Cothrom na Fèinne do litreachas na Gàidhlig mu dheireadh thall

An uair a leugh mi A Literary History of Scotland le J H Millar an làithean m' òige, rinn e dragh dhomh gum b' urrainn do dhuine làn eachdraidh litreachais na h-Alba a sgrìobhadh gun a' Ghàidhlig ainmeachadh.
Bho bhard a ghabh ron air Calum Cille gu bardachd Laidinn Dheorsa Bhochanain, tha an leabhar ur, The International Companion to Scottish Poetry, a toirt dhuinn iomadh sealladh is beachd air bardachd na h-Alba.Bho bhard a ghabh ron air Calum Cille gu bardachd Laidinn Dheorsa Bhochanain, tha an leabhar ur, The International Companion to Scottish Poetry, a toirt dhuinn iomadh sealladh is beachd air bardachd na h-Alba.
Bho bhard a ghabh ron air Calum Cille gu bardachd Laidinn Dheorsa Bhochanain, tha an leabhar ur, The International Companion to Scottish Poetry, a toirt dhuinn iomadh sealladh is beachd air bardachd na h-Alba.

Bha siud fìor mun duanaire bh’ againn san sgoil cuideachd, Poet’s Quair: An Anthology for Scottish Schools le Rintoul agus Skinner. An robh daoine mar siud an dùil gum biodh iad air am fìreanachadh nan rachadh a’ Ghàidhlig á bith?

Leig Chris Grieve – Hugh MacDiarmid – gaoth eile dhan t-seòl nuair chuir e mach an Golden Treasury of Scottish Poetry, anns an robh eadar-theangachaidhean bho naoi dàin Ghàidhlig am measg a’ chòrr. Mar thoradh air sin bha greis mhath far an robh luchd-breithneachaidh, leithid Maurice Lindsay anns a’ History of Scottish Literature, a’ sireadh ar maitheanais son an cuid aineolais air na bh’ ann an Gàidhlig – rud a bha reusanta gu leór.

Hide Ad
Hide Ad

Bha siud ann an 1977, ach le cliù Shomhairle cho àrd agus làn fhios aig an t-saoghal gun robh bàird mhath Ghàidhlig eil’ ann cuideachd, ghluais cùisean air adhart a-rithist. B’iad na duanairean a b’ fhasa, ach bha gearanan ri’n cluinntinn mu cho beag ’s a bh’ ann de dh’eadar-theangachaidhean Beurla bho litreachas Gàidhlig. Seo a-nise – mu dheireadh thall – làn chothrom na Féinne air a thoirt dhan Ghàidhlig ann an obair bhreithneachaidh: The International Companion to Scottish Poetry, air a dheasachadh le Carla Sassi le comhairle Thomas Owen Clancy (Scottish Literature International, £14.95).

Tha 19 caibidealan, neo aistidhean, san leabhar. An toiseach ceithir mun bhàrdachd as sine againn, stéidhte air a’ chànain anns a bheil i (Gàidhlig/Cuimris, Albais, Laideann, Norn). Tha a’ chiad thrì dhiubh seo le aon ùghdar, an té mu Norn le dithis.

An uair sin tha cóig caibidealan mu linntean sònraichte, bho 1500 chun an latha an-diugh – gach té le dà ùghdar gus dèanamh cinnteach gum faigh a’ Ghàidhlig an aire a dhleasas i.

An uair sin tha trì aig nach eil ach aon ùghdar – té air cruthan na bàrdachd Ghàidhlig, té air cruthan na bàrdachd Albais, té air leth grinn air laoidhean, neo baileadan, na h-Albais ’s na Beurla. Bu chòir té a bhith ann cuideachd air na laoidhean Oiseanach Gàidhlig, dhen do rinn Seumas Bàn Mac a’ Phearsain mabladh cho truagh ann an seòrsa de rosg Beurla, ach an àite sin tha sinn air ar stiùireadh gu caibideal a sgrìobh Anja Gunderloch mu’n deidhinn ann an leabhar eile, The Edinburgh Companion to Scottish Traditional Literatures.

Mu dheireadh tha seachd caibidealan air cuspairean sònraichte, leithid nàdair, poileataigs, gaoil, creidimh – trì le dà ùghdar ’s an còrr le aon. Feumaidh mi ràdh nach eil gearan sam bith agam leis mar a tha na h-ùghdaran a tha leotha fhéin a’ déileadh ris a’ Ghàidhlig co-dhiù. Tha aon dhiubh ’na Ghaidheal, Pàdraig MacAoidh, ’s tha iad uile comasach air beachd a thoirt air na th’ anns na trì chànanan a bhuineas ris a’ chuspair aca. Sin an rathad a tha cùisean a’ dol.

Aon toileachas a tha ri fhaotainn á leabhar far a bheil a liuthad ùghdar an sàs (28 uile gu léir!) se a bhith tighinn thairis air an aon duine no an aon rud tro dhiofar shùilean. Tha sinn a’ leughadh dà uair mu Robert Baston, manach a thàinig thugainn còmhla ri arm an Rìgh Eideird a Dhà a sheinn cliù na buaidh Shasannaich nach do thachair. Ghlac na h-Albannaich e as déidh Allt a’ Bhonnaich agus thugadh air a’ bhuaidh againne a mholadh “without any ambiguity”, a réir Roger Green, ach ann an caibideal eile tha sinn ag ionnsachadh gur e an dàn grinn Laidinn a rinn e “more an indictment of the cruelty of war than a celebration of a victory the author cannot obviously bring himself to rejoice in”. A-rithist, tha sinn a’ leughadh trì uairean mun mheadrachd “Habbie” a chleachd Burns cho tric – uair gur ann á Provence a thàinig i, uair mun bhuaidh Ghàidhlig a bh’ oirre, uair dìreach mar sheòrsa de mheadrachd Ghàidhlig. ’S tha sinn a’ leughadh ceithir uairean mu ‘The City of Dreadful Night’ le James Thomson (1834–82): “a hell, or rather limbo” làn “despairing nihilism”, “a phantasmagorical nocturnal journey” a tha a’ rannsachadh “the depth of alienation in urban mass society”. Gach duin’ aontaichte!

’S toil leam mar tha diofar ùghdaran a’ tarraing diofar ìomhaighean gu’r n-aire. O chionn còrr math agus mìle bliadhna bha bàrd ann a ghabh “ròn” air Calum Cille: “an extraordinary way to describe the saint”, a réir Clancy. Agus aig ceann eile ar n-eachdraidh tha MacAoidh ag ràdh: “In songs . . . whose creators are unknown and that employ stock images of masculine or feminine beauty – thighs like oak-trunks, skin as white as bog-cotton – how sure can we always be that it is a heterosexual voice speaking?”

Tha an aiste air ‘Protest and Politics’ làn smuaintean inntinneach. Bha Deòrsa Bochanan ’na Ghaidheal a sgrìobh ann an Laideann a-mhàin; ann an De Jure Regni apud Scotos (1579) thuirt e gur ann san t-sluagh a tha cumhachd politigeach a’ tàmh, ’s gu bheil e laghail cur an aghaidh rìghrean a théid ’nan aintighearnan.

Hide Ad
Hide Ad

“He was basing his argument at least partly on his understanding of the clan system,” tha Wilson McLeod agus Alan Riach ag ràdh. Agus a-rithist, tha bàrdachd Ghàidhlig na h-Ìmpireachd Bhreatannaich a’ cur an cuimhne dhaibh “that assimilation rather than resistance was the most common political response of Scottish Gaeldom to political and social transformations”.

Tha an leabhar seo a’ fàgail soraidh slàn gu bràth le “mìorun mór nan Gall”. Mar eisimpleir, tha Louisa Gairn ag aithneachadh mhic Mhaighstir Alastair agus Dhonnchaidh Bhàin mar “two of Scotland’s most significant nature poets”. Chan e nach dèan na Goill mearachd bheag bho àm gu àm ge-tà. Ann a ‘Scottish Poetry as World Poetry’ tha Paul Barnaby a’ cumail a-mach: “No translation from Gaelic into a non-Celtic language (other than English or Latin) appeared before 1972.” Ceàrr (nas lugha na gu bheil e cunntadh Fraingis mar chànain Cheilteach). Dé mu dheidhinn Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (Duncan Bàn Mac Intyre) 1724-1812. Poète gaélique écossais. Vie, étude, citations, traductions, a thug Dòmhnall Seumas MacLeòid a-mach mu 1930, ’s a tha ri leughadh an-diugh air an eadar-lìon?

Ach air a’ phrìomh chuspair aige feumaidh sinn facal Phàil a ghabhail. Se sin, na bàird Albannach aig am bu mhotha de bhuaidh air bàrdachd an t-saoghail, se sin, aig an robh “work which travels beyond its source-culture to achieve an active presence in other literary systems”. Ás an t-sianair a thagh Pàl tha dithist ’nan Gaidhil! Co iad? Mac Mhaighstir Alastair agus MacGill-Eain?

Chan iad ach Deòrsa a sgrìobh ann an Laideann agus Seumas Bàn a sgrìobh ann am Beurla.

Mo thruaighe.

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 2 Céitean 1936

Tha cuid a’ cumail am mach gu’m bheil a’ Ghàidhlig a’ tighinn air a h-adhart, agus an caochladh rathaidean faodaidh sin a bhi fìor. Ach a thaobh a bhi air a labhairt am measg a’ phobuill, tha i a ruith am mach cho luath ’s as urrainn cànain sin a dhèanamh.

Chaidh a’ bhiodag innte an latha thàinig a’ Mhaighdean Norbhaigheach air tìr an Albainn agus a phòs i Calum an Treasamh. Chuir ise an suarachas dual-chainnt na dùthcha, agus eadar sin is so cha do thog i a ceann ach fiamhach, sgàthach. Is ann o linn Phrionns Teàrlach a thàinig i gu bhi ’na ban-oglaich gu buileach do’n Bheurla. Dh’fhàs na tighearnan-fearainn agus na cinn-chinnidh caoin shuarach m’a deidhinn, agus cha robh iad a’ toirt oidhirp ’sam bith air a h-ionnsachadh no air a teagasg do’n cloinn. An diugh chan eil i air bruidhinn le móran thairis air ceud mìle de’r sluagh, agus tha àireamh a luchd-labhairt a’ dol an lughad aig ruith còrr is dà mhìle h-uile bliadhna. Tha ’n Comunn Gàidhealach ri obair eireachdail ás a leth, ach is beag as urrainn e dhèanadh a thilleadh sruth a fhuair comas siubhail fada mu’n d’thàinig e gu bith.

Tha cunntais againn air iomadh nì a thachair a thaobh chànainean, ach chan eil iomradh againn air móran a tha gu bhi air an cleachdadh gu cumanta an déidh dhaibh a bhi air an cur ás an rathad le cainntean coimheach. Cluinnidh sinn mu Eireannaich is mu Eabhruich a’ toirt air ais an seann teangannan – ach feith ri’ dheireadh!

Gaelic guide for learners: ‘To be’

There are two verbs ‘to be’ in Gaelic, is and bi. In Spanish, there are also two verbs ‘to be’, ser and estar, used respectively to ascribe essence or passing conditions to the subject. However, the distinction in Gaelic is based on the construction of the sentence. In Gaelic, the verb is (in the form ’s e) is used to make an equation between two things: ’S e Seumas am ministear (Seumas is the minister); the verb bi (in the form tha) is used to describe: Tha Seumas trang (Seumas is busy). Bi, with the addition of the preposition ‘in’, can express the idea that Seumas is a minister but it does not link the nouns directly: Tha Seumas na mhinistear (Seumas is in his minister).

Hide Ad
Hide Ad

In the earlier example using is, ’S e Seumas am ministear, ’S e is used to highlight that it is Seumas, rather than Iain or Pòl perhaps, who is the minister. This form of highlighting a particular piece of information is very common in Gaelic and it influences Hebridean English. For example, ’S e oidhche shnog a tha ann produces ‘It is a fine night that is in it’, using both verbs ‘to be’.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www. smo.uhi.ac.uk

Place name of the week: Càrn Eighe - Càrn Èite

Càrn Eighe (as it appears on modern maps) is a mountain in Strathglass to the west of Inverness. Its name has a confusing history. Nineteenth-century Ordnance Survey maps showed it as Càrn Eige ‘notch cairn’. Nearby are Bealach na h-Eige and Creag na h-Eige ‘the pass and crag of the notch’, respectively. Early mountaineering books, however, referred to this as Càrn Eighe, probably in confusion with Beinn Eighe (‘file mountain’, from its serrated outline) in Wester Ross. The confusion is understandable since the mountain in question also has a serrated outline.

The form Càrn Eige is itself not the correct form. Local Gaelic speakers referred to it as Càrn Èite. The meaning of èite is not clear, but it occurs also in Glen Etive, Gleann Èite. Possibly, the word is related to èiteadh ‘stretching, extending’.

For more information visit Ainmean-Àite na h-Alba at www.ainmean-aite.org