Dùbhlan sgrìobhaidh a bhuilich cothrom is misneach air tàlant ùr

Thàinig am beachd airson Na Saboteurs bho chòmhradh a bh' agam leis an stiùiriche Michael Hines, bho The Woven Thread, companaeachidh a chaidh a stèidheachadh gus comadaidhean agus dràma a dhèanamh do BhBC ALBA.
Daniel is Zoe a cluich Dean is Magaidh - Na SaboteursDaniel is Zoe a cluich Dean is Magaidh - Na Saboteurs
Daniel is Zoe a cluich Dean is Magaidh - Na Saboteurs

Bha Michael a’ coimhead airson sgeulachd a bhiodh freagarrach airson iomairt a bha an European Broadcast Union agus MG ALBA a’ cur air dòigh. Bha iad a’ coimhead airson film ghoirid stèidhichte air a’ chuspair ‘Teachdaireachd ann am Botal’ a bhiodh tlachdmhor do chloinn. Dh’fheumadh sinn cuideachd dèanamh cinnteach gum biodh e comasach don luchd-amhairc an sgeulachd a thuigsinn ged nach biodh Gàidhlig aca oir dheigheadh am film a shealltainn air feadh na Roinn Eòrpa.

Thuirt Mairead Chamshron, Àrd-riochdaire BBC ALBA, “Tha ballrachd aig diofar dhùthchannan san Roinn Eòrpa san sgeama agus bidh cothrom aca na diofar fhilmichean a shealltainn. Le sin, thèid am film Gàidhlig againn a sgaoileadh thall thairis agus bidh cothrom aig luchd-amhairc BBC ALBA diofar fhilmichean fhaicinn cuideachd.”

Hide Ad
Hide Ad

Leis an dùbhlan sin romham, thòisich mi a’ smaoineachadh air na rudan a bha duilich no cudromach dhòmhsa nuair a bha mi aig aois na cloinne a bhiodh a’ coimhead an fhilm agus b’ e cuspair romansach air na laigh mo shùil: balach òg ’s e feuchainn ri faighneachd dha nighinn an deigheadh i gu danns’ còmhla ris agus ise às a cìall oir bha deit aig a h-athair. Ag obair le taic is comhairle bho na h-eòlaichean aig The Woven Thread, MG ALBA agus an EBU, thàinig na caractaran aig Dean agus Magaidh beò: dithis rasgail a tha nise gu math faisg air mo chridhe.

Nuair a bha an t-àm ann smaoineachadh air cleasaichean fhaighinn airson an dràma, thàinig gum chuimhne trì seachdainean air leth dòigheil a bh’ agam ag obair air dealbh-cluich le buidheann chloinne ann an Sgoil an Rubha. Cha robh tòrr tìd’ againn agus bha cuid dhen chloinn air làithean-saora ach bha sinn glè fhortanach gun d’ fhuair sinn greim air Daniel Macleod airson Dean a chluich agus Zoe Mustian Atkinson airson Magaidh a chluich. Bha mi cuideachd toilichte dha-rìribh gun do dh’aontaich Donna Mhoireasdan agus Artair Donald pàirt a ghabhail. ’S e cleasaiche iomraiteach a th’ ann an Donna, a’ nochdadh air an stèids agus air telebhisean ann am prògraman leithid Bannan agus Ceitidh Mòrag. ’S e Artair an Neach-ealain Dràma aig Sabhal Mòr Ostaig agus tha e air a bhith ag obair mar chleasaiche agus eòlaiche dràma aig àrd-ìre airson iomadach bliadhna.

Bha mi air mo dhòigh gun tug Michael dhomh an cothrom a bhith nam stiùiriche air a’ phròiseact ach bha mi beagan iomagaineach. B’ e seo a’ chiad turas a bh’ agam ag obair mar stiùiriche air film proifeiseanta agus bha e cudromach dhomh gum bithinn ag obair le sgioba thaiceil a bhiodh ann airson mo chuideachadh nan deighinn buileach ceàrr! Gu fortanach, b’ e sin dìreach na fhuair mi.

San fhoghar 2016, chlàraich sinn am film aig taigh m’ athar ann an Dail fo Dheas ann an Leòdhas. Thairis air trì latha, dh’obraich sinn ann an uisge, ceò, gaoth agus grian. Choisich sinn tro pholl is lòintean agus bha sinn air ar ragadh leis an fhuachd air a’ chladach. A dh’aindeoin sin, bha gach neach san sgioba ag obair gun sgur airson dèanamh cinnteach gum faigheadh sinn na seallaidhean air an robh sinn feumach san ùine ghoirid a bh’ againn. Chaidh am film a riochdachadh le Kirsty Hines-Mackay is Fiona NicChoinnich, is b’ e seo a’ chiad turas a bh’ acasan ann an dreuchd ùr cuideachd. Bha a’ mhisneach ’s an taic a thug iad dhomh bho thoiseach gu deireadh os cionn luach.

Bha e dha-rìribh na thoileachas mòr dhomh a bhith ag obair le Daniel agus Zoe, gam faicinn a’ fàs na bu mhisneachail leis gach lath’ a chaidh seachad. Bha e math dhaibh cuideachd a bhith ag obair le cleasaichean eòlach, taiceil leithid Donna agus Artair, agus a bhith a’ leasachadh nan sgilean aca le bhith gan coimhead ’s iad ag obair. Tha mi cho pròiseil às an dithis chleasaiche òg seo a tha cho tàlantach agus tuigseach ri inbheach sam bith. B’ e Michael Hines àrd-riochdaire an fhilm agus thuirt e, “Chòrd e rinn gu mòr a bhith an sàs sa phròiseact seo is a bhith ag obair le MG ALBA is an EBU. Bha e sònraichte math an cothrom tàlant ùr a bhrosnachadh an lùib a’ phròiseict.”

Dhomh fhìn, tha mi dìreach cho taingeil gun d’ fhuair mi an cothrom a bhith ’g obair còmhla ri na buidhnean agus an luchd-obrach a bha an sàs anns Na Saboteurs agus tha mi ’n dòchas nach e seo an turas mu dheireadh a chì sinn Dean is Magaidh ’s iad rin cuid mì-mhodh!

Thèid Na Saboteurs a chraoladh air BBC ALBA aig 6:30f 25/12/2016.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 19 DÙBHLACHD 1936

An Rìgh Ur

Hide Ad
Hide Ad

Tha rìghrean is bàinrighean ag atharrachadh air a chéile anns na làithean deireannach so cho tric ’s a tha gillean bhùithean no caileagan beaga nam basgaidean. Air uairibh, is e am mac a tha gabhail àite athar no bràthair àite bràthar, ach aig àmannan eile tha an crùn air a thilgeadh do oisinn agus ceann-suidhe neo-rìoghail air a ghabhail an àite oighre dligheach.

Tha sinn féin an ceartair an déidh rìgh ùr a thaghadh an àite an fhir a bh’ againn gus o cheann seachduine. Tha sinn ro thoilichte gu’n deachaidh cùisean a chur air dòigh cho sìtheil, riaghailteach, agus is e ar miann agus ar dòchas gu’n téid móran ghinealach seachad mu’m bi e a rithisd air iarraidh oirnn ar cead a ghabhail do rìgh le nì ’sam bith ach am bàs. Is cruaidh an gnothach gu’m feum neach a choguis a mhùchadh air no cùl a thoirt air cathair mhòralach a shìnnsre; agus is dòcha gur e nì-éiginn de’n t-seorsa so a bh’ aig Dùghall Bochanain ’san amharc an uair a sgrìobh e “Laoidh a’ Ghaisgich” is a thuirt e gu’m bheil “saibhreas aig cho pailt ’na chri’ ’s gur truagh leis rìgh is crùn m’a cheann.” Beannachd leis an fhear a dh’fhalbh is faoilte ris an fhear a dh’fhuirich. “Mur e Bran ’s e bhràthair,” ars’ an seanfhacal Oiseanach agus is dùth gu’m bheil an dara aon cho math ris an aon eile. Thoireamaid ùmhlachd do’n fhear a thàinig thugainn ás ùr is d’a mhnaoi chùirteil, eireachdail.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Gaelic Colours

Here we look at Gaelic colours, focusing on mountain names. They are traditionally slightly different from colours in English.

An Càrn Gorm, also known as Cairn Gorm, ‘the blue cairn’. Gorm is sometimes used to describe the colour of grass.

A’ Bheinn Dearg ‘the red mountain’. There are many of these in the Highlands, and they are often of red sandstone or red granite, which appears red, especially at sunset.

Am Monadh Ruadh is the Gaelic name for the Cairngorms range and means ‘the red mountain range’. This red is browner than the red of dearg. Often ruadh is used for a natural red and dearg for a bright red.

An Sgùrr Dubh ‘the black pointy mountain’, a mountain in the Cuillin of Skye which is mainly of black gabbro.

Am Meall Buidhe ‘the yellow round hill’. These are often smaller hills covered in yellow grasses.

Hide Ad
Hide Ad

An Geal-Chàrn ‘the white cairn’, a mountain covered in quartzite.

An Lochan Uaine ‘the little green loch’.

A’ Bheinn Ghlas ‘the grey hill’ or ‘the green hill’. Glas can be both green and grey. It is often used for hills covered in lush green grass.

Note that usually the colour follows the word for mountain: Stob Bàn, literally ‘stake white’.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning.