B' e cuideigin a bh' ann a dhìon an rìoghachd ach cò bu leis e?
San Lùnastal 1916 bhiodh a’ cheist sin gu cinnteach an inntinn Alasdair MhicLeòid, Alasdair mac Thormoid, à Gramasdail am Beinn na Fadhla nuair a dh’fhosgail e ciste-laighe a chaidh a chuir dhachaigh thuige le mearachd, a’ smaoineachadh gur e duslach a mhic a chaidh às an rathad sa Chiad Chogadh a bh’ ann. Ach a dh’aindeoin ’s nach robh boinne dhe fhuil ann, bha dàimh ann.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdBha Murchadh MacLeòid, rannsaiche Seachdain sa Chogadh air BBC Radio nan Gàidheal, leis an aon cheist ann an 2016. B’ i sin cò leis a bha Dòmhnall MacLeòid a bh’ anns a’ 31mh Batàilian de Choisridh Chanada agus a chaill a bheatha air a’ 4mh den Lùnastal 1916. Chaochail e ann an ospadal ann an St Albans an dèidh dha a bhith air a dhroch leòn san druim aig an Somme. B’ ann an uair sin, air dòigh air choreigin, a chaidh mearachd a dhèanamh. Ann a bhith lorg chàirdean airson a dhust a thilleadh thuca, thog cuideigin gur e 79119 an àireamh aige, an àite 79110 mar a bh’ aige. Bha fear Dòmhnall MacLeòid leis an àireimh sin san aon bhatàilian agus b’ ann do Bheinn na Fadhla a bhuineadh e. Ach, nuair a fhuair athair fios, bha e teagmhach gur e dha-rìribh a mhac a bh’ ann oir cha robh fada bho fhuair e litir bhuaithe agus cha tug e guth air leòn. Dh’fhosgladh a’ chist agus dhearbh e nach b’ e a mhac a bh’ ann. Ach b’ e mac chuideigin a bh’ ann, a bh’ air a bheatha a thoirt a’ dìon na rìoghachd. Ach cò bu leis e?
Ceud bliadhna às dèidh sin, cha robh lorg air freagairt na ceist san sgìre. Bha obair ro Mhurchadh MacLeòid. Ach nach math gu bheil càirdeas a’ cunntadh uiread do dh’eileanaich fhathast agus gu bheil a’ Chiad Chogadh air aire nam bailtean is iad a’ cur suim mhòr ann a bhith ga chomharrachadh. A thuilleadh air a sin, nach math gu bheil daoine cho deònach cuideachadh nuair a tha ceist ort. Tha an taic agus an ùine a tha a’ choimhearsnachd a’ toirt do leithid BBC Radio nan Gàidheal mìorbhaileach agus cuid dhiubh sin aig nach eil facal Gàidhlig. Mura biodh iad, cha bhiodh an obair ach duilich is aig amannan do-dhèante. ’S iad na daoine ris a bheil sinn a’ bruidhinn ’s a tha a’ toirt seachad uiread den fhèin-fhiosrachadh agus den eòlas a tha fàgail obair chraoladairean cho tlachdmhor.
Airson sgeulachd An Dà Dhòmhnall innse air BBC Radio nan Gàidheal, rinn Jan Fisher an Canada, Cairistìona NicAsgaill agus Catrìona NicÌomhair às an Rubha, Guido Blokland à Steòrnabhagh, Daibhidh Mac a’ Ghobhainn an Canada, Alasdair MacEachainn à Beinn na Fadhla, Margaret Jane NicLeòid à Barbhas agus Tormod MacLeòid ann an Lunnainn saothair nach bu bheag airson fuasgladh fhaighinn air a’ cheist. Bha iomadh car is toinneamh air an t-slighe, bha tearbadh ri dhèanamh air fiosrachadh a bha ceart is ceàrr, bha uairean a thìde de rannsachadh Eadar-lìn is eile na lùib, ach aig a’ cheann thall bha eachdraidh againn. Agus b’ e sin an eachdraidh. Chùm i Margaret Jane NicLeòid, a th’ air iomadach craobh-teaghlaich a dhèanamh, às a leabaidh gu na reugan a dh’oidhch’, ach mar a thuirt i, “Cha tàinig mi riamh tarsainn air a shamhail.”
Thiodhlacadh Dòmhnall MacLeòid ann an Cladh Bhaile nan Cailleach le teaghlach Alasdair MhicLeòid, seach nach d’ fhuaireadh a-mach cò bu leis am balach. A rèir a’ CWGC, tha faisg air 9,500 cladh am Breatainn anns a bheil a leithid, a thuit a’ dìon na rìoghachd, cuid dhiubh air an adhlacadh agus gun lorg cò iad. Mar a thuirt am bàrd Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh, agus e fhèin aig Uaigh a’ Choigrich sa chladh Thobha Mòr às dèidh a’ Chiad Chogaidh:
’S tu fad bhon tìr a rinn d’ àrach
’S tu fad bho dhìlsean ’s bho chàirdean
A dhèanadh innse cò ’n nàisean dom pòr thu:
Chan fhacas athair no màthair
No piuthar ghaolach no bràthair
A’ gul ’s a’ caoineadh le cràdh aig do thòrradh.
Cha d’ fhuair Dòmhnall MacLeòid sin, ach tha coibhneas Alasdair MhicLeòid air a chuimhneachadh fhathast le na bhuineas dha.
• Tha An Dà Dhòmhnall ri chluinntinn air BBC Radio nan Gàidheal Là na Sàbaid an t-6mh den Lùnastal aig 0930 agus air iPlayer a’ BhBC airson mìos.
Am Fiadh ’sa Mhonadh
Tha làithean geanail a’ feitheamh air luchd an t-seilg, oir tha na féidh an deagh dhòigh agus na h-eòin ruadha lionmhor, furachail. Tha am fraoch maiseach agus làn suspainn, agus tha na frithean ’sna monaidhean air an suidheachadh gu ìre glé bheag.
Chan eil ceàrn de Albainn is mò air am bheil de mheas air son spòrs agus fearas-chuideachd no na siorrachdan Gàidhealach. Tha so air a nochdadh leis na màil mhóra a th’ air am pàigheadh gu toileach air son cead gu a bhi sealg ’nan coireachan, ’nam firichean agus ’nan sraithean ré bheagan mhìosan. Tha e air aithris gu’n robh Mr Winans a’ toirt seachad ochd mìle deug punnd Sasunnach am màil a mhàin air son a bhi car naoi no deich de sheachduinean a’ sealg nam fiadh an àireamh de fhrìthean ’san Taobh Tuath. Cha robh an sin ach cuibhreann den chosdais gus an robh e air a chur m’a choinneamh na h-ùine ghoirid sin. Tha màil a cheart cho àrd fhathasd, ged nach eil aon duine ’sam bith a’ gabhail uiread fhearainn aig aon àm ’sa bha Mr Winans a dèanamh ré iomadh bliadhna.
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTha sealg is fiadhach a’ dol air an ais ùine fhada an eachdraidh nan cinneach. Ri linn an t-Seann Tiomnaidh bha Nimrod ainmeil air son a ghleusdachd anns an rathad so, agus, gus an latha diugh, tha meas air neach a tha ealanta le gunna an aghaidh eòin no ainmhidh. AONGHAS MACEANRAIG
Gaelic guide for learners
A sentence like ‘the window was broken’ is called passive, because the action of the verb ‘was broken’ falls on the subject ‘the window’. In Gaelic, one way of expressing the passive involves using the verb rach ‘to go’ along with a verbal noun like togail ‘building’. Examples:
Thèid na taighean a thogail. The houses will be built.
Chaidh am feur a ghearradh. The grass was cut.
Rachadh cèic a dhèanamh. A cake would be made.
In these examples above, the verbal nouns togail, gearradh and dèanamh are preceded by a which lenites the verbal noun. The a is omitted if the verbal noun begins with a vowel or f+vowel as in these examples:
Thèid a h-uile rud ithe. Everything will be eaten.
Chaidh a’ bhùth ùr fhosgladh an-dè. The new shop was opened yesterday.
When the subject of the sentence is a pronoun like ‘I, he, she, they’, Gaelic uses the possessive pronouns mo ‘my’, a ‘his’, a ‘her’ and an ‘their’ before the verbal noun; mo and a ‘his’ lenite the following word:
Chaidh mo thogail ann an Alba. I was raised in Scotland.
An deach a mholadh? Was he praised?
An deach a moladh? Was she praised?
• Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www.smo.uhi.ac.uk
Place name of the week
The Cairnwell - An Càrn Bhalg
The Cairnwell (Carnavalage, mid 17th Century) is a prominent mountain in the Cairngorms, known in Gaelic as An Càrn Bhalg ‘the bag or bag shaped hill’. The English form may have been influenced by a nearby well, known in Gaelic as Tobar a’ Chùirn ‘the well of the cairn or cairn-shaped hill’. Confusingly this spring is known in English as the Cairn Well.
To add to this confusion, on the other side of the Cairnwell, a burn falls down its slope, known simply in English as the Cairnwell Burn. This is in Gaelic Allt an Tobair, meaning ‘the burn of the well’. It is too far away to be named from the well Tobar a’ Chùirn mentioned above, and it is possible the Allt an Tobair is a back-translation from the English name Cairnwell as if relating to an actual well.
• For more information on this name visit Ainmean-Àite na h-Alba, www.ainmean-aite.org