Bàrdachd le ochd buill dhen aon teaghlach, thar trì ginealaichean

Seonaidh Caimbeul le a bhean Peigi.Seonaidh Caimbeul le a bhean Peigi.
Seonaidh Caimbeul le a bhean Peigi.
Tha Bho Ghinealach gu Ginealach: Taghadh de na h-Òrain aig Caimbeulaich Taobh a Deas Loch Baghasdail, deasaichte le Jo NicDhòmhnaill agus Màiri Anna Chaimbeul (Ceòlas Uibhist, £15), 'na leabhar math ach neònach, millte gu ìre le nòiseanan nan daoine a chuir a-mach e. Fàgaidh mi an neònachas an dara taobh an-dràsta, 's their mi an toiseach car son a tha e math.

Se th’ ann ach cruinneachadh de dh’òrain le ochd buill den aon teaghlach, sgaoilte thar trì ginealaichean: Seonaidh Caimbeul (1859–1947), a bhràthair Iain Clachair (1855–1934) ’s am piuthar Catrìona (mu 1863–?); ceithir de mhic Iain Clachair, Ruairidh (Ròideag no an Case, 1900–47), Seumas, Iain, Aonghas Iain; agus mu dheireadh Iain, mac Sheumais.

Bu chòir a ràdh anns a’ bhad gu bheil dithist ás na h-ochd fada os cionn chàich mar bhàird, Seonaidh agus Ròideag. Tha 47 òrain le Seonaidh san leabhar, 13 le Ròideag, 14 leis an t-sianair eile còmhla. Chan e seo a’ chiad turas a chaidh òrain le Seonaidh ’s le Ròideag fhoillseachadh: na tha ùr, se gu bheil òrain leis na h-ochd gam foillseachadh còmhla. Chan è gun deach oidhirp mhór a dhèanamh air eachdraidh an teaghlaich a sgrìobhadh, cuimhneachain neo smuaintean fhoillseachadh, no pearsantachd agus bàrdachd gach duin’ aca a choimeas – tha ro-ràdh snasail ann le Jo NicDhòmhnaill, tha facal no dhà de mhìneachadh an lùib cuid de na h-òrain, agus tha òrain Sheonaidh air an roinn a réir an cuspair, ach sin cho fada ’s a tha e a’ dol.

Hide Ad
Hide Ad

Tha na h-òrain aig Seonaidh ’nan uinneig air saoghal Uibhist ri linn. Tha iad làn de phlàighean, de dh’obair chruaidh ’s de dh’fhealla-dhà. Tha aotramas sgileil san rann seo á ‘Òran an Iasgaich’:

Leig a giuthas ’s leig a darach,

’S leig a h-uinnseann ’s leig a leamhan,

Leig a tàirnean ’s a cuid lannan

Glag asta le aoibhneas.

Tha òrain chràbhaidh ann
cuideachd, ’nam measg
‘Beannachadh na Sgothadh’ a tha a’ tòiseachadh:

A Dhia, beannaich an sgoth ’s an seòl,

An crann ’s na ’s còir a bhith mu chuairt dha,

Gach ulag ’s gach ball ’s gach acaire,

’S na leig gaiseadh na taod guaille.

’S tha uiread a bhuaireadh an-dràsta mu fhògarraich a’ ruigsinn cladaichean na Roinn Eòrpa ’s gum b’ fhiach ar n-aire a thoirt dha na facail seo á ‘Òran a’ Chogaidh Mhòir’ far a bheil Seonaidh a-mach air brùidealachd a’ Khaiser. Rinn Alba tearmad air na mìltean, tha e ’g ràdh, agus:

Fhuair iad socair ’s fhuair iad tàmh ann,

Fhuair iad blàths ann ’s fhuair iad sìth ann,

Fhuair iad coibhneas agus càirdeas,

’S cha robh nàmhadas dhaibh innte.

Seo, faodaidh sinn

cuimhneachadh, bho

dhuine aig nach robh dad ach an tughadh os a chionn ’s an t-aodach a bha uime.

Hide Ad
Hide Ad

Mar sin, chithear gu bheil rudan beaga ’s móra san t-sealladh aig Seonaidh. Se na rudan “beaga” a gheibh sinn bho Iain Clachaire ’s Catrìona: slàinte, aodach, tombaca, uisge-beatha, geòla, cù. Nach mór an t-eadar-dhealachadh nuair a thigear gu Ròideag. Sguaib esan rudan beaga an dara taobh ’s chan eil air fhàgail ach na tha mór: gaol, a’ mhuir, an saoghal. B’ è a rinn ‘A Pheigi a Ghràidh’, a tha san leabhar. Ged a tha e ag ràdh (ann am ‘Fàgail Ghlaschu’), “Chan eil mi na mo bhàrd, cha deach na tàlantan nam cheann,” tha neart sa h-uile lid’ aige. Éist ri seo bho ‘A Mhic Dhòmhnaill Iain Chalum’:

’S oidhche Nollaig ’n àm dhuinn gluasad,

Rìgh, gum b’ uabhasach an t-sìde:

Gaoth an iar-dheas, frasan cruaidh ann,

leis an fhuachd gu robh i millteach;

Cùrs’ againn air Buenos Aires

leis a’ bhèist seo – ’s mi tha sgìth dhith;

Mura b’ e dìreach cùis na nàire,

’s mòr gum b’ fheàrr a bhith sa phrìosan.

Agus se ’s dòcha am prìosan as motha a tha a’ seasamh a-mach bho òrain nam bràithrean eile: an cunntas drùidhteach aig Iain ann an ‘Òran a’ License’ air a’ ghreis a thug e sa phrìosan ann a New Zealand air son dràibheadh fo bhuaidh na
dibhe. Tha ‘A’ Chorra-Ghritheach’ aig Aonghas Iain cuideachd mu dheidhinn rud riaslach a dh’éirich dha – òran làidir eile.

Nise na tha “neònach” mun leabhar. Roghnaich na foillsichearan a thoirt a-mach landscape mode coltach ri leabhar ciùil ged nach eil aon phong de cheòl ann bho thoiseach gu deireadh. Tha sin ga fhàgail doirbh a làimhseachadh ged nach eil cothrom sam bith air a ghabhail air a’ chruth aige. Chan eil a’ bhàrdachd air a h-eadar-theangachadh. Tha i ann an clò beag. Tha a’ mhórchuid de dhuilleagan bàn sa mheadhan, le bàrdachd a’ ruith sìos na h-oirean. Tha dealbhan camara ann, ach chan eil gin dhiubh a’ toirt suas leud na duilleige. Ann an leabhraichean eile tha bàrdachd air a clò-bhualadh le indents gus an structar a leigeil ris, agus feumaidh sin barrachd rum; chan eil an leabhar seo a’ cleachdadh indents ann.

A-rithist, ann an leabhraichean eile, faodar bàrdachd a chlò-bhualadh “ceàrr” gu rum a shàbhaladh; anns an leabhar seo ’s tric a tha i air a clò-bhualadh “ceàrr” ged nach eil rum idir gann. Le “ceàrr” tha mi a’ ciallachadh rudan mar “Cho ciùin ris na h-uain gu ’n / Tèid an gluasad, ’s borb iad.” Neo: “’S chailleadh iad na cinn mu / Leig iad mìr air falbh dheth.” Neo: “Dol sìos tro Abhainn Chluaidh, gu robh / Sealladh mòr mun cuairt oirnn.”

Hide Ad
Hide Ad

Tha aon cheist mu dheireadh agam. Ann an ‘Òran an Rathaid-Mhòir’ le Seonaidh tha: “’S gun tig am bhan MacIllEathain / Mun dèan iad stad.” An e “’S gun tig bhan MhicIllEathain” bu chòir a bhith ann?

Chan e Bho Ghinealach gu Ginealach a’ chiad leabhar math Gàidhlig a chaidh a mhilleadh rud beag bìodach le droch cho-dhùnaidhean den t-seòrsa seo.

Tha mi an dòchas gur e am fear mu dheireadh, ach chan eil mi dòchasach.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 22 CÉITEAN 1937

Eanruig Mac Gille-bhàin

Cha robh mi ach glé òg an uair a chuir mi eòlas air a’ Ghàidheal shuairce so an toiseach agus gu là a bhàis 
cha do dhìobhair e mi gu buileach. Bhiomaid gu minig ùine fhada gun a chéile fhaicinn, ach cha do chuir sin grabadh air a comhluadair anns an tomhas bu lugha.

Hide Ad
Hide Ad

Is e a thug an caramh a chéile sinn an toiseach esan a chlò-bhualadh anns an “Celtic Garland” - a’ cheud leabhar a chuir e mach o’n chuala mise iomradh air – pìos beag leamsa a dh’amais air aon de phàipearan Inbhir-nis. Bha ionghnadh mór orm gu’n do thagh e an rud sin, oir cha robh m’ ainm ris agus bha mi toirt orm féin a chreidsinn gu’n robh coire air gach sreath dheth. O’n latha sin riamh tuillidh, cha do chuir e móran Gàidhlig an clò gun a leigeadh fhaicinn dhomh, chan ann air son mo bheachd no mo chomhairle ach a mhàin air son ar chàirdeis. Cha do chuir e mach móran leabhraichean tuillidh gun chrioman leamsa bhi ‘nan teis-meadhoin. Eadhoin ‘san “Celtic Lyre,” agus is e bàrdachd a bh’ ann uile, bha dhà no trì de dhuanagan a rinn mise. Bha a’ cheud té air a tionndadh gu Beurla le Calum Mac Phàrlain, ged nach robh fios aige cò rinn i, agus chan eil cuimhn agam cò thionndaidh an fheadhainn eile.

Phòs Eanruig Mac Gille-bhàin an uair a bha e glé òg, agus dh’fhàg e aon nighean. Tha i pòsda aig Gàidheal gasda, agus tha iad le chéile ro mhùirneach mu chùis na Gàidhlig agus gu tric a’ sgrìobhadh chum phàipearan.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

The stràc, the lengthmark, is an important feature of Gaelic spelling and can alter the meaning of words. It indicates that a vowel is long (rùda ‘ram’) as opposed to a short vowel without (rud ‘thing’).

Traditionally, two different lengthmarks were used on the letters e and o: the grave accent, which gives an open sound as in bòrd (like English lord) and the acute accent, which gives a closed sound as in (similar to English bow); only the grave was used on the letters i, a and u. Since the Gaelic Orthographic Conventions were published in 1981, officially only the grave accent has been in use, although the difference in pronunciation in previously affected words remains. In Irish Gaelic only the acute accent is used.

Hide Ad
Hide Ad

The correct use of the stràc is essential to convey the correct meaning. Accidental omission can have a huge impact:

bata ‘stick’ vs bàta ‘boat’

cait ‘cats’ vs càit ‘where’

car ‘twist’ vs càr ‘car’

feis ‘intercourse’ vs fèis ‘festival’

lon ‘blackbird’ vs lòn ‘marshy meadow, pond’

daimh ‘stags’ vs dàimh ‘relationship’

Care should be taken on posters for events called Fèis that the stràc is not left out.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning

Dare to be Honest
Follow us
©National World Publishing Ltd. All rights reserved.Cookie SettingsTerms and ConditionsPrivacy notice