FilmG: Cothrom air leth Gàidhlig a chleachdadh an lùib film is teicneòlais

Thèid an naodhamh cuirm dhuaisean aig FilmG a chumail Dihaoine sa tighinn (17 Gearran), agus tha a h-uile coltas ann gu bheil an fharpais airson fhilmichean goirid sa Ghàidhlig cho tarraingeach 's a bha i riamh am measg inbheach agus òigridh.
B e Strì cuspair na bliadhna sa airson na farpais FilmG, agus thug an cuspair sin brosnachadh do thòrr dhaoine gus cur a-steach airson nan diofar fharpaisean.B e Strì cuspair na bliadhna sa airson na farpais FilmG, agus thug an cuspair sin brosnachadh do thòrr dhaoine gus cur a-steach airson nan diofar fharpaisean.
B e Strì cuspair na bliadhna sa airson na farpais FilmG, agus thug an cuspair sin brosnachadh do thòrr dhaoine gus cur a-steach airson nan diofar fharpaisean.

Thòisich FilmG le taic bho MG ALBA ann an 2008 aig an aon àm ’s a thòisich an sianal Gàidhlig BBC ALBA, agus chaidh na ciad duaisean a thoirt seachad ann an 2009. Tha 18 farpaisean aca a-nis airson òigridh agus inbheach agus iad ag amas air sgoiltean, buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa leth. Am measg nan diofar dhuaisean a th’ ann, tha am film as fheàrr, an sgriobt as fheàrr, a’ chluiche as fheàrr. Tha duaisean ann airson luchd-ionnsachaidh agus fhileantach agus mar a bhiodh tu an dùil san latha a th’ ann, duais airson film fòn-làimhe.

Tha FilmG ga ruith leis a’ chompanaidh Cànan às leth MG ALBA. A’ bruidhinn air mar a tha na duaisean air tighinn air adhart bho thòisich iad, thuirt Eilidh NicFhraing, Oifigear Pròiseict aig Cànan: “A’ cunntas filmichean na bliadhna sa, tha còrr is 550 film againn a-nis air an làrach-lìn. ’S e tasglann gu math mòr a tha sin. Tha sinn a’ dèanamh tòrr a bharrachd a thaobh sanasachd; sin dìreach mar a tha an saoghal air atharrachadh. Tha na meadhanan sòisealta a’ ciallachadh gu bheil e tòrr nas fhasa dhuinn fios a chur gu daoine.

Hide Ad
Hide Ad

“Tha na h-àireamhan air a dhol suas gach bliadhna an ìre mhath. Bha farpais ùr againn am-bliadhna airson aithris spòrs. Bha sinn a’ faicinn gun robh beàrn ann, gun robh daoine ann ’s dòcha aig nach robh ùidh ann a bhith dèanamh fhilmichean ach gun robh ùidh aca ann a bhith ag aithris agus gun robh ùidh aca ann an spòrs. Le sin tha sinn a’ toirt cothrom do bhuidheann eile ’s dòcha nach eil air film a dhèanamh.”

Tha teicneòlas air diofar mòr a dhèanamh cuideachd a thaobh mar as urrainn do dhaoine filmichean a dhèanamh. Mhìnich Eilidh: “’S e teicneòlas a tha air an diofar as motha a dhèanamh bho thòisich an fharpais. Tha sin a’ dèanamh diofar dha na h-àireamhan agus a thaobh an t-seòrsa film a bhios sinn a’ faighinn. Tòrr dhiubh, cha chanadh tu gu bheil iad coltach ris na filmichean a chitheadh tu sa cinema. Tha iad nas coltaiche ri rud a chitheadh tu air Twitter: tha iad goirid, tha iad èibhinn. Chan eil daoine a’ cur seachad làithichean no seachdainean ag obair orra. Tha cuid fhathast a’ dèanamh sin – ag obair le camara, solais agus a’ cur seachad ùine gan gearradh – ach chan eil a h-uile duine. Gheibh thu daoine a’ dèanamh a’ film aca air a’ fòn aca; tha iad ga ghearradh air a’ fòn air iMovie agus an uair sin tha iad ga chur a-staigh.

“Tha mun aon uiread dhaoine a’ cur fhilmichean a-staigh a rinn iad le camara agus a tha cur fhilmichean fòn-làimhe a-staigh. Rud a tha sinn a’ faicinn a-nis, ’s e gum bi daoine a’ cur a-staigh airson nan duaisean dràma is comadaidh is an leithid le filmichean a rinn iad air a’ fòn-làimhe aca. Chan eil e a’ cur bacadh air duine a-nis ged nach eil camara aca.”

Tha na meadhanan sòisealta cuideachd a’ ciallachadh gu bheil e nas fhasa do dhaoine fios a sgaoileadh mu na duaisean agus bruidhinn mun deidhinn. A rèir Eilidh: “Seall air Duais an t-Sluaigh. Am-bliadhna tha còrr is 6,000 duine air bhòtadh air a shon. Tha sinn còrr is 40% nas àirde na an àireamh de dhaoine a bhòt an-uiridh. A-rithist, buaidh nam meadhanan sòisealta. Tha daoine a’ fàs cho math air Facebook, Twitter is Instagram a chleachdadh agus gu seachd àraid an òigridh. Bidh iad a’ cleachdadh Facebook, Twitter agus Snapchat ag iarraidh air daoine taic a chur ris na filmichean aca.”

Ach a bharrachd air a bhith brosnachadh ùidh am measg dhaoine ann am filmichean, tha an fharpais cuideachd a’ cur ri cor na Gàidhlig fhèin.

Thuirt Iseabail Nic an t-Sagairt, an Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd aig MG ALBA: “Tha an fharpais cudromach dhuinn air dà adhbhar, a’ chiad fhear: tàlant. Tha sinn a’ feuchainn ri daoine a bhrosnachadh gu bhith ag ionnsachadh sgilean. Agus an dàrna rud, agus dhòmhsa dheth ’s e seo an rud as cudromaiche, gu bheil sinn a’ brosnachadh dhaoine gu bhith dèanamh nan stuthan aca fhèin tro mheadhan na Gàidhlig. Gu bheil sinn a’ faicinn barrachd stuthan ann an cruth didseatach ann an Gàidhlig. Agus tha an fharpais na meadhan cudromach gus an t-amas sin a thoirt air adhart. Ma choimheadas tu air FilmG còmhla ri iomairtean ùra eile againn mar Vlog a’ Mhòid, chì thu gu bheil sinn a’ feuchainn ri daoine a bhrosnachadh gu bhith dèanamh nan stuthan aca fhèin agus gu bheil a’ Ghàidhlig gu math follaiseach sna stuthan sin.”

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach.

O CHIONN 80 BLIADHNA - ON WEEKLY SCOTSMAN, 13 GEARRAN 1937

Am Bata Buidhe

Bha creideamh a’ bhata bhuidhe glé ainmeil an cuid de na h-Eileanan aig aon àm, an uair a bha triath Rhuim a’ cleachdadh dol am mach air Di-dòmhnuich a cheapadh dream ’sam bith a bhiodh a’ dol do Eaglais shònruichte do nach robh e féin a’ toirt géill. Bhiodh bata mór, buidhe aige ’na làimh agus air an aobhar sin, theirte “creideamh a’ bhata bhuidhe” ris an aidmheil aige-san.

Hide Ad
Hide Ad

Tha cheart nì a’ tachairt ’sa Ghàidhealtachd an diugh ach an cruth ùr. Tha e air ìnnseadh dhuinn gu’m bheil cuid de àiteachan anns am bheil e duilich do choigrich shamhraidh ionadan fuirich fhaighinn mur téid iad do eaglais shònruichte no mur caith iad an latha beannaichte mar a chì muinntir an àite freagarrach. Tha sinn uile mùirneach mu’n t-Sàbaid agus is gràineach leinn i bhi air a briseadh le golf no sportaibh eile. Ach tha eadar-dhealachadh eadar so agus a bhi ’cur mhuinntir do’r n-eaglais féin a dh’aindeoin, agus a bhi bagairt orra, m’a dhiùltas iad, nach faigh iad àite ’sam faigh iad fantuinn. Is i an t-seann riaghailt agus an té cheart gu’m bheil a h-uile neach ’na lagh dha féin cho fad ’s nach cuir e, le cainnt no gnìomh, dragh no campar air dream eile. Tha ’n riaghailt so seasmhach air Sàbaid agus air seachduin agus cha ’èan gin eile feum ro fhada.

Tha na Gàidheil gaolach air meadhonan nan gràs agus is mór an airidh air cliù air a shon sin. Ach feumaidh foidhidinn a bhi aca oir tha còir aig muinntir eile air am barailean féin cuideachd.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

The fiddle or an fhidheall, along with the harp a’ chlàrsach and the bagpipes a’ phìob mhòr, is one of the essential and enduring musical instruments of the Highlands of Scotland and perhaps the most widespread throughout the Celtic nations and the Scottish diaspora, most notably in Cape Breton, Nova Scotia.

The fiddle is thought to have appeared in Scotland in the late 17th century, although like the harp and pipes, similar types of instrument were played previous to its documented arrival. Among the styles of Scottish fiddle playing are the Shetland style, espoused by fiddlers such as Aly Bain, the classically influenced Northeast style which is home to the strathspey and the West Coast, Highland or Gaelic style with strong links to the bagpipe music of the Highlands and Hebrides.

In Ireland the distinct Donegal style displays striking similarities to the Scottish styles. There are a number of Gaelic sayings and proverbs connected to fiddling and fiddlers, the most commonly used being, ‘Cho fileanta ri uileann fìdhleir’ or ‘As fluent as a fiddler’s elbow’, said of anyone, whether musical or not, with a seemingly effortless talent, and ‘Chaidh an ceòl air feadh na fìdhle’, literally ‘The music went all over the fiddle’ but having a similar meaning to the English saying ‘That put the cat among the pigeons’ or perhaps less poetically, something not very musical has hit the fan!

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning