An ath cheum do Làbar ann an Alba?

ANN AM meadhan an Dàrna Cogaidh, rugadh m’ athair air an Àird Iar, rubha mòr gainmhich eadar am muir agus beul Abh­ainn Ghàirneig, ann an taigh a leagadh o chionn deich bliadhna.
Writer David Munro with his father on the point at Ardeer. Picture: ContributedWriter David Munro with his father on the point at Ardeer. Picture: Contributed
Writer David Munro with his father on the point at Ardeer. Picture: Contributed

’S iad a’ teicheadh on Ghort Mhòr an Tìr Eòghainn ’s an Dùn nan Gall, agus o shannt Thigh­earna Fòlais ann an Siorrachd Rois, thàinig a shinnsearan san 19mh linn gu Stevenston – no Stinston mar bu chòir – agus gu Saltcoats (Baile an t-­Salainn).

Bha iad ag obair sna mèinn­ean, a’ càradh uidheam son gnìomhachas a’ ghuail ann an sluic a tha a­-nis dùinte, dorcha ’s balbh, ach aig aon àm a bheir­eadh cumhachd gu ìompair­eachd. Bha iad ag obair san fhactaraidh daidhneamait aig Alfred Nobel, falaichte fon ghainmhich, an Luftwaffe a’ leagadh bomaich­ean orra air an t-­slighe seachad a Ghlaschu. Bha iad an sàs ann am poileataigs na sgìre, a’ stiùireadh ’s a’ riochdachadh a’ Phàrtaidh Neo-­Eisimeilich Làbaraich. Agus shabaid iad gu dìleas don rìgh ’s don dùthaich, a’ giùlain bhonn agus urraim, uabhas nan trainn­sean agus tinneas na dibhe, air ais don bhaile o pholl ’s o bhàs na Frainge.

Hide Ad
Hide Ad

Chunnaic m’ athair fhìn Stinston ag èirigh bho sgrios a’ Chogaidh, am factaraidh aig Nobel, no ICI, a’ toirt cosnadh do dheich mìle fear agus boireannach, agus bailtean beaga Siorrachd Àir ag at le muinntir Ghlaschu a thig­eadh a­-nuas a dh’fhuireach ’s a dh’obair. B’e linn a bh’ ann san robh cothrom cosnaidh do na h-­uile a bha ga iarraidh, san robh na bùithtean fosgailte ’s na sràid­ean trang, san robh aon de mhic na sgìre a’ togail Cuach na h-­Eòr­pa ann an Lisbon. Abair àm a bhith beò doon the watter.

B’ann an uair sin a gheàrr m’ athair fhiaclan mar shòisealach. ’S e ’na dhealanair ann an Stèis­ean-­Cumhachd Hunterston sna 60an, rinn e strì ris a’ chompan­aidh air cùis a bhuineadh ri slàinte ’s sàbhailteachd agus, mar thoradh air stailc, chuireadh air dubh-­liosta e, ’s bha aige ri dhola dh’fhuireach ’s a dh’obair don Chuimrigh ’s do Shasann mus do thill e ann an 1970 a dh’obair air an làraich ùir aig Beecham’s do chompanaidh á Manchester. ’S e a’ riochdachadh nan dealanair­ean a bha, aig an àm, air reat na b’ ìsle na càch air an làraich, stiùir e gnìomh tionnsgalach a thugtuar­astal co-­ionnan thuca. Fhuair e a’ bhròg, agus bha e gun obair gu bràth tuilleadh.

An-­diugh chan eil sgeul air factaraidhean ùra. Dhùin am fear aig Nobel sna h­-ochdadan le beannachdan Maighreid Thatcher, boireannach a rinn barrachd sgrios air a’ bhaile na Gearmailteach sam bith. Se an aon dòchas a th’ aig clann-­sgoile a-­nis gum faigh iad obair san t-seirbheis phoblaich, no gum bi an roinn thogail ann an deagh shlàinte ’s gum faigh iad ceàrd. Tha mòran den ghinealach agam fhìn a’ fuir­each thall thairis, no ann an taighean beaga brèagha air iom­all a’ bhaile, a’ dèanamh deagh chosnadh bho ghnìomhachas a’ heroin, puinnsean a lìonas fuil nuair a bhios dòchas a’ fàgail.

Mòr agus soirbheachail ’s gun robh an companaidh a thog m’ athair nuair a thòisich an crìonadh sna h­ochdadan (’s leis an airgead a thig còmhla ris), chum e ris na prionnsabalan sòisealach aige, a’ punndadh sràidean a’ bhaile gu bhòtaichean a ghlèidh­eadh don Phàrtaidh Làbarach. Tha cuimhne agam fhathast a’ dùsgadh air a’ mhadainn a chaill Niall Kinnock an taghadh nàis­eanta ann an ’92, anndòchas agus gruaim a’ lìonadh an taighe. ’S e air slighe a sheanar a leantainn, tha m’ athair a-­nis ’na chomhairliche do na Làbaraich san sgìre. Na Làbaraich: pàrtaidh a mharbh clann ann an Iraq, pàrtaidh a bhios a’ cumail armachd niùclas­ach sa Gheàrrloch, pàrtaidh nach aithnicheadh mo sheanair Sand­aidh Rothach idir.

’S mòr an spot a leigeas fuil air fèin-­aithne – nàiseantach, clas­sòisealta, dualchas poilitigeach – agus bidh i a’ cluich pàirt chud­romach ann an co­-dhùnaidhean an t-­sluaigh. Ach ged a tha meas agam air an fheadhainn a bhòtas No air sgàth ’s faireachdainn Bhreatannach, cha ghabh mi ri deasbad air an econamaidh. Chan eil ann ach dà sheòrsa dhuine a chanas nach eil comas aig Alba seasamh air a casan fhèin – cealg­airean, ris na breugan gus an suidheachadh aca fhèin adhartachadh, agus amadain a tha gòr­ach gu leòr an creidsinn. Ged nach eil m’ athair fhìn a’ nochd­adh fèin-aithne nàiseanta gu foll­aiseach, tha na làithean a chuir e seachad ri linn na sradaige mu dheireadh de shòisealachd ann am Breatainn ag adhbhrachadh a chuid taic don iomairt “Nas Fheàrr Còmhla”. Tha e duilich dhòmhsa gabhail ris a’ cho-­dhùn­adh aige, ach tha na dh’ionnsaich mi mu charan an t-­saoghail sna deich bliadhna a dh’fhalbh air beagan a bharrachd tuigse a thoirt dhomh air na faireachd­ainnean aige.

Bha mi a­-riamh gam fhaicinn fhìn mar Albannach, ach chan eil an fhèin-­aithne seo idir cho làidir ’s a bhà, no co-­dhiù, sann measgaichte le feadhainn eile a tha i. B’e amaideas mòr – no neo­chiontas mac an fhir bheartaich – a bh’ ann ceum a ghabhail taobh a­-muigh saoghal clas-obrach mo chuid shinnsearan, gu h-­àraidh do shaoghal a tha a’ giùlan claon-­bhreith cho follais­each ’na aghaidh. ’S dòcha, fiù, nam biodh dòigh ann seann làithean mo sgìre ath­bheoth­achadh tron Aonadh, gum bhòt­ainn No.

Ach se a tha soilleir dhòmhsa, agus do m’ athair cuideachd, nach bi baile beag sam bith – Àir­each, eileanach, Rosach – ag èaladh ás an t­-sloc sa bheil iad fhad ’s a tha Alba ceangailte ri riaghaltas cèin a chuireas feum­alachdan dhaoine am bun Shas­ainn air thoiseach orra. Mar a chunnaic muinntir Stinston an dèidh a’ Chogaidh, sann á bàs a thig beatha. Tha mi an dòchas, ’s e ’na aonar sa bhùth-­bhòtaidh, gun tuig m’ athair, fear le fuil na sgìre ’na chuislean, gu bheil baile ’s làithean òige marbh.

• Tha Dàibhidh Rothach ag obair mar “fitter” ann an Alba ’s anns an Òlaind. Dh’ionnsaich e Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu.