An là a thuit an dà thùr

A-màireach, 10 bliadhna bho thachair an t-uabhas anns an do chaill cha mhòr 3,000 duine am beatha, bidh muinntir Ameireaga agus tòrr dhaoine air feadh an t-saoghail a’ cuimhneachadh air an ionnsaigh mharbhtaich mhilltich a thug ceannaircich air New York agus air a’ Phentagon.

Bidh cuimhne aig gu leòr dè bha iad a’ dèanamh an là a thachair an sgrios, agus na h-ìomhaighean aognaidh den dà thùr mhalairt gan leagail snaighte ann an inntinn iomadh duine air feadh an t-saoghail.

Tha cuimhne mhath aig Cathaidh Muriel Carey, a bhuineas do Leòdhas, a bha a’ fuireach aig an àm – agus a thà fhathast – ann an New Jersey. “Bha ’n nighean agam air a dhol dhan sgoil. Bha Iain, am balach againn, còig. Bha an latha cho brèagha, cho àlainn, cho socair. Bha sinn a’ dol a-mach as dèidh bracaist, bha an telebhisean air agus bha Iain a’ coimhead air prògram cloinne. Bha e am meadhan an làir a’ cluich le toy, ’s chaidh an telebhisean dheth. An uair sin thàinig e air ais air, agus bha e a’ sealltainn gun robh an rud uabhasach seo air tachairt. Bha thu dìreach air stad, air reothadh nuair a chunnaic thu e.” Tha e follaiseach mar a thàinig stad ann am bruidhinn Cathaidh Muriel air son mionaid, ’s i a’ cuimhneachadh, gu bheil a’ bhuaidh sin ann fhathast. Lean i oirre: “An uair sin bha mi smaoineachadh mun duin’ agam, oir bha dùil agam gur ann an New York a bha a’ choinneamh aig an robh e.

Hide Ad
Hide Ad

“Dh’fheuch mi fònaigeadh, ach chan fhaighinn troimhe, agus an uair sin fhuair mi a-mach gur ann an Newark a bha e gu bhith, taobh eile na h-aibhne. Cha robh e ann an New York.

“Bha thu ’n uair sin a’ coimhead an telebhisean agus cha robh thu a’ creids’ gun robh sin air tachairt. Tha cuimhn’ a’m an uair sin gun tàinig Kevin an duine agam dhachaigh, ’s bha e dìreach a’ coimhead geal. Se latha uabhasach a bh’ ann, gum faiceadh tu ’m pleuna dol a-steach dhan togalach. Cha mhòr gun robh thu creidsinn gun robh seo air tachairt.”

Tha cuimhne eadar-dhealaichte aig Màrtainn MacFhionghain, a bhuineas do dh’Ealaghol san Eilean Sgitheanach, ach a bhà, agus a thà, a’ fuireach ann an New York. “Bha mise a’ fuireach air a’ West Side faisg air Central Park, mar sin bha mi fad air falbh gu leòr ’s nach robh mi a’ faicinn nan rudan uabhasach a chunnaic daoin’ eile.

“Tha mi ’g obair mar dog walker agus cha robh an obair agam a’ tòiseachadh gu aon uair deug, mar sin a’ chiad rud a chuala mise mu na bha a’ dol se nuair a dh’fhòn mo mhàthair thugam bhon Eilean Sgitheanach ag iarraidh orm an teilidh a chur air. Thuig mi ’n uair sin gun robh rudeigin gu math dona a’ tachairt.

“Bha là gu math neònach agamsa, oir bha mise ag obair mar as àbhaist, ’s bha a h-uile duin’ eile air tilleadh dhachaigh air son coimhead air an telebhisean. Bha a h-uile duine trang a’ feuchainn ri grèim fhaighinn air càirdean, ach bha iad fhathast ag iarraidh ormsa a thighinn a dh’iarraidh nan con aca. Bha e gu math neònach dhòmhsa mar sin, gu sònraichte nuair thòisich mi a’ faicinn daoine tilleadh suas am baile ’s iad làn dust. Agus bha mise an sin a’ falbh cuairt leis na coin.”

Ach ciamar a tha daoine a’ faireachdainn a-nis 10 bliadhna as dèidh na thachair? Thuirt Cathaidh Muriel: “Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil tòrr dhaoine a’ smaoineachadh, ‘Och chan eil sin a’ dol a thachairt a-rithist.’ Ach an t-seachdain sa fhèin bha rabhadh a’ tighinn a-steach, bha Homeland Security a’ cantainn bha iad air cluinntinn gum faodadh gun robh rudeigin a’ dol a thachairt timcheall air 9/11. Mar sin feumaidh tu stad mionaid agus a chantainn, ‘Uill tha daoine fhathast a-muigh an sin a tha ag iarraidh cron a dhèanamh.’”

Tha Cathaidh Muriel a’ smaoineachadh gu bheil daoine san fharsaingeachd a’ faireachdainn nas sàbhailte as dèidh bàs Osama Bin Laden ’s na h-oidhirpean a thathar a’ dèanamh ann an Afghanistan agus Iraq, ach tha an cunnart fhathast ann. A rèir Mhàrtainn, ge-tà, tha tòrr de na caraidean aige ann an New York ag iarraidh gluasad air adhart, ’s tha iad an dòchas as dèidh an deireadh-seachdain seo gum faod iad sin a dhèanamh.

Thèid seirbheisean agus tachartasan eile a chumail a-màireach ann an New York ’s air feadh Ameireaga gus 9/11 a chomharrachadh. Bidh muinntir Ameireaga a’ cuimhneachadh, ach bidh feadhainn dhiubh cuideachd, ’s dòcha, a’ feuchainn ri gluasad air adhart bhon chall a dh’fhàg mòr-bhaile agus an dùthaich as cumhachdaich air an t-saoghal fo sprochd ’s fo iomagain fad deich bliadhna.

Related topics: