Aontachadh air fàire mu dhìon na mara

Chuireadh fàilte air an naidh­eachd a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid gu bheil 30 Sgìre Mara fo Dhìon (MPA) ùr gu bhith air an stèidheachadh timcheall oirthir na h-Alba, ’s iad a’ dìon nan uisgeachan ’s nan nith­ean a tha tighinn beò sa mhuir agus air tìr.
Tha ceist air sgrìobadh grunnd na mara son chreachann, mar tha Reul a Chuain á Malaig a dèanamh, ann an cuid a Sgìrean Mara. Picture: ContributedTha ceist air sgrìobadh grunnd na mara son chreachann, mar tha Reul a Chuain á Malaig a dèanamh, ann an cuid a Sgìrean Mara. Picture: Contributed
Tha ceist air sgrìobadh grunnd na mara son chreachann, mar tha Reul a Chuain á Malaig a dèanamh, ann an cuid a Sgìrean Mara. Picture: Contributed

Ach tha iasgairean agus luchd-glèidhteachais a’ cum­ail a-mach gum feum na riaghailtean ’s na modhan-riaghlaidh air son nan sgìrean sin a bhith ceart agus iomchaidh, thoradh, ged a tha farsaingeachd nan sgìrean fhèin air an stèidheachadh agus molaidhean ann air son a bhith gan riaghladh, tha aig Riaghaltas na h-Alba ris na modh­an-riagh­laidh deireannach a dhaingn­eachadh fhathast. Thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Richard Lochhead: “Tha marannan na h-Alba deatamach do dhòigh-beatha muinntir na dùthcha. A thaobh na h-àrainneachd, tha iad fìor chudromach aig ìre Eòrpach ’s don t-saoghal air fad. Tha iad mar chiste phrìseil a ghlèidheas iomadh nì cudromach dhuinn a bhuineas ri nàdar, ’s tha iad aig an aon àm a’ toirt dhuinn cumhachd, biadh agus cur-seachadan.

“Cuidichidh na Sgìrean Mara fo Dhìon tha seo gus a’ mhuir a dhìon ’s an àrainneachd sin a leasachadh feuch am bi i fhath­ast ’na stòras luachmhor do na ginealaichean a thig as ar dèidh.

Hide Ad
Hide Ad

“Bu thoil leam mo thaing a thoirt dhan a h-uile duine a bha an sàs sa cho-chomhairle air na sgìrean seo agus sna h-oidhirp­ean gus an lìonra seo a chruthachadh. Bha iad a’ riochdachadh tòrr dhiofar sheallaidhean: luchd àrainneachd, iasgairean, buidhn­ean cumhachd agus mòran eile.”

Ged a tha iasgairean san fharsaingeachd a’ cur fàilte air an naidheachd, tha ceistean fhathast aca mu na modhan-riaghlaidh a bhios ann aig a’ cheann thall. Thuirt Donnchadh MacAongh­ais, Rùnaire Comann Iasgairean nan Eilean Siar: “Bha uallach glè mhòr oirnn an toiseach nuair a chuala sinn gun robh na sgìrean seo a’ tighinn. Ach tha còmh­radh agus conaltradh air a bhith dol air adhart le oifigearan aig an Riaghaltas.

“A thaobh an taobh an-iar, tha iad air cur air dòigh riaghailtean ùra son daoine a tha tràladh aig doimhne àraid feuch nach dèan iad milleadh air an àrainneachd.

“Tha iad cuideachd a’ coimh­ead air na Monachs. Se an t-uall­ach as motha a th’ againn an sin gu bheil iad a’ moladh nach bi
e ceadaichte lìn a chleachdadh. Tha iad ag ràdh gu bheil na lìn a’ dèanamh cron air na h-eòin. Ach tha sinne den bheachd gum
bu chòir lìn a cheadachadh air grunnd na mara. Cha toir sin buaidh sam bith air eòin.”

Tha Mgr MacAonghais dhen bheachd gu bheil oifigearan an Riaghaltais air èisteachd ri iasg­airean anns an fharsaingeachd a thaobh mar a thèid na sgìrean a riaghladh. Thuirt e gum biodh buidhnean a tha riochdachadh iasgairean a’ coinneachadh ris an Riaghaltas an ceann mìos an Dùn Èideann gus bruidhinn air na molaidhean feuch dè na riagh­ailtean a bhios ann aig a’ cheann thall. “Feumaidh an Riaghaltas a bhith cinnteach gum bi beachd­an sòisealta ’s econamach air an toirt fa-near nuair a nì iad na co-dhùnaidhean maireannach.

“Cha bhi e gu feum sam bith ma tha na sgìrean timcheall nan eilean seo mar fhàsach far nach eil càil a’ tachairt. Tha na h-uisg­eachan air a bhith a’ toirt buann­achd dha na sgìrean a tha faisg orra tarsainn nan linntean. Ma tha iad a’ dol a sgur de na cleachd­aidhean a tha air a bhith aca sna sgìrean a tha sin, chan eil iad a’ dol a dhèanamh ach cron mòr gu h-econamach ’s gu sòisealta.

“Tha iad air a’ mhòrchuid de na molaidhean a bh’ aig iasgair­ean a thoirt fa-near, ’s tha sinn an dòchas gum bi sin sna còmh­raidhean deireannach mus tig na riaghailtean a-mach son nan sgìr­ean ùra. Tha sinn an dòchas gum bi buannachd econamach ás na sgìrean seo ’s gun tèid an àrainn­eachd a dhìon aig an aon àm.”

Tha aon Sgìre Mara fo Dhìon gu bhith timcheall Eilean Arainn.Se a’ choimhearsnachd fhèin a chuir sin air adhart air sgàth na h-àrainneachd. Thuirt Anndra Binnie, manaidsear COAST (Com­munity of Arran Seabed Trust): “Tha sinn ag iarraidh ‘sgìre mara fo dhìon’ fhaicinn far nach bi daoine ri cleachdaidhean a nì milleadh, leithid tràladh air grunnd na mara agus sgrìobadh a’ ghruinnd air son chreachann.

Hide Ad
Hide Ad

“Tha an riaghaltas a’ moladh gum bi sreath de mhodhan-riaghlaidh ann a nì dìon air na h-àiteachan a rèir dè cho mòr ’s a tha an cunnart gun tèid mill­eadh a dhèanamh orra. Feum­aidh na modhan-riaghlaidh sin a bhith an gnìomh agus a bhith a’ cumail rian ceart air na sgìrean ro dheireadh 2016.”

Ach a rèir na tha an Riaghaltas a’ moladh an-dràsta, bhiodh tràl­adh fhathast a’ tachairt ann am pàirt den Sgìre Mara fo Dhìon timcheall Arainn. Thuirt Mgr Binnie: “Thathar a’ moladh an-dràsta gum bi tràladh air grunnd na mara agus sgrìobadh air son chreachann fhathast gan dèanamh sa mhòrchuid den sgìre againn, ach chan eil sin a’ dèanamh ciall a thaobh na feallsan­achd air cùl nan sgìrean mara fo dhìon. Tha sinne a’ moladh nach bu chòir an seòrsa iasgaich sin a bhith ann, ach gum bu chòir barrachd iasgaich a bhith ann de sheòrsa nach eil a’ dèanamh uir­ead cron air an àrainneachd, leithid dàibheadh son chreachann agus iasgach le clèibh.

“Chan eil sinn an aghaidh iasg­ach, ach air son iasgach a ghabh­as a dhèanamh gun a bhith a’ milleadh na h-àrainneachd.”

Tha coltas ann gu bheil obair aig an Riaghaltas ri dhèanamh fhathast gus a h-uile duine a shàsachadh. Ach tha coltas ann cuideachd gu bheil tòrr dhe na daoine anns an deasbad deònach coimhead air fuasglaidhean far am bi rèiteachadh ann eadar na diofar bheachdan.