Culaidh-dheasbaid air còireannan, creideamh, àite nam boireannach

Chan eil e furasta breitheanas a thoirt air an nobhail Nas Gile na Sneachd le Cairistìona Stone (Clàr, £7.99). Tha e mu dheidhinn caileag òg, Eilidh, a tha a' fuireach air croit ann an àite gun ainm faisg air Inbhir Pheotharain anns a' bhliadhna 1905. Tha i a' buntainn do theaghlach a tha air leth gràdhach. Ach aon latha tha dithist bhalach anns a' choimhearsnachd a' toirt ionnsaigh oirre 's ga fàgail leth mharbh anns a' mhòintich.
Ro og gu tuigse cheart a bhith aice air obraichean na h-inntinne: bha Eilidh gle choltach ris an te tha seoRo og gu tuigse cheart a bhith aice air obraichean na h-inntinne: bha Eilidh gle choltach ris an te tha seo
Ro og gu tuigse cheart a bhith aice air obraichean na h-inntinne: bha Eilidh gle choltach ris an te tha seo

Cà bheil an lagh chan eil air innse dhuinn, ach tha an dà bhràthair aice a’ toirt leadraigeadh dha na burraidhean. Chan eil seo a’ faighinn moladh a pàrantan, a tha air am bogadh ann an teagasg Chrìost, ’s tha bràithrean Eilidh air am peanasachadh. Nam b’e mise Eilidh no aon de na bràithrean, thigeadh e ’nam cheann beatha ùr a thòiseachadh ann an Astràilia cho luath ’s a b’ urra dhomh; nan robh mi ’nam leughadair òg bhithinn a’ smaointinn, “Tha e follaiseach gun robh rathad fada aig còireannan bhoireannach ri dhol ann an 1905.”

Aig an ìre seo tha sinn a’ cluinntinn gu bheil dùsgadh san sgìre am measg an fheadhainn òga. Thig an t-Sàbaid a tha na burraidhean a’ nochdadh aig an t-searmoin. Ann an stoidhle an leabhair, tha an t-ùghdar a’ compàirteachadh faireachdainnean Eilidh ruinn. “Dè bha na burraidhean a’ dèanamh san eaglais? Bha rudeigin fada ceàrr. ’S cinnteach gun deach stad a chur orra bho thighinn a-steach? Nach robh fios aig a’ mhinistear cho dona ’s a bha na burraidhean agus nach robh e air cluinntinn mu na daoine a bha iad air a ghoirteachadh?

Hide Ad
Hide Ad

“Dh’fhairich Eilidh fearg a’ lasadh na cridhe agus bha a stamag a’ cur nan caran . . . Thàinig crith ann an làmhan Eilidh . . . Shaoil i aig mionaid sam bith gun robh i a’ dol a thòiseachadh a’ sgiamhail . . .”

Tha seo gar toirt chun na h-imcheist a tha aig cridhe na nobhail. “Ciamar a dh’fhairicheadh ise nam faigheadh i a-mach gun robh na burraidhean air atharrachadh? Ciamar a dhèiligeadh i ri naidheachd cho uabhasach? Ciamar a ghabhadh an Cruthaidhear riutha ’s iad air a bhith cho grànda, olc agus peacach?”

Saoil dé na faireachdainnean a bhiodh aig nighean a chaidh éigneachadh san latha an-diugh ’s dhan deach innse: “Thuirt am britheamh nach eil cùis aig a’ phrìosanach ri freagairt tuilleadh leis gun tàinig an cùram air.”

Se an ath rud a thachras, air oidhche robach gheamhraidh, gu bheil na burraidhean a’ sàbhaladh beatha màthair Eilidh ’s an leinbh ’na broinn. An uair sin, aig an aon àm ’s a tha an leanabh ga bhreith, tha iad a’ tighinn dhan taigh a dh’iarraidh maitheanais air son na rinn iad air Eilidh. “Bha ise ag iarraidh a bhith coltach riutha! Bha ise ag iarraidh a bhith na ruith an siud is an seo, ag innse do mhuinntir na coimhearsnachd gun robh ise cuideachad le creideamh ùr, air a h-earbsa a chur ann an Crìosd agus a’ dol ga leantainn airson a’ chòrr de beath. Leis an fhìrinn innse bhuail e air Eilidh gur e farmad a bha i a’ faireachdainn . . . Nuair a thuig Eilidh gur e sin fhèin an fheum a bh’ aice os cionn càil eile, dhòirt sìth air a h-anam agus bha fios aice gun teagamh sam bith nach robh càil riamh cho cudromach san t-saoghal ri bhith air a teàrnadh.”

Bho seo a-mach b’i a’ cheist a bha ’nam inntinn-sa, dé an rathad a tha an t-ùghdar a’ dol a ghabhail? Tha i air a dhèanamh soilleir gu bheil Eilidh fada ro òg gu tuigse cheart a bhith aice air obraichean na h-inntinne. Tha na thuirt i mu fharmad a’ dearbhadh nach e fìor iompachadh a bha seo. Tha sinn amharasach a-cheana mu iompachadh nam burraidhean; a-nise tha sinn amharasach mu iompachadh Eilidh. Agus tha eachdraidh ag innse dhuinn gu bheil dùsgaidean a’ dol mu làimh ’s gum bi daoine a’ tilleadh gu na seann dòighean aca as déidh greiseag de dh’alleluia.

Air a’ cheann mu dheireadh, ma tha an t-ùghdar ri chreidsinn, tha a’ chràbhachd seo uile onarach ’s tha gach duine slàn. Ma tha sinn a’ sireadh deasbaireachd cheart no supailteachd shaiceòlach, chan ann ann an Nas Gile na Sneachd a tha iad ri fhaotainn. Gu dearbh tha an leabhar a’ crìochnachadh ann an tìr a bhuineas an dà chuid do Walt Disney ’s don Eaglais Shaoir, far a bheil a’ ghrian a’ deàrrsadh gun sgur orrasan a chaidh a thaghadh, agus coma le càch. Tha mi a’ ciallachadh sin gu litireil. “Bha an t-adhar cho gorm ’s nach fhaiceadh Eilidh fiu ’s aon sgòth air fheadh. Bha a’ ghrian a’ deàrrsadh ’s bha na h-eòin gu lèir a’ seinn . . .”

Ach tha rudeigin tarraingeach mu stoidhle Nas Gile na Sneachd. Bidh mi tric a’ gearain gu bheil cus còmhraidh ann an nobhailean Gàidhlig; chan eil cus còmhraidh an seo, dìreach measgachadh cothromach eadar cainnt, smuaintean, tuairisgeul agus gnìomh.

A-rithist, a bheil Nas Gile na Sneachd air amas air clann no air inbhich? Air clann àrdsgoile, ’s dòcha. Shaoileadh tu nach bi clann àrdsgoile deònach gabhail ri sgeul car sean-fhasanta mu chaileag aois deich no dusan. Oir ann an Eilidh tha mi ag aithneachadh ginealach ar seana-phàrantan. Air an làimh eile, faodaidh clann àrdsgoile gabhail ris mar eachdraidh agus mar shàr chulaidh-dheasbaid air àite nam boireannach san t-saoghal, air còireannan, air creideamh, air lagh ’s air ceistean cudromach eile a bhuineas ruinn uile.

Anns an dòigh sin, tha Nas Gile na Sneachd sgoinneil.

Hide Ad
Hide Ad

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 2 FAOILLEACH 1936

A’ Bhliadhn Ur

Is iomadh Bliadhn’ Ur a chunnaic sinn agus tha móran ’nar measg a chì na h-uiread fhathasd. Tha ’n aimsir a’ dol seachad cho luath ri spàl figheadair, agus iadsan a bha òg o cheann ùine gun a bhi fada tha iad a nis ’nan seann daoine.

Bha na Gàidheil riamh bàigheil ris an dream a bhiodh a’ fàs aosda, agus bheireadh iad modh is urram dhaibh air son an aobhair so a mhàin. Theireadh iad “sibh féin” riù, am feadh ’s a b’ e “thu féin” a chanadh iad ris an òige no ri ’n co-aoisean. B’ àbhuist do’n Bhliadhn’ Uir a bhi air a coimhead le sùrd agus gean, ach tha ’n cleachdadh so a’ ruith am mach agus is i ’n Nollaig a nis is mò a tha faighinn de aire. Their cuid gur beag feum a tha ’n lathacha féille, co dhiubh. Anns na seann linntean, cha robh iad daonnan air an caitheamh gu h-iomchuidh, agus eadhoin ’nar n-àm féin chan eil iad saor o chleachdaidhean tuathal. Aidicheamaid gur e àireamh bheag do’n phobull a bha dol tuillidh is fada le fearas-chuideachd aig Nollaig no Bliadhn’ Uir, agus tha ’n àireamh sin a’ dol an lughad mar a tha ’n aimsir a’ gabhail seachad.

Is caomhail, tlachdmhor càirdean a bhi coinneachadh air làithean suaicheanta. Guma fada leanas an cleachdadh gasda agus a chuirear e gu deagh bhuil.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Last week we introduced some hobbies in Gaelic but missed out music. Here are a few words and phrases for you to talk about your hobbies and talents.

Am bi thu a’ cluich ionnsramaid? ‘Do you play an instrument?’

fìdeag ‘whistle’

pìob-mhòr ‘highland bagpipes’

pìob-bheag ‘small pipes’

duiseal ‘flute’

fidheall ‘fiddle’

clàrsach ‘harp’

All these musical instruments are feminine, so they appear like this: Bidh mi a’ cluich na fìdeig ‘I play the whistle’. Am bi thu a’ cluich na clàrsaich? ‘Do you play the harp?’ Note that the pipe is not played but sung: Bidh i a’ seinn air a’ phìob.

The following instruments are masculine:

beus ‘bass’

bogsa ‘accordion’

piàna ‘piano’

giotàr ‘guitar’

Bidh mi a’ cluich a’ bhogsa. Cha bhi mi a’ cluich a’ phiàna.

Hide Ad
Hide Ad

Learning to play an instrument is just as hard as learning a language. But ’S e cleachdadh a nì cinnteach ‘Practice makes perfect’. Cha dèan brògan tioram iasgach ‘You won’t catch a fish with dry boots’.

And, if everything goes pear-shaped (not just in music), Tha an ceòl air feadh na fìdhle ‘The cat’s amongst the pigeons’, literally ‘The music is all over the fiddle’.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning

Related topics: