Cor na Gàidhlig ga sheasamh le Swinney aig Mòd nan Eilean Siar

Thill am Mòd Nàiseanta Rìoghail do dh'Innse Gall le brag agus Iain MacLeòid, Ceann Suidhe a' Chomuinn Ghàidhealaich a' sireadh inbhe UNESCO airson cultar na Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar.
Coisir Ghaidhlig an Eilein Mhuilich leis an t-suaichnean urraim, Eairdsidh.Coisir Ghaidhlig an Eilein Mhuilich leis an t-suaichnean urraim, Eairdsidh.
Coisir Ghaidhlig an Eilein Mhuilich leis an t-suaichnean urraim, Eairdsidh.

Ma thig seo gu buil idir, ’s e ceist eile a tha sin, ach bha e math gun robh amas àrd aig an Leòdach, an seòrsa de spagada-gliog a tha air a bhith a dhìth ro fhada.

Mar bu dual a-nis, chaidh a’ phìobaireachd a chumail ann an Uibhist agus, ged b’ èasgaidh an òigridh, chunnaic àireamhan glè ìosal ann am farpais nan inbheach, ged a thuirt na britheamhan gun robh Decker Forrest glè airidh air a’ chiad àite a-mach às an triùir a thog fonn. Bha cèilidhean gan cumail gu deas cuideachd ann an Talla an Ìochdair agus ann am Barraigh. Chaidh oidhirp mhòr a dhèanamh airson Mòd nan Eilean dha-rìribh a bhith ann agus le seo bha a’ chomataidh ionadail soirbheachail.

Hide Ad
Hide Ad

Thàinig na Sgitheanaich tarsainn a’ Chuain Sgìth airson Cupa a’ Mhòid a chluich an aghaidh Camanachd Leòdhais ann an dìle-bhàthte ann an Siabost agus thug iad dhachaigh an duais le tadhal o Pheadar Gòrdan, a bhuannaich Cupa na Camanachd ann an 1990, gan cur gu dol airson buannachadh 3-0.

Steaphan MacIomhair, Coisir Ghaidhlig Inbhir Pheofharain, le Cuach an Albannaich SheachdaineilSteaphan MacIomhair, Coisir Ghaidhlig Inbhir Pheofharain, le Cuach an Albannaich Sheachdaineil
Steaphan MacIomhair, Coisir Ghaidhlig Inbhir Pheofharain, le Cuach an Albannaich Sheachdaineil

Diluain agus Dimàirt, lean creachadh mòr o Eilean a’ Cheò nuair a thill Clann Thròndarnais gu Stafainn is Cille Mhoire le dòrlach math de dhuaisean cuideachd, a’ sealltainn gu bheil an earbsa a tha air a bhith aig pàrantan ann am foghlam Gàidhlig san sgìre sin a’ faighinn làmh an uachdair. Fhuair iad a h-uile duais airson preasantadh aig aois fo-13 a bharrachd air na duaisean airson Òran Luaidh agus Dràma. Cha robh muinntir Ìle fada air dheireadh le gràisg mhath de chloinn a’ togail dhuaisean do luchd-ionnsachaidh.

’S ann an urra ri Còisir Sir E. Scott a bha e airson cliù nan Eilean Siar a chumail an-àird agus rinn iad seo gu mòr leis a h-uile duais a’ tilleadh gu deas air a’ Chliseam. Sheas Ailig Iain Moireasdan à Sgoil MhicNeacail cor nan Leòdhasach, a’ buannachadh na duais airson seinn aon-neach 16-18 agus, le gearanan mun àireimh de dh’fhir a’ cur a-steach airson nam farpaisean seinn do dh’inbhich, bha an gille comasach seo na shamhla de dhòchas dhan chànan is dhan cheòl.

Is ann Diciadain a chaidh Bonn Òr a’ Chomuinn a thoirt seachad, le Eachann MacEachairn agus Caroline NicIlleathain a’ faighinn nam prìomh dhuaisean, gan tilleadh dhan Eilean Mhuileach. Bha na h-aireamhan math agus bha e math a bhith ag èisteachd ri fir agus boireannaich a bha cho comasach ’s air ghleus. Is e seo an latha a nochd am ministear le dleastanas airson na Gàidhlig ann, Iain Swinney. Rinn e soilleir gun robh àite sònraichte aig a’ Ghàidhlig ann an Alba agus cho mì-thoilichte ’s a bha e mu dheidhinn aineolais mu agus gràin dhan Ghàidhlig, agus nach robh àite ann an Alba air an son. Chaidh an teachdaireachd làidir seo a thoirt seachad aig òraid cuimhneachain Aonghais MhicLeòid agus abair gun do chòrd sin ris na Gàidheil.

Bha latha an litreachais soirbheachail cuideachd, le duais ùir shònraichte ann an cuimhne Dhòmhnaill Iain MhicÌomhair, nach maireann, ga thoirt seachad airson sgeulachdan goirid don bhàrd Anna Frater, a’ sealltain gun robh an liùt aice airson roisg cuideachd. Chaidh duaisean na h-òigridh gu na bràithrean Cuimeanach à Geàrrloch, agus fhuair màthair is nighean, Ealasaid agus Ann NicIlleathain, à Lios Mòr duaisean roisg cuideachd.

Claire NicAmhlaigh a bhuinnig Bonn Or an t-Seann Nois.Claire NicAmhlaigh a bhuinnig Bonn Or an t-Seann Nois.
Claire NicAmhlaigh a bhuinnig Bonn Or an t-Seann Nois.

Diardaoin, bha àireamh mhòr de bhoireannaich ann airson Co-fharpais an t-Seann Nòis ach, gu mì-fhortanach, bha na h-àireamhan airson nam fear gu math ìosal – a dh’aindeoin sin bha an seann laoch Torcuil MacLeòid, Steòrnabhagh, glè airidh air an duais a fhuair e còmhla ri Claire NicAmhlaigh à Nis. Soirbheachas mòr dha na Leòdhasaich mu dheireadh thall.

Anns na co-fharpaisean dha na còisirean dùthchail, chaidh an t-urram a thoirt do Chòisir Ghàidhlig Bharraigh, ged nach robh iad ach dà bhliadhna a dh’aois, thug iad buaidh air gach còisir eile le seinn iongantaich agus ceòl àlainn.

Dihaoine, bha an fharpais faisg mar a b’ àbhaist, le beachdan o gach duine air cò dìreach a bha airidh air Sgiath Mhic Shimidh agus Thulaich Bhàrdain, ach ’s e Inbhir Pheofharain a thog an t-sàr dhuais. Lean an iris uasal oirre le bhith a’ cur taic ris a’ chànan le Cuach an “Weekly Scotsman” airson nan comharraidhean Gàidhlig na b’ fheàrr, agus b’ e Inbhir Pheofharain a ghlèidh sin cuideachd. Agus ’s e Còisir Loch Abar a thog Duais Cuimhneachaidh Mairead NicDhonnchaidh.

Hide Ad
Hide Ad

Uile-gu-lèir, seachdain bhrosnachail dhan Ghàidhlig, ach tha an t-àm ann airson buille a thoirt fhad ’s a tha an tuagh nar làimh. Suas leis a’ Ghàidhlig!

Am Prionnsa Tearlach, Tighearna nan Eilean, an lathair aig farpais seinn comhla ri Ceann-suidhe a Chomuinn Ghaidhealaich, Iain MacLeoidAm Prionnsa Tearlach, Tighearna nan Eilean, an lathair aig farpais seinn comhla ri Ceann-suidhe a Chomuinn Ghaidhealaich, Iain MacLeoid
Am Prionnsa Tearlach, Tighearna nan Eilean, an lathair aig farpais seinn comhla ri Ceann-suidhe a Chomuinn Ghaidhealaich, Iain MacLeoid

Gaelic guide for learners

So far, we’ve looked at tracks featuring the spoken word in Tobar an Dualchais, but songs can also be a great help to learners – and there are over 10,000 Gaelic songs to choose from on the site. Although the vocabulary can be challenging, words can be obtained for many songs and there are frequent repetitions which can help to reinforce language structures. Check out some of the lullabies (tàlaidean), including the following examples (the first three from the archives of the School of Scottish Studies, the fourth from the Canna Collection and the final one from the BBC’s Mòd recordings).

Gheibh thu caoraich, gheibh thu crodh (You’ll get sheep, you’ll get cattle) sung by Jessie MacKenzie of Lewis http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/94459/1

Cò leis tha ’n crodh druimfhionn ud thall? (Whose are those white-backed cattle yonder?) sung by Rev William Matheson of North Uist http://www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/20157/1

Steaphan MacIomhair, Coisir Ghaidhlig Inbhir Pheofharain, le Cuach an Albannaich SheachdaineilSteaphan MacIomhair, Coisir Ghaidhlig Inbhir Pheofharain, le Cuach an Albannaich Sheachdaineil
Steaphan MacIomhair, Coisir Ghaidhlig Inbhir Pheofharain, le Cuach an Albannaich Sheachdaineil

’S an cluinn, an cluinn, an cluinn thu, Iain? (Iain, can you hear?) sung by Annie Johnston of Barra http://www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/106589/1

O bà, mo leanabh (O bà, my baby) sung by Mary MacInnes of Eriskay http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/33622/1

Nam bu leam fhìn thu, thàlaidhinn thu (If you were mine, I would cradle you) sung by the Portree Gaelic Choir http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/89789/1

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning.