Cultar is Ceòl aig Na Trads
Tha an coimeas eirmseach sin gu math freagarrach oir, dha na ceudan de luchd-ciùil a thig còmhla ann an Talla Caird Dhùn Dè, ’s e seo an aon chothrom a tha aca coinneachadh tro bhliadhna anns a bheil iad iad uile trang a’ clàradh, a’ cluich neo a’ teagasg ceòl.
Chan ann a-mhàin a’ taisbeanadh ceòl tradaiseanta na dùthcha a tha an tachartas. A bharrachd air a bhith a’ comharrachadh neart a’ ghnìomhachais, tha na Trads a’ sònrachadh brìgh an dualchais. Cha bheag an t-saothair a bhith tarraing nan ceudan anns an aon talla, ach tha am fear ris a bheil sin an urra, Simon Thoumire (Hands Up For Trad), a’ faighinn tlachd air leth às:
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide Ad“Nuair a chì mi còmhlan pìoba le seinneadair Gàidhlig a’ gabhail pàirt an cois còmhlain dannsa ann an cuirm a tha tighinn gu crìch le còmhlan roc dùthchais, tha mi cho moiteil às an rìoghachd chultaraich againn agus mar a thèid aig gach gnè ciùil air seasamh taobh ri taobh.”
Le ceithir bliadhn’ deug bho chaidh an stèidheachadh, tha soirbheachadh Duaisean Ceòl Tradaiseanta na h-Alba MG ALBA air a bhith sònraichte, agus tha fìor dheagh oidhche leis a’ cheòl thradaiseanta as fheàrr air a gealltainn dhan luchd-amhairc. Am measg na bhios air an àrd-ùrlar tha measgachadh farsaing à saoghal a’ chiùil, bho Chòmhlan Scott Wood, Wilma NicUalraig a tha air dà bhonn a’ Chomuinn a chosnadh agus air a dachaigh a dhèanamh ann an Dùn Dè, an Halton Quartet agus Songs of Separation, còmhlan de dheichnear bhoireannach à Alba agus Sasainn.Am-bliadhna thèid duais shònraichte a thoirt seachad airson na ciad uarach nuair a bhios an sgrìobhadair is craoladair, Billy Kay, air aithneachadh mar ghaisgeach Albais airson an obair dhìcheallach a tha e air a coileanadh às leth na cànain.
Thèid duais shònraichte eile a bhuileachadh air an t-seinneadair, sgrìobhaiche agus bana-chleasaiche Dolina NicIllInnein a thug a’ chiad bhuaidh air saoghal ceòl folk Dhùn Èideann anns na 60an. Ann a bhith bruidhinn mu deidhinn ’s i na boireannach òg, thuirt Hamish MacEanruig gun tàinig Dolina gu Dùn Èideann “mar bhana-bhuachaille a’ leantainn òrain òir an àm bho shean.”
Nì an oidhche moladh air an fheadhainn a thog cliù a’ chiùil tron bhliadhna. Am measg an fheadhainn a tha air an ainmeachadh airson Duais Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna, tha fear a bha thall ’s a chunnaic, Calum Ros, agus Ellen NicDhòmhnaill a tha leth-char ùr chun an àrd-ùrlair seo. Bidh grunnd chòmhlan san t-strì airson Cluich Beò na Bliadhna - Skerryvore, Treacherous Orchestra, Mànran, Elephant Sessions agus Niteworks - a’ sealltainn cho tarraingeach is tlachdmhor ’s a tha ceòl tradaiseanta do ghinealaich òga.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdChan e obair oidhche a tha ann an craoladh beò de dh’aon de na cuirmean dhuaisean as motha ann an Alba. Le mu 70 bhideo ghoirid ri ullachadh ron àm agus an sealltainn air an oidhche, agus deich còmhlain ri bhith air an clàradh, tha deasachadh nan duaisean seo a’ tòiseachadh mìosan mus bi an tachartas fhèin ann. Tha co-obrachadh le coimhearsnachd a’ chiùil fhèin agus taic bho shàr sgioba uile riatanach gus oidhche shoirbheachail a ghealltainn.
Le àrd-ùrlar air a thogail agus air a sgeadachadh, bidh latha gu leth de ruith-thairis ann mus tòisich a’ chuirm. Am-bliadhna thèid an tachartas a sgaoileadh beò gu luchd-amhairc air feadh an t-saoghail tro làraich-lìn BBC ALBA.
A bharrachd air craoladh beò le taic bho dheich camarathan anns an talla, chan ann socair a bhios cùisean air cùl gnothaich nas motha, far am bi Linda NicLeòid a’ còmhradh ri rionnagan nan Trads agus luchd-gleidhidh nan duaisean. Tha i a’ coimhead air adhart gu mòr ris:
“Tha blàths agus càirdeas air leth am measg oidhche mhòr Na Trads ‘s i a’ toirt iomadh neach-ciùil, seinneadair agus sgrìobhaiche ciùil tàlantach còmhla airson luaidh a dhèanamh air an gibhtean ciùil agus an oidhirpean sònraichte thairis air bliadhna air leth trang.”
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdGed a bheir e latha a’ togail an àrd-ùrlair, cha toir e ach trì uairean a thìde ga thoirt às a chèile. Cha tàr a’ chuirm a bhith seachad agus am prògram air tighinn gu crìch aig 11 oidhche Shathairne, nuair a bhios sgioba èasgaidh air an stuth gu lèir a chur air falbh. Mun àm a thig madainn na Sàbaid, cha bh bìog ri chluinntinn ann an Talla Caird, ach bidh Simon Thoumire air tòiseachadh air smaoineachadh mu Na Trads 2017.
Thèid Na Trads a chraoladh beò air BBC ALBA Disathairne 3 An Dùbhlachd aig 9f is am prògram a riochdachadh le Bees Nees Media.
O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 28 SAMHAIN 1936
An Gàidheal an Lunnainn
Tha iomadh Gàidheal an Lunnainn agus tha iad uile cho dìleas do’n dùthaich a dh’fhàg iad riù-san nach do chuir cas riamh thar na Crìche Shasunnaich. Tha iad a’ cruinneachadh an ceann a chéile cho tric sa tha an càirdean an Dun-éideann no’n Glaschu. Chan abair sinn mar a theireadh an Dotair Johnston gur e a’ chuid is gleusda agus is foghaintiche de’r muinntir a tha triall gu deas, ach their sinn gu’m bheil móran dhiubh, an dèidh ruigheachd, a’ dèanadh ainm math dhaibh féin an iomadh dreuchd, cèird agus gnìomhachas. Is iomadh latha o’n thòisich iad ri cuideachadh le’n dàimhich aig an taigh, agus bha an cuid bhursaries feumail do mhóran de oileanaich Ghàidhealach o cheann dlùth air ceud bliadhna.
Air an latha diugh tha iad tabhartach air a’ mhodh cheudna, agus sònruichte toileach air còmhnadh a dhèanamh a thaobh teagasg na Gàidhlig anns na sgoiltean. Tha móran de chomuinn Ghàidhealach an Lunnainn, agus tha àireamh an cuid muinntir a’ sìor dhol an àird. Tha so a’ ciallachadh dà nì – gu’m bheil tuillidh is tuillidh de Ghàidheil a’ ruigheachd a’ bhaile agus gu’m bheil iad a’ dol an còmhnuidh na’s dealasaiche gu a chéile a choinneachadh agus gu caidreamh a chéile a mhealtainn.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdChan eil sinn idir a’ call seallaidh air clann ar cinnidh an uair a théid iad fada uainn gu deas. Chan eil an cliù a’ dol an lughad ged bhios iad am measg choimheach agus thig iad ’gar n-amharc gu minig.
Aonghas MacEanraig
GAELIC GUIDE FOR LEARNERS
Children’s Books in Gaelic - 4
This week’s excerpt comes from an original Gaelic novella. Despite having no English version to fall back on, stories written in Gaelic for children will be easier for the learner to understand than the adult corpus, having simpler vocabulary, grammatical structures and plot.
“Sgoinneil! Fòn-làimhe! An dearbh rud a bha mi ag iarraidh!” Thilg Seònaid am pàipear dathte air an dàrna taobh agus thog i am fòn gu h-àrd mar gu robh i a’ sealltainn Cuach na Cruinne do na mìltean de luchd-amharc. Thug i pòg mhòr dhan chuaich. “Tha an saoghal a-nise,” thuirt i le gàire, “aig bàrr mo chorraig.”
(“Brilliant! A mobile phone! Just what I wanted!” Janet threw the coloured paper to one side and lifted the phone up high as though she was showing the World Cup to thousands of viewers. She gave the cup a big kiss. “Now I have the world,” she said with a laugh, “at my fingertips.”) (From ‘Oidhche air Tom na h-Iùbhraich’ by Ruairidh MacIlleathain.)
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdNotes: air an dàrna taobh ‘to one side’( literally ‘on the second side’). Gaelic often uses dàrna where English would use ‘one’ or ‘first’: air an dàrna làimh … air an làimh eile (‘on the one hand … on the other hand’); thuirt an dàrna fear … thuirt am fear eile … (‘the first man said, the second man said’).
Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning