buaidh aig Iain Moireach air Camus?”

Tha seo uile math ’illean, agus mairidh e – thoiribh dhuinn tuill­eadh.

Se duine trang a th’ ann an Niall O’Gallagher. Tha mi a’ cur fàilte bhlàth air Beatha Ùr (Clàr, £8.99), cruinn­eachadh beag den bhàrd­achd aige, agus sin air trì adhbh­aran: is toil leam na dàin aige; tha móran dhiubh mu Ghlascho, baile mo bhreith ’s m’ àraich; agus chan eil Beurla san leabhar – tha na dàin Ghàidhlig seo a’ seasamh ’s a’ tuiteam mar dhàin Ghàidhlig.

Tha mi an amharas gun tàinig móran de na cuimhneachain agamsa air Glascho gu ceann mus do rugadh O’Gallagher. Chan eil fhios a’m cà robh Cùirt Norfolk, tùran a leag iad le spreadhadh a réir choltais, ach tuigidh mi an co-dhùnadh mun “bhaile / mhòr seo agus e robach, garbh ach leinne”. Air an làimh eile tha gach ainm sna dàin eile a’ dùsg­adh mac-talla, eadar ’s gur e Sràid Westmoreland, Cnoc a’ Ghobh­ainn, Taigh-cìse Rathad Phàislig no Willie Maley. ’S tha mi toil­ichte urram fhaicinn ga dhèanamh do Ruaraidh MacThómais. Ach a dh’innse na fìrinn chan eil an dàn as fheàrr leam mun bhaile ag ainmeachadh àite no duine idir ach Glascho fhéin: “Cha do dh’èirich a’ ghrian an-diugh air Glaschu / dh’fhuirich i aig an taigh airson cumail blàth, / tha i air an leus aic’ a chur am falach / is an samhradh ro ghoirid air dhol seachad . . .”

Is toil leis a’ bhàrd fuaim na trafaig. Tha e bruidhinn air “an taigh-bidhe as fheàrr leinn / far an cluinn sinn a’ chainnt bhlàth Eadailteach ’s an / trafaig mun cuairt oirnn gar fàgail nar eil­ean”. Tha e ’g ràdh ann an dàn eile “nuair a bhios sinn fhìn nar leabaidh / ’s e fuaim na trafaig a dh’innseas dhomh / gu bheil an dithis againn nar dachaigh / am broinn a’ bhaile seo”. Dhòmhsa tha dranndan trafaig san oidhche a’ ciallachadh Lunnainn ’s gach droch rud, glagadaich uisg’ air an leòsan Glascho ’s gach rud math. Se fuaim na mara taobh muigh na h-uinneig a b’ fheàrr le seanair a’ bhàird, tha e ag innse dhuinn.

Hide Ad
Hide Ad

Tha dàin ghaoil ann cuid­eachd. Tha aon dhiubh a’ tòis­eachadh “Bhruadair mi leat a-raoir (mar a their iad / ann an Catalunya, a rèir m’ fhaclair)”. Tha an aon rud fìor ann am Portugìos – sonhar com “bruadar le = mu”. Ach an rud as motha tha còrdadh rium san leabhar se far a bheil eileamaid de dheasbaid eadar ceann agus cridhe, eadar bàrdachd mar chiùird ’s mar ealain. Tha aon phìos a’ tòiseachadh “Mar sheann bhàird nan Gàidheal rinn mi dàn / nam leab­aidh leat a-raoir” ’s a’ crìochnachadh le “ar tlachd a’ riaghladh meadrachd gach sreath”. Eadar an dà cheann tha an gaol air a chur an céill le facail mar “lide”, “aicill” agus “comhardadh làn”. Ann an àit’ eile tha O’Gallagher a’ cuimhneachadh mar a bhiodh Raibeart Garioch a’ cluich a’ phiàna ri filmichean balbha, “a’ brùthadh air na h-iuchraichean / san aon dòigh ris na lidean anns na dàin agad. / Dhuinne, nach ann mar sin a bha ar cànainean, / ’s na dàin againn an aghaidh an toist mun cuairt oirnn?”

Tha an eisimpleir as fheàrr dhen deasbaid a’ tòiseachadh: “Tha na dàin seo brèagha, ach gun bhrìgh. / ’S e tòimhseachain a th’ annta is na fuaimean / nam pìosan air a’ bhòrd is tu gangluasad: / easbaig, caisteal, ridire no rìgh. / Bu chòir do bhàrdachd tighinn bho do chridhe . . .” Tha am bàrd a’ cur sìos a pheann, ga thogail a-rithist, agus a’ freagairt: “Tha na tha sibh ’g iarraidh orm ro chaol, / oir ’s e ceòl mo loidhneachan as dèine / a bhios a’ toirt a’ chothroim dhòmhsa sgrìobh­adh / mu thòimhseachan an uinibheirs gu lèir.”

Deagh phreantasachd.