Irisean ùra Gàidhlig air fàire agus tsiops san Dolphin Grill

Chaidh iris ùr Ghàidhlig, Tuath, a chur air bhog aig Sabhal Mòr Ostaig o chionn ghoirid le leughaidhean bho Mhaoilios Caimbeul agus bho Choinneach Lindsay. Bha leughaidhean ann cuideachd bho Bhoyd Robasdan, Iain Urchardan, Jo NicDhòmhnaill agus bho Mhaoilios Caimbeul mar chuimhneachan air Dòmhnall MacAmhlaigh a chaochail am-bliadhna.

’S e tha ann an Tuath leasachan ris an iris Northwords Now, a chuir a taic ri sgrìobhadh Gàidhlig riamh. San iris ùir bidh barrachd àite do sgrìobhadh nach do nochd cho cunbhalach ann an NN roimhe seo agus tha eisimpleirean dòigheil den t-seòrsa sin saothrach an seo le earrainn à nobhail le Mòrag Law agus aiste Bheurla le Alasdair MacRath (bidh àite ann cuideachd do rudan Beurla a bhios a’ bualadh air Gàidhlig, obair-bhreithneachaidh gu sònraichte).

Chan eil irisean Gàidhlig gann an-dràsta le tè Steall air nochdadh an-uiridh cuideachd agus tè ùr fhathast anns an amharc aig Sabhal Mòr Ostaig. ’S e An Tarbh an t-ainm a tha air seo agus ma bhios duine sam bith aig a bheil ceangal, air cho beag, ris an t-Sabhal ag iarraidh sgrìobhadh cruthachail de sheòrsa sam bith, ann an Gàidhlig, a chur dhan iris, faodar sin a dhèanamh ann am post-dealain chun an Deasaiche, Coinneach Lindsay, aig [email protected].

Hide Ad
Hide Ad

Seo gu h-ìseal earrann às an nobhail le Mòrag Law a nochd sa chiad àireimh de Tuath:

Tsiops aig an Dolphin Grill

Bha pearsa caol, èasgaidh aig Màiri agus choisich i le ceumannan diongmhalta, clis agus druim dìreach. Thòisich i air ais tron a’ bhaile, seachad air Sutherland’s Garage agus an uair sin sìos an rathad beag ri taobh taigh-òsta An Dunollie dhan Dolphin Grill – an café a bha dìreach air ùr-fhosgladh aig toiseach an t-sèasain seo. Bha uinneagan mòra gleansach air agus stòlaichean àrda air beulaibh cunntair fhada a bha còmhdaichte le Formica. Bha bùird Formica ann cuideachd agus bha Màiri den bheachd gun robh seòrsa de riochdalachd air an àite nach robh ri fhaighinn àite sam bith eile ach, ’s dòcha, ann am Port Rìgh – far an robh an café as spaideil air an eilean – an “Caley” air Sràid Wentworth.

Nuair a chaidh i a-steach bha an t-àite falamh is i an t-aon chustamair. Shuidh i sìos aig a’ chunntair air aon de na stòlaichean àrda agus leig i sìos am baga ri a casan. Thug i an sporan beag leathair a-mach às a pòcaid agus nuair a thàinig fear le aparan mòr geal a-mach às a’ chidsin dh’iarr i air airson truinnsear tsiops agus glainne Cream Soda. Chunnt i an t-airgead a-mach gu cùramach air a’ chunntair agus dhòirt am fear glainne mòr àrd Cream Soda dhi. An uair sin chaidh e air ais dhan a’ chidsin far an cuala Màiri spreadhadh fhuaim nuair a chaidh na tsiops a-steach dhan ola theth. ’S an uair sin thàinig am fàileadh math, blasta, blàth agus thàinig e a-steach dhi gun robh acras mòr, mòr oirre agus nach robh i air mìr ithe bhon a fhuair i dìnnear-sgoile aig meadhan-là. Dh’òl i an Cream Soda beag air bheag, a’ feuchainn ri deur beag a’ cumail air ais gus an tàinig na tsiops. Mu dheireadh thall thàinig am fear a-mach às a’ chidsin le cnap mòr de tsiops òr-dhonn air truinnsear geal.

“Sal’ an’ vinegar, hen?” Bha blas làidir Ghlaschu aige. “Yes, please,” thuirt i is fadachd oirre gan ithe. Sgaoil am fear còmhdach math de shalann is vinegar orra. “No’ in school the day?” Dh’innis i dha mun dleastanas chudromach a bh’ aice, mar a fhuair i dhan Àth Leathann agus mar a bha i a’ faighinn dhachaigh. “That’s quite a walk for you, hen – all the way tae the Sleat road-end fae the hospital! I hope yiv left plenty o’ time tae catch yer bus! Right then, you just get yer chips eaten up ...” agus chaidh e a-steach dhan a’ chidsin a-rithist.

Thòisich Màiri air na tsiops agus dh’ith i iad gun stad. O, nach iad bha math ... cho teth, cho criospaidh, le blas geur vinegar orra. Nuair a chuir i am fear mu dheireadh na beul, chuir i sùil a-rithist air a h-uaireadair agus cha robh a-nis ach trì cairteil na h-uarach air fhàgail dhi airson bus Chaol Àcainn fhaighinn. B’ fheudar dhi cabhag a dhèanamh.

Leum i sìos bhon stòl, thog i am baga bhon ùrlar agus chaidh i a-mach às an Dolphin Grill is suas chun an rathaid-mhòir a-rithist. Choisich i na bu luaithe sìos tron a’ bhaile fhada, sgapte. Seachad air a’ Cho-op, na Taighean Suaineach, bùth a’ bhùidseir. Seachad air Sgoil an Àth Leathainn, Harrapul agus bùth Iain Chrìsdein. Seachad air ceann-an-rathaid Waterloo agus an uair sin bha a ceann-uidhe na sealladh, is fhathast còig mionaidean mus tàinig am bus.

Na seasamh aig a’ chrois-rathad ’s i a’ gabhail anail, chuala i srann a’ bhus a’ tighinn suas an rathad bho Chaol Àcainn. Nuair a thàinig e gu stad air a beulaibh chaidh i air bòrd gu taingeil oir bha i a’ faireachdainn gu math sgìth a-nis.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 15 CÉITEAN 1937

Gàidheil a b’Aithne Dhomh

Is e Iain Mac Mhuirich a’ cheud fhear air an toir mi iomradh an toiseach - “Fear an Fhéilidh-bhig,” mar a theirte ris gu minig. Bha e fiughanta, flaitheil, agus daonnan deas gu fàilte chur air caraid.

Hide Ad
Hide Ad

Cha robh mise am charaid dha an dòigh shònruichte ‘sam bith, oir bha e ‘na sheann duine mu’n d’ fhuair mi móran eòlais air. Ach aon uair is gu’n d’thàinig sinn an caramh a chéile choinnich sinn gu tric, oir bha coinneamhan Gàidhealach na bu lìonmhoire aig na h-àmannan ud na tha iad an tràsda. Bha esan ‘na cheann-iùil dhaibh uile agus cha bhiodh a’ chuideachd ceart mur biodh e ‘na broilleach, m’a bha i air son leas na Gàidhealtachd air fad. Thòisich e air pàipear-naidheachd - “An t-Ard Albannach”- a chur am mach an Inbhir-nis an uair a thug e suas seirbhis a’ Chrùin, ach cha do mhair e ach àireamh bheag bhliadhnachan. ‘Na dhéidh sin thug Mac Mhuirich e féin a suas ach beag gu buileach do aobhar nan croitearan, agus bha e gu mór ‘na mheadhoin air Achd cneasda a bhi air a chur troimh’n Phàrlamaid ás an leth. B’ e air chinnt, a’ cheud fhear a thug air aghaidh ceist an fhearainn a thaobh na Gàidhealtachd, agus chaith e barrachd maoin is ùine rithe na rinn neach ‘sam bith eile.

Thòisich e, mar an ceudna, air cothrom ùr a thoirt do chainnt nan Gàidheal le bhi cur na h-uiread dhith gach seachduin ‘san “Ard Albannach.” B’ e caraid ‘nan croitean a bh’ ann gun teagamh.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Lenition in Gaelic

Last week we explored lenition, the change of sounds which is generally shown by adding an h after the initial consonant of a word, and how it is used to mark masculine and feminine words.

Lenition is normally triggered by the previous word. For example, math ‘good’ becomes glè mhath ‘very good’. The mh is pronounced like v in the liqueur Glayva. Similarly ro mhath ‘too good’, fìor mhath ‘really good’.

Nouns are lenited also after the prepositions ro ‘before’, do/a ‘to’, mu ‘about’, fo ‘under’, bho ‘from’, gun ‘without’, mar ‘like’ and de ‘of’: do Dhòmhnall ‘to Donald’, a Ghlaschu ‘to Glasgow’, mu Bharraigh ‘about Barra’, fo bhòrd ‘under a table’, gun bhainne ‘without milk’, mar bhò ‘like a cow’, de bhiadh ‘of food’.

Remember that the letters l, n, r are not marked with an h, although they may sometimes be lenited, e.g. leabaidh ‘bed’, with an l as in English million, but mo leabaidh ‘my bed’, with l as in English lily.

The prepositions do/a and de effect vowels and f in a different way: Tha mi a’ dol a dh’Inbhir Nis ‘I’m going to Inverness’, Chan eil càil de dh’fhios agam ‘I have no idea’.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning