Draghan ann mun t-seirbheis aiseig eadar Armadal is Malaig

Tha draghan mòra aig daoine fhathast mun t-seirbheis aiseig eadar Armadal agus Malaig a rèir Cathraiche Fòram Còmhdhail Shlèite, Ruaraidh Moireach. Choinnich buill den fhòram le Ministear na Còmhdhail Humza Yousaf BPA o chionn beagan sheachdainean ann an Dùn Èideann, ach a rèir Mhgr Moireach tha dùil aig cuid san sgìre ri bliadhna dhoirbh eile leis an t-seirbheis a tha CalMac air a chur air dòigh.
An MV Coruisk, am bata a chaidh a thoirt far na slighe eadar Malaig is Armadal agus a bu choir a bhith air a tilleadh a reir muinntir Shleite.An MV Coruisk, am bata a chaidh a thoirt far na slighe eadar Malaig is Armadal agus a bu choir a bhith air a tilleadh a reir muinntir Shleite.
An MV Coruisk, am bata a chaidh a thoirt far na slighe eadar Malaig is Armadal agus a bu choir a bhith air a tilleadh a reir muinntir Shleite.

Thuirt e: “Chan eil dòchas ann gu bheil dad a’ dol a dh’atharrachadh air an t-samhradh seo. Bidh aiseag againn nach robh againn ron seo, ’s e sin an Loch Fìne a b’ àbhaist a bhith air an t-slighe eadar Caol is Caol Àcainn. Tha sin ag innse dhut cho aosta ’s a tha i agus nam bheachd-sa chan eil i freagarrach air dhòigh sam bith. Agus mar sin tha sinn air ar clisgeadh gum bi an aon seòrsa butarrais againn am-bliadhna ’s a bh’ againn an-uiridh. Agus ma tha piseach idir a’ dol a thighinn air cùisean, ’s ann an-ath-bhliadhna, 2018, a thig e, ma thig e an uair sin fhèin. Chan eil sinn air ar misneachadh idir le càil a tha sinn air a chluinntinn.”

Bha tòrr dhaoine air gach taobh den chaolas mì-thoilichte leis an t-seirbheis aiseig a bh’ ann an 2016 nuair a chaidh an MV Coruisk a thoirt air falbh bhon t-slighe agus a chaidh bàtaichean eile a chur na h-àite, bàtaichean a rèir tòrr dhaoine nach robh freagarrach airson na slighe. A rèir nam figearan aig CalMac fhèin, chaidh tòrr a bharrachd sheòlaidhean a chur dheth air an t-slighe eadar Armadal is Malaig an-uiridh na chaidh a chur dheth air slighean eile.

Hide Ad
Hide Ad

Mhìnich Mgr Moireach: “Chaidh na busaichean sìos 15% ann an 2016, chaidh an àireamh de làraidhean is bhanaichean coimeirsealta sìos 41%. Chaidh na càraichean suas beagan, ach cha deach iad suas na bha sin. Agus ged a bha àrdachadh beag air luchd-siubhail agus càraichean, ma chuireas tu sin an coimeas ri mar a bha RET againn, bu chòir dhut àrdachaidhean mòra fhaicinn.

“Chaill daoine misneachd san t-seirbheis gu math sgiobalta nuair a thòisich an dol a-mach a bha seo. Bhiodh daoine a’ tighinn a dh’Armadal leis a’ chàr no a’ bhan aca, agus a rèir mar a bhiodh an làn, gu tric cha bhiodh i a’ seòladh. Agus sguir daoine a dhol a dh’Armadal idir, idir. Bha muinntir nam busaichean an t-aon rud. B’ àbhaist dhaibh a bhith tighinn air an aiseag, agus a’ falbh air an drochaid, no an taobh eile, a’ tighinn tarsainn na drochaid agus a’ falbh air an aiseag feuch am faiceadh an luchd-siubhail barrachd dhen dùthaich. Ach ’s e a bha a’ tachairt, thigeadh iad air an drochaid agus thigeadh iad sìos an seo a dh’Armadal, agus thigeadh iad chun a’ chidhe agus bhiodh iad ag ràdh riutha nach robh an t-aiseag ann agus gum feumadh iad tilleadh an rathad a thàinig iad. Chuir sinn fearg uabhasach air luchd nam busaichean gun ìre ’s gu bheil gu leòr dhiubh a-nis air a ràdh gu bheil iad ga leigeil seachad. Tha seo a’ toirt buaidh mhòr, mhòr air eaconamaidh na sgìre againn.”

Ach dè mu dheidhinn na seirbheis a bhios ann am-bliadhna, agus clàr-ama an t-samhraidh dìreach air tòiseachadh an-dè?

Fhreagair Mgr Moireach: “Chan eil an Loch Fìne freagarrach air dhòigh sam bith. Tha i a’ toirt trì chairteil na h-uarach a’ tighinn tarsainn, nuair a bha an Coruisk a’ toirt 23 mionaidean. Chan eil goireasan air thalamh air bòrd oirre airson luchd-siubhail. Tha i gu math ìosal san uisge. Tha fear againn air a’ fòram a bha na sgiobair aig muir fad a bheatha agus tha esan ag ràdh gu bheil i cho ìosal san uisge ’s nach eil e a’ smaoineachadh gun obraich i glè thric idir. Cuideachd, chaidh a togail airson slipways agus chan ann airson nan linkspans a th’ againn an seo. Chan eil sùil sam bith againn ri dad ach an aon bhutarrais ’s a bh’ againn an-uiridh.”

A rèir ChalMac: “Tha sinn den bheachd gu bheil sinn air fuasgladh a lorg, mar a chaidh iarraidh oirnn le Ministear na Còmhdhail, a tha dèiligeadh ris a’ mhì-chinnt a bh’ ann an-uiridh air sàillibh an làin agus a bheir seirbheis nas fheàrr do dhaoine. Dh’iarramaid air a h-uile duine aig a bheil ùidh sa chùis an taic a thoirt don cho-dhùnadh againn agus a bhith deònach obair còmhla rinn gus làn-fheum a dhèanamh de na seòlaidhean a bharrachd a bhios ann. Tha sinn air taic a thabhann do choimhearsnachd Shlèite le margaidheachd is obair sanasachd gus barrachd dhaoine a bhrosnachadh gu bhith tadhal air an sgìre agus gus innse do dhaoine gu bheil an t-slighe aiseig gu bhith fosgailte mar bu chòir.”

Ged a tha dòchas ann gun tig aiseag ùr a bhios freagarrach airson na slighe an ceann bliadhna no dhà, a rèir Mhgr Mhoirich, chan eil sin dol a chuideachadh leis na thachras am-bliadhna.

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 27 MÀRT 1937

Am Bradan

Tha muinntir an iasgaich glé thrang an ceartair an iomadh ceàrn de’n Ghàidhealtachd. Is e am bradan air am bheil miadh aig muinntir na slaite, oir cha d’thàinig àm nam breac buidhe ’s bàna fhathasd.

Hide Ad
Hide Ad

Ciamar a thàinig am bradan gu bhi air iasgach le slait air son feala-dhà, tha e ro dhuilich innseadh, ach chinn an spòrs ùidh air n-ùidh anns an dùthaich so agus an dùthchannan eile gus am bheil i air tighinn gu bhi ro fhasanta agus ro chosdail. Tha fir is mnathan an geall oirre, agus pàighear màil mhòra air son mìle no dhà de abhuinn air am bheil deagh iasgach. Tha ’m bradan ri fhaighinn na’s tràithe ’sa bhliadhna air taobh an ear na h-Alba na air an taobh an iar, agus, mar is trice, fanaidh e na’s faide. A bharrachd air iasgach na slaite, tha glacadh an éisg so air a ghiùlan air aghaidh ré mhóran mhìosan le lìn air an suidheachadh an dòighean àraidh. Chan ann air son spòrs a tha ’n obair so ach air son buannachd, agus tha gach bradan a thoirear gu tìr air an cur air falbh gu h-ealamh chum a’ mhargaidh.

Tha e fathasd gu math lìonmhor an iomadh àite, ged tha e air a shàrachadh le luchd-tòireachd. Tha e a’ cumail ionad inbheach anns na bùithean agus, de gach seòrs éisg air am bheil sinn eòlach, is e daonnan is daoire.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Thar beagan sheachdainean ‘over a few weeks’ we have looked at the Gaelic dialect of Geàrrloch, including different words and phrases such as:

na dromannan ‘white horses’; marcachd-sian ‘sideways rain’

a-mach ’s a-steach mu ‘around about …’; dar a bha mi òg ‘when I was young’

tha mi a’ snaidheadh ‘I am kept going’; feumas mi (instead of feumaidh mi) ‘I will have to’

char mi ghon a’ bhaile ‘I went to the town’; uamhlaidh ‘really, extremely’

guthàn ‘phone’; poile ‘while’

We also looked at how Gàidhlig Gheàrrloch differs from Mid-Minch Gaelic in terms of pronunciation:

seanair (shen-y) ‘grandfather’; seanmhair (shen-a-vy) ‘grandmother’

athair (eh-hy) ‘father’; màthair (meh-hy) ‘mother’

a’ fuireach (a foo-yoch) ‘living’; a’ dol (a dul) ‘going’

Hide Ad
Hide Ad

a’ coimhead (a co-ad) ‘watching/looking’; a’ falbh (a fol-av) ‘going/leaving’

As a parting gift, there’s the phrase uiread an staidhre ‘up the stairs’. Now we can say how we are, where we were (in many ways), what the weather was like, who we spoke to on the phone and how long we were speaking to them and reminisce about old times all in dualchainnt Gheàrrloch.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning