Leabhraichean: Sgeul tha faighneachd có th' annainn 's dé tha sinn a' dèanamh le ar beatha

Tha An Aisling le Alison Lang (Acair, £9.99) 'na nobhail tharraingeach mu mhuinntir òga mheadhan-chlasach na h-Alba aig toiseach an 21mh linn. Tro shùilean té dhiubh, Mórag NicLeòid, tha sinn a' leantainn nam beathannan aig sianar a rinn Ceiltis còmhla ann an Oilthigh Dhùn Éideann mu 1990 agus nach do rinn dad idir leis na ceumannan aca '“ neo sin a tha Mórag a' cumail a-mach, ach cho fada 's a tha mise faicinn, bidh ise 's a caraidean a' bruidhinn na Gàidhlig, a' cnuasachd mu chor na Gàidhlig, ag éisteachd ri Radio nan Gaidheal, a' teagasg Gàidhlig bho àm gu àm, 's a' cur an cuid chloinne gu sgoiltean Gàidhlig. Cha chreid mi gur urrainn dhuinn móran a chòrr iarraidh ach iad a dhol 'nan tidsearan làn ùine. Tha siud agus rudan eile a' toirt cruth dhan nobhail '“ tha beachd againn co ás a tha na daoine seo uile a' tighinn, eadar 's gur e Gaidhil bho thùs, Gaidhil ùra, Gaidhil bhutarscionn neo Gaidhil chùl-ri-druim a th' annta.
"Cho dluth s a tha an dealbh a tha an t-ughdar a' peantadh de Mhartainn ri Aonghas MacLeoid nach maireann": seo dealbh bho thasglann an Albannaich de dh'Aonghas (deas) an sas ann am ploidh ann an 1976"Cho dluth s a tha an dealbh a tha an t-ughdar a' peantadh de Mhartainn ri Aonghas MacLeoid nach maireann": seo dealbh bho thasglann an Albannaich de dh'Aonghas (deas) an sas ann am ploidh ann an 1976
"Cho dluth s a tha an dealbh a tha an t-ughdar a' peantadh de Mhartainn ri Aonghas MacLeoid nach maireann": seo dealbh bho thasglann an Albannaich de dh'Aonghas (deas) an sas ann am ploidh ann an 1976

Agus siud far a bheil an “aisling” a’ tighinn a-steach. Tha i ’na snàithlean inntinneach a tha a’ ruith tron sgeul ’s ga cheangal ri chéile ann an dòigh a tha air leth riarachail. “Aig cridhe na h-aisling bha am moladh gun togamaid coimhearsnachd Ghàidhlig ùr, às aonais luchd na Beurla.” Tha fios aig an t-sianair càit an tig an aisling beò, oir tha oighreachd san teaghlach aig aon dhiubh, àit’ air tir-mór air a bheil Baile Luachrach mar ainm. Tha e falamh fàs, ach tha an té as beairtiche dhiubh, Ishi Nic na Ceàrdaich neo Caird ás an Òban (a thòisich aig CalMac, a rinn cùrsa ann a Hotel Management ’s a chaidh ’na h-entrepreneur eadar-nàiseanta), ga cheannach. Dé thig ás? “The Caird Ashling Highland Golf Resort.” Ma bheir siud oirbh smaointinn air Dòmhnall Trump, thà, tha esan air ainmeachadh san leabhar.

Mar sin tha an aisling air a dhol rathad nan aislingean uile – ’na sgleò. Tha diofar ainmean aig Móraig air Baile Luachrach aig diofar amannan. “The Findhorn of the West.” “Eilean Iarmain air Tir-Mòr.” Nuair tha an aisling a’ dol gu math tha i toirt cosnadh do mhuinntir an àite. Ann am mionach na nobhail tha sinn a’ cluinntinn mu fhear Mìcheal, agus tha aon de na prìomh charactaran, Eilidh Nic an t-Sagairt, a phòs an t-Ameireaganach Tom a cheannaich an t-àite bho Ishi, a’ cur na h-aisling an cuimhne do Mhóraig. “’S iad daoine mar Mhìcheal a tha ga toirt beò. Cha d’fhuair e ach Standard Grade no dhà, chan eil tòrr obraichean san sgìre seo, agus dè tha e a’ dol a dhèanamh? Falbh a bhith na khitchen porter sa Ghearasdan? An seo, ’s e duine cudromach a th’ ann. Ionnsaichidh e sgilean, agus cumaidh e a’ Ghàidhlig.”

Hide Ad
Hide Ad

Prìomh charactar eile se Màrtainn, naidheachdair a tha amharasach mu nì sam bith gus a bheil e air a dhearbhadh. “Seo sinne air tìr mòr, ann an àite nach eil ainmeil mar tèarmann na Gàidhlig,” tha e ’g ràdh, “agus sin agad am balach òg a tha na dhorsair agus na caileagan òga a bha a’ frithealadh oirnn a-raoir, agus am boireannach ud an-diugh a bha a’ glanadh. An rud a rinn Sabhal Mòr le airgead poblach, tha iad air a dhèanamh an seo gun chàil eile ach obair chruaidh.”

Ach tha an aisling a’ dol leis a’ bhràighe. Thig an latha a thathar a’ leigeil le Mìcheal falbh, ’s tha esan ’s an teaghlach aige a’ fàgail sgìre an àraich. “Chaill iad an uair sin fear-smàlaidh saor-thoileach, tè a bhiodh a’ dràibheadh nan seann daoine mun cuairt, pàiste a dheidheadh dhan bhun-sgoil an ceann trì bliadhna . . .” Cha chan mi móran a chòrr, eagal ’s gum mill mi an sgeul oirbh, ach cuiridh mi mar seo e: tha crìoch aig An Aisling nach biodh ás an rathad ann an Jane Eyre no Rebecca.

Tha fada bharrachd san nobhail seo na oighreachd air Ghaidhealtachd agus bruadaran mun Ghàidhlig. Tha i mu dheidhinn daoine. Tha Mórag ’na nighean ministeir a thogadh ann an Cill Rìmhinn. Bha obair aice uaireigin ann an gaileiridh ealain, an uair sin ann an companaidh a bha a’ reic àirneis, agus greis aig foillsichear irisean. Nuair a chailleas i sin tha obair-ghlanaidh ann dhi aig Taigh Bhaile Luachrach. Tha sinn a’ coinneachadh tric ri a h-athair ’s a màthair ’s a piuthar Janet. Chan eil Mórag agus Janet a’ faighinn air adhart ri chéile. Sann ás na Hearadh a tha an athair, ach chan eil diù aige dhan Ghàidhlig, oir tha e ga faicinn mar chainnt a’ chreidimh chumhaing ’s na bochdainn. Chan e stereotypes a gheibh sinn ann an An Aisling ach fìor charactaran.

Tha Mórag a’ fuireach an Dùn Éideann còmhla ri Donnchadh, ’s tha triùir chloinne aca – an dithis aca fhéin agus gille beag a bh’ aig Eilidh ri Donnchadh roimhe. Tha Donnchadh ’na dhuine òg maiseach le sùil ri na boireannaich, ged a tha e cuideachd ’na phedant gu ìre ’s gur e “Dwelly” am farainm aige. Tha e an-diugh ’na sheirbheiseach catharra.

Sann á Àird nam Murchan a tha Eilidh. ’S i as “uaine” dhen t-sianair. Bidh i a’ seinn, ’s rinn i tòrr siubhail. Tha gach nì a’ dol gu math leatha gus am faigh Tom bàs ann an tubaist càr. As déidh siud tha i tuiteam ás a-chéile ’s tha fear Sven a’ gabhail brath oirre.

Dh’ainmich mi Ishi (Iseabail). Thug ise greisean còmhla ri Pàdruig, a bha uaireigin ag obair ann am bùth leabhraichean ’s a chaidh on uair sin ’na bhall-pàrlamaid Nàiseantach. “Is e duine comasach a th’ ann, ach chan eil e a’ bruidhinn gu math – cha robh riamh – agus chan esan an neach a chuireadh tu air an àrd-ùrlar no air cùl microphone no air an teilidh. Tha rudeigin na nàdar a tha buileach ceàrr airson na h-obrach a th’ aige. Ro shàmhach, ro dhiùid, rud beag cearbach.”

Bha Màrtainn a’ falbh le Mórag uaireigin ach an-diugh tha e pòsta ri Emma á Leódhas. Bha mi air mo bhualadh le cho dlùth ’s a tha an dealbh a tha an t-ùghdar a’ peantadh de Mhàrtainn ri Aonghas MacLeòid nach maireann, a gheàrr fhiaclan air a’ phàipear-naidheachd seo sna 70an ’s na 80an. “Cha ghabhadh stad a chur air Màrtainn uair sam bith. Bha e na chù-naidheachd, a’ snotaireachd nan stòiridhean, fiù ’s air latha na bainnse agus fiù ’s rè mìos nam pòg . . . Thuirt iad air na naidheachdan gur e guth poilitigs na h-Alba bh’ ann am Màrtainn, reul an reifreinn, sàr-eòlaiche a bha cothromach do gach taobh, càirdeil is sìobhalta ris a h-uile duine, na dhuine uasal is na sgoilear, cliùiteach ann an craoladh agus anns na pàipearan.”

Sin snàithlean eile a tha a’ ruith tron leabhar – poilitigs, leithid na Tòraidhean a’ faighinn a-staigh an aghaidh gach dùil ann an 1990, neo mar fhuair sinn Pàrlamaid na h-Alba, 9/11, an Reifreann air Neo-Eisimeileachd. Chan i Alison Lang a’ chiad nobhailiche a chleachd cleas den t-seòrsa, ach tha i ga dhèanamh gu math. Bha iad seo uile ’nan tachartasan aig an robh greim air inntinn nan caractaran ’s a chaidh ’nam pàirt dhe’m beatha.

Hide Ad
Hide Ad

Tha An Aisling a’ cur cheistean mu dheidhinn có th’ annainn ’s dé tha sinn a’ dèanamh le ar beatha. Aig an aon àm tha plot aice mu Bhaile Luachrach a tha a’ gearradh troimhpe mar pheilear ’s gar cumail an greim chun na duilleig mu dheireadh. ’S math as d’fhiach e leughadh.

Gaelic Guide for learners: Children’s books in Gaelic

Reading children’s books in Gaelic can be useful for learning new vocabulary and grammatical structures. Translations of well-known texts can be especially helpful, as the reader is already familiar with the narrative, and so it is easier to work out the meaning of unknown words without resorting to a dictionary and disrupting the reading flow.

Even so, there are times when the translation can be too good! At the start of Chapter 2 of Eachdraidh Ealasaid ann an Tìr nan Iongantas (Alice in Wonderland), we read: “Nas neònaiche agus nas neònaiche!” ghlaodh Ealasaid (bha na bha sin de dh’iongnadh oirre, agus gun robh i air dìochuimhneachadh airson tiotan mar a bhruidhnear deagh Ghàidhlig); “a-nis tha mi a’ fosgladh a-mach mar am prosbaig bu mhotha a bh’ ann a-riamh!” (“Curiouser and curiouser,” cried Alice - she was so surprised that she had forgotten for a moment how to speak good Gaelic; “now I’m opening up like the biggest telescope that ever was!) (Lewis Carroll, Ealasaid ann an Tìr nan Iongantas, translated from English by Moray Watson.)

Note: nas neònaiche - unlike the English curiouser - is the grammatically correct comparative form of neònach (strange), which makes a nonsense of Ealasaid’s supposed inability to speak “deagh Ghàidhlig”!

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning.

Related topics: