Goireasan ath-sgrùdaidh ùra sa Ghà idhlig rin lorg air BBC Bitesize
An-diugh, ge-tà, faodaidh goireasan ath-sgrùdaidh a bhith aig sgoilear nam pòcaid às bith càit am bi iad. Tha BBC Bitesize a’ tabhann taic air-loidhne agus air App a chuidicheas òigridh ann a bhith ag ath-sgrùdadh an obair-sgoile tron bhliadhna acadaimigich, ach gu h-àraid aig àm dheuchainnean agus mheasaidhean.
Air làrach-lìn Ghàidhlig Bitesize, tha Eachdraidh, Cruinn-eòlas agus Nuadh-eòlas air an riochdachadh aig ìrean Nàiseanta 4 agus Nàiseanta 5; le Gàidhlig agus Gaelic (Learners) rim faotainn aig ìrean Nàiseanta 4, Nàiseanta 5 agus Àrd-ìre.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad’S e fear de phrionnsapail Bitesize gun tèid aig sgoilearan air obrachadh tro iùil luchd-ionnsachaidh na làraich leotha fhèin, gun taic bho thidsear no bho dhuine sam bith eile. Tha am fiosrachadh a tha a dhìth air a chur romhpa sna duilleagan trom faod iad a dhol, le deuchainn ghoirid aig deireadh gach earrainn.
Bho phrìomh dhuilleig Bitesize, a tha ri fhaighinn aig bbc.co.uk/education, faodaidh sgoilear, no gu dearbha neach sam bith aig a bheil ùidh ann an cuspair, iad fhèin a stiùireadh chun na duilleig as fheàrr a fhreagras orra fhèin. Thathas a’ dèanamh seo gu math sìmplidh le bhith a’ taghadh na dùthcha anns a bheil iad a’ faighinn foghlam, an ìre aig a bheil iad agus an cànan anns an iarradh iad a bhith air an stiùireadh tron làraich; le taghadh eadar Beurla, Gàidhlig, Cuimris agus Gaeilge.
Ach dè tha ri lorg air na duilleagan? Tha fiosrachadh a tha bunaiteach do gach cùrsa, le diagraman agus deilbh agus cothrom sampaill cheistean fheuchainn le fios a bheir stiùireadh air an t-seòrsa freagairt ris am bite an dùil ann an deuchainn. Ann an cuspairean cànain, leithid Gàidhlig agus Gaelic (Learners), chaidh earrannan fuaim a chlàradh gus cothroman a bharrachd a thoirt air a bhith a’ cluinntinn na Gàidhlig air a bruidhinn aig ìre sgil a tha freagarrach don sgoilear.
Ach ciamar a tha fios gu bheil na th’ ann freagarrach? ’S e tidsearan a bhios a’ sgrìobhadh gach facal agus tha measadh air a dhèanamh air gach pìos le tidsear eile mus tèid fhoillseachadh. Air an dòigh sin, faodar a bhith cinnteach gu bheil na stuthan air na duilleagan-lìn riatanach do neach a tha ag obair a dh’ionnsaigh an teisteanais.
Aig ceann gach earrainn, anns an Deuchainn ghoirid, tha ceistean le roghainn fhreagairtean, sgòr agus fios air ais mun fhreagairt a chaidh a thoirt. Dè mu dheidhinn feuchainn air ceist mu Chruinn-èolas bho làrach Bitesize aig ìre Nàiseanta 5 is earrann Aibhnichean is Glinn? Seo i:
Dè an cùrsa dhen abhainn a dheigheadh a chleachdadh airson coilltearachd? (a) Cùrsa uachdrach (b) Cùrsa meadhain (c) Cùrsa ìochdrach.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad’S e freagairt (a) a tha ceart. Carson? Seo am fios air ais a gheibh tu:
“Tha coilltearachd nas cumanta ann an cùrsa uachdrach aibhne oir tha an talamh cas agus an ùir tana. Thèid aig craobhan air a bhith beò san t-suidheachadh sin.”
Eisimpleir a tha sin, ’s dòcha, air gum faodadh an t-eòlas coitcheann a tha ri fhaotainn sa Ghàidhlig air BBC Bitesize a bhith inntinneach do dhuine sam bith, seach sgoilearan a-mhàin.
Thathas an dùil sna mìosan a tha romhainn goireasan Gàidhlig Bitesize a leudachadh le bhith a’ cur chùrsaichean Matamataig (aig ìrean Nàiseanta 4, Nàiseanta 5 agus Àrd-ìre) agus Matamataig Sgilean-beatha (Nàiseanta 4 agus Nàiseanta 5) ris. Thèid obair a dhèanamh an uair sin gu ruigear stuthan do chlann bun-sgoile.
Agus, ma bhios strì co-cheangailte ri ath-sgrùdadh no ri na deuchainnean, tha comhairle air bhidiothan duilleagan The Mind Set de Bitesize mu dhiofar dhòighean air a bhith ag ath-sgrùdadh, bho bhith a’ cleachdadh sheann phàipearan deuchainn gu bhith a’ planadh gus cùisean a chumail ciùin, sèimh ro-làimh. Tha a’ chomhairle sna bhidiothan a’ tighinn bho dheugairean aig a bheil fios air cò ris a tha e coltach a bhith ag ullachadh airson dheuchainnean.
’S e obair latha tòiseachadh, ach tha taic ri làimh. Gach soirbheachadh do sgoilearan na bliadhna seo.
O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 10 GIBLEAN 1937
Càil air son Oibre
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTha sinn na’s èasgaidh aig aon àm seach àm eile air son adhart a dhèanamh le’r n-obair no le dleasnais an latha. Tha e duilich aobhar a thoirt air son a’ mhùthaidh so a tha tighinn gu minig thairis air ar càil, ach chan eil ach ainneamh neach nach do mhothaich dha aig caochladh amannan.
Cinnteach gu leòir tha muinntir òg na’s buailtiche na feadhainn a thig gu aois air a bhi am mach à clì oibre air làithean sònruichte. An uair a thig bliadhnachan tùir is gliocais bidh e daonnan soillear fa chomhair na h-inntinn gu’m feumar sùrd a chur air gnìomhachas sam bith a tha ri dhèanamh, agus nach eil ann a bhi feuchainn ri sheachnadh ach call tìm is cothroim. Am fan an fhàgail so againn ré ar beatha – a bhi am fonn na’s fèarr corra latha na air làithean eile? Glé choltach fanaidh, oir cha d’thàinig sinn fhathasd chum na h-inbhe ’sam bi ar smaointean is ar n-aignidhean a’ ruith daonnan anns na h-aon amair. Bha na Gàidheil riamh toigheach air a bhi treabhadh an iomaire bha dìreach rompa mu’n teannadh iad ri feadhainn eile a bha fada uatha.
Sheas an cleachdadh so gu math dhaibh an iomadh cruadal; agus nan d’thug iad an aire air an gnothach air a’ mhodh so aig Cuilfhodair cha bhiodh a’ Ghàidhealtachd air a robladh cho dona ’s a bha i. Treabh an t-iomaire tha romhad an toiseach agus bidh fonn oibre ort daonnan.
GAELIC GUIDE FOR LEARNERS
In Gaelic culture, there are still people differentiated by nicknames or bynames, especially those born when people were named for family members and when the pool of names was relatively small. You might get Dòmhnall Beag and Dòmhnall Bàn in the same township or, as a child, have known An Saighdear, only finding out his ‘real name’ years later.
The common term for ‘nickname’ or ‘byname’ is far-ainm but in Applecross and the north-west Highlands, the word used is almost always anaisg (or aithnisg according to Dwelly’s dictionary).
For example, you might hear a phrase such as ’S e Am Patent an anaisg a bha aca air an duine sin ‘That man’s nickname was The Patent’.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTownships were also assigned identities, which may have arisen from perceived common characteristics, from rhyming games, accidents of topography or from (sometimes petty, sometimes imagined) local rivalries. Many of these names have been forgotten but the people of Lonbain used to be called Bodaich bheaga bhiorach an Lòin Bhàin ‘the wee spiky old men of Lonbain’ (with the adjectives lenited after a plural in a final slender consonant). A proverb has it that you could be Cho leisg ris a’ bhroc ‘As lazy as a badger’, but probably no-one would like to suggest that’s why those in one coastal township were known as Bruic Dhoir’ Aonair ‘the Doire-aonar badgers’!
Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning