Á MÀILEID A’ PHUIST

NUAIR chluinneas mise “Libya” tha mo smuaintean dol air ais iomadh bliadhna gu fear Abdul Bin Mohammed. Se Libianach a bh’ ann, duine òg, eireachdail, pròiseil, caol, àrd. Bha e fhèin ’s mi fhìn air cùrs’ trì mìosan co-cheangailt’ ri obair na h-ola.

Se measgachadh eadar-nàiseanta bh’ anns a’ bhuidheann. Daoine ás a’ Ghearmailt, ás an Fhraing, dùthaichean eile na Roinn Eòrp’, mi fhìn ’nam Leòdhasach, agus Abdul á Libya, uile anns an aon chearcall deichneir. Thàinig sinn dhan Khensington Palace Hotel ann an Lunnainn agus air feasgar Sàbaid choinnich sinn son a’ chiad uair ri chèile.

Bha am fear teagaisg againn gu math foirmeil, ’s bha againn ri innse do chàch cò bh’ annainn agus co ás a bha sinn. Bha Abdul air thoiseach air càch. Air a’ chiad shealladh chanadh tu gur ann ri prionns an fhàsaich bu choltaich’ e. Bha deise air nach fhaca mi riamh a shamhail agus coltas duine beartach air a bhrògan agus air uaireadair òir Rolex.

Hide Ad
Hide Ad

Bha duin’ eile ’na chois ag amharc air na bha a’ tachairt – Àrabanach mòr eile bhon Ambasaid Libianach.

Thàinig fear frithealaidh ’nar measg ’s e toirt cothrom taghadh air deoch sam bith a bha sinn air son a ghabhail. Nuair ràinig e Abdul thionndaidh esan agus thuirt e ann an guth a chluinneadh a h-uile neach a bha làthair nach cuireadh e bhilean ri deoch làidir ’s i air a toirmeasg dha anns a’ chreideamh aige.

Ghabh e gloinne sùgh ùbhlan. Bha fear na h-Ambasaid ’na sheasamh ri thaobh ’s a’ toirt fanear dè bha dol air adhart.

An ath latha bha sinn an sàs sa chùrsa, agus aig seachd uairean chruinnich sinn roimh àm dìnneir. Bha sinn a’ dol a ghabhail gloinne agus nochd Abdul air ais ’nar measg. Cha robh lorg air fear amhairc na h-Ambasaid neo air creideamh Abdul. Cha b’e sùgh ùbhlan a bha e ag iarraidh a-nis ach gloinne mhòr uisge-beatha.

Ghabh mi uabhas mar a bha e air a chreideamh a shadail ann an dol seachad aon latha, ach thug seo dhòmhsa sealladh air an duine a bha am broinn na deise brèagha.

Bha airgead gun chiall aige ’s e daonnan a’ pàigheadh bho làn a dhùirn de notaichean. Ge air bith dè an tobar ás an robh an t-airgead a’ tighinn, cha ghabhadh e a thraoghadh. Airgead, airgead agus tuilleadh airgid. ’Na làmh bha airgead aige gach feasgar nas motha na an tuarastal mìos agamsa.

Bha fasan aige a bhith connspaideach agus ’na bheachd fhèin cho ceart ’s a ghabhas ceart a bhith. Ach seo an t-eadar-dhealachadh – nuair chitheadh e gun robh e call, chuireadh e car mu chnoc agus thòisicheadh e a’ dearbhadh gu daingeann dearg an aghaidh a’ bheachd a bha e toirt seachad o chionn mionaid neo dhà.

Bha sinn le chèile a’ fàs gu math sgìth air dòighean Abdul. Aon latha ’s gun fhios dha, chuir mi an t-inneal teip a dhol ’s mi a’ clàradh a’ chòmhraidh.

Hide Ad
Hide Ad

Thachair mar thachair roimhe. Bha Abdul a’ call. Thionndaidh e a bheachdan ’s e cumail a-mach gur e beachdan a’ mhòr-shluaigh a bha e labhairt bho thùs. Thuirt mi rium fhìn, “Ged a tha thusa, Abdul, cho sleamhainn ri easgainn, tha thu air do ghlacadh a-nis.”

Nach mi bha faoin. Nuair bha e ag èisteachd na facail a labhair e air beulaibh luchd fianais, thòisich e ag ràdh nach b’e a ghuth-san a bh’ air an teip!

Co eile bh’ ann? Cha robh fios neo dragh aige.

Thàinig an cùrsa gu crìoch. Theich Abdul a thogail na duais a bha a theaghlach a’ toirt dha. Dh’fhailich e an cùrs’ gu tur, ach cha robh sin ’na chnap starradh. Bha e siubhal air an itealan don Ghearmailt ’s a’ dol dhachaigh gu Libya le càr spòrs ùr Mercedes. Theich mi fhìn gu tuath air an trèan ’s cha robh dad a’ feitheamh ach tilleadh gu obair an ath latha.

Càit’ a bheil thu an-diugh, Abdul Bin Mohammed? Chan eil fios agam, ach tha fios agus cinnt ma bha thu o chionn mìosan air ais a’ toirt taic do Ghaddafi bidh thu nis, a charaid, anns a’ chiad shreath shaighdearan a tha gu dìleas dìcheallach ’na aghaidh.

MURCHADH MOIREASDAN