An Siarach treun a ghabh rathad cam nan aibhnichean gu Oregon

Ann an 1991 sgrìobh Fionnlagh MacLeòid leabhar grinn Gàidhlig mu Shir Alastair MacCoinnich a lorg beul Abhainn MhicCoinnich ann an ceann an-iarthuath Chanada, far a bheil i a' coinneachadh ris a' Chuan Arctach '“ Alasdair MacChoinnich ann an Canada, foillsichte le Acair. Seo a-nis leabhar dà-chànanach a tha gu math coltach ris: Iain 'Ain 'ic Iain: From Garenin to the Oregon Country, le Maletta NicPhàil (Urras nan Geàrrannan, £9.99).
Oregon alainn far an deach Iain Ain ic Iain na thuathanach: tha Mount Hood ag eirigh air chul baile The Dalles air Abhainn Cholumbia.Oregon alainn far an deach Iain Ain ic Iain na thuathanach: tha Mount Hood ag eirigh air chul baile The Dalles air Abhainn Cholumbia.
Oregon alainn far an deach Iain Ain ic Iain na thuathanach: tha Mount Hood ag eirigh air chul baile The Dalles air Abhainn Cholumbia.

Rugadh Iain ’Ain ’ic Iain (MacLeòid) anns na Gearrannan air taobh siar Leódhais ann an 1815. Ann an 1837, a’ bhliadhna a thàinig a’ Bhanrigh Bhictòria chun na cathair rìoghail, bha e an lùib uabhais. Bha e fhéin agus beagan chompanach cruinn aig taigh-staile, falaichte a-staigh ris na creagan, nuair a nochd coigreach, ge brith có bh’ ann. “Anns an aimhreit a lean, bha Iain ’Ain ’ic Iain mar mheadhan air gun deach an coigreach na char a’ mhuiltein dhan chraos teine” – an teine a bha a’ teasachadh na poite duibhe. “Cha do chuir an lasair umhail nach b’ e ultach eile de chaoran dubh a bh’ ann. Ann am prioba na sùla, ghreimich an teine ri aodach a’ choigrich agus chaidh e na smàl.”

Nise, tha sinn ag ionnsachadh faisg air deireadh an leabhair nach tug an losgadh a fhuair am fear bàs dha idir. “Cho luath agus a thugadh a-steach dhan bhaile e, fhritheil na boireannaich dhan choigreach. Ghabh iad dha na leòintean aige le clobhdan agus ìm saillte, mar a b’ fheàrr a b’ urrainn iad; agus thug iad à ìnean a’ bhàis e. Ged a dh’fhuiling e droch leòn, cha robh Iain ’Ain ’ic Iain air call beatha adhbharachadh idir.”

Hide Ad
Hide Ad

Ach cha do dh’fhuirich Iain ri fios. Theich e. Liost e anns a’ Hudson’s Bay Company (HBC) ann an Arcaibh, agus siud e, anns an Lùnastal 1837, ann a York Factory, air costa an-iardheas Bàgh Hudson. Ma bheir thu sùil air a’ mhapa – agus tha mapaichean san leabhar – tha York Factory letheach-shlighe eadar Newfoundland agus costa an-iar Ameireaga a-Tuath; ach bha a’ chuid as cruaidhe ri thighinn fhathast.

Aig an àm ud, mus robh rathaidean-iarainn ann, bha an turas seachd iongantach. Mhair an sgrìob seo còrr agus bliadhna. Bha seirbheisich HBC ga coileanadh ’nam “bragàdan” anns an robh eadar 45 agus 70 duine. An urra ris gach duine bha sia pasgain de charago anns am biodh mu 90 punnd am fear. “Dh’fhalbhadh e le aon dhiubh airson mu leth-mhìle agus dheigheadh e an uair sin air ais airson fear eile. Aon uair agus gum faigheadh e na sia dhan aon àite, bhiodh e deiseil airson gluasad air adhart.”

Rinn iad an turas chun a’ Chuain Shèimh le bàtaichean, le canùaichean, le eich agus dha’n cois. B’iad na Rockies an cnap-starraidh bu mhotha. Ann an aon abhainn a bha air leth cunnartach: “Am measg na bh’ air bòrd bha luibh-eòlaiche Sasannach, fear Raibeart Ualas, a bh’ air ùr-phòsadh. A dh’aindeoin sgal de rabhadh bhon sgiobair gun duine carachadh, dh’èirich esan na sheasamh. Sgioblaich e a bhean na ghàirdeanan agus leum e a-mach leatha, ag amas air sàbhailteachd na bruaich. Cha do rinn iad càil dheth. Shluig suailichean an t-srutha iad.”

Chan iongnadh ma-tà nach do dh’fhàg Iain ’Ain ’ic Iain costa siar Ameireaga riamh aon uair ’s gun do ràinig e. Thug e a’ mhórchuid dh’a shaoghal ’na thuathanach ann an Dùthaich Oregon. Tha sinn ag ionnsachadh san leabhar mu na mnathan “Innseanach” aige, mu na cogaidhean eadar na Stàitean Aonaichte ’s na dearbh thùsanaich sin, mun ghreis a thug Iain ’na mhèinneadair òir ann an California, mu cho trom ’s a bha e riamh air an deoch, agus mu na litrichean a thòisich a’ tighinn á Leódhas aon uair ’s gun d’fhuair muinntir nan Gearrannan a-mach gun robh e beò. Chan è gum b’ urrainn dha sgrìobhadh, ach fhuair e cuideachadh. Tha dealbh anns an leabhar de litir a sgrìobh a bhràthair Murchadh gu Catrìona nighean Iain air 13 Faoilleach 1870 a tha a’ tòiseachadh: “We have the highest reason to be thankful to God that he has provided such skillful way so that we could correspond to each other by means of paper and pen and black though it is impossible to sbeak face to face at the time.”

Nuair a dh’eug Iain ’Ain ’ic Iain ann an 1905 bha e air a bhith na b’ fhaide beò ann an Oregon na duine geal sam bith eile.

Tha Iain ’Ain ’ic Iain stéidhte air tobraichean math eòlais – pàipearan, pàipearan-naidheachd, leabhraichean – bho thaobh thall a’ chuain ann an Stàit Washington. Tha e ann am Beurla agus Gàidhlig, duilleag mu seach. Cha tug mi ’n aire ach do dh’aon mhearachd ghòrach, far a bheil bàta air a thogail “air Abhainn Tuaidh” air an dara taobh agus “on the Thames” air an taobh eile. Tha mise a’ fuireach faisg air bruach Tuaidh, agus Thames chan ì ach Tweed. Tha dealbhan dathte san leabhar, agus uile gu léir tha an t-uabhas de dheagh leughadh ann. Dhùiriginn gun robh tuilleadh den t-seòrs’ ann – nach robh a’ Wild West loma-làn bhalacha-cruidh ás na h-eileanan?

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 24 GIBLEAN 1937

Am Blàr Geal

Bha am blàr fo shneachda tric gu leòir a mheadhon a’ gheamhraidh so chaidh. Tha mòran de na cuidheachan gun leaghadh fhathasd, eadhon aig ìre gun a bhi ro àrd os ceann còmhnard na mara.

Fhuair sinn pailteas sneachda ré nan trì mìosan a chaidh seachad, agus is e beachd nan uile gur feàirrd am fearann e. Tha ’n ùir na’s brisge agus tuillidh sùigh innte na bhiodh na b’ e uisge bh’ againn air son a’ chuid bu mhò de’n ùine. Tha ’m mùthadh so eadar sneachd agus uisge agus eadar reodha agus aiteamh: tha ’n dara cuid a’ cumail blàiths agus tluis anns an talamh agus tha an t-aon eile a ghnàth ’gan deothall ás. Tha fiughair gu ’m bi a h-uile bàrr glé mhath, oir, o cheann thrì no ceithir de sheachduinean, tha an t-sìde sònruichte gasda air son cur is cinneas, agus, m’a chreideas sinn muinntir a tha gleusda ann an tomhas aimsire, tha e coltach gu lean i fàbhorach ré nam mìosan samhraidh is foghair. Tha e air a ràdh gu minig gu’m bheil reodha is sneachd ro fhallain air son duine agus ainmhidh. Cha robh e furasda sin a ràdh air a’ bhliadhna so – cò dhiubh, a thaobh dhaoine – oir is fad o’n bha ’n influenza cho draghail agus cho leanailteach ’sa bha i.

Hide Ad
Hide Ad

Tha ’n sneachd ri fhàilteachadh, ach cha toigh leinn tuillidh sa chòir dheth. Tha measarachd math anns a h-uile ni, eadhoin ann an staidean na sìde.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

A Dhealbh Beag

It’s always the little things that make the difference, isn’t it? There are so many words and terms for a ‘thing’: nì, rud, càil, sìon. All of these are words you’ll hear or use in Gaelic so regularly, you probably won’t even think about them that often.

Dad is very commonly heard around Applecross, still, but it is usually only used in when asking a question or answering a question in the negative: A bheil dad às ùr? Chan eil dad ‘Anything new? Not a thing’.

If you’d been fishing, you might be asked An d’ fhuair thu dad? ‘Did you catch anything?’

If something is completely incomprehensible, you might mutter Cha dèan mi dad dheth ‘I can’t make heads or tails of it’, or Chan eil dad a dh’fhios agam ‘I have no idea’.

If things are going a bit awry or – it could happen! – improving slightly, the words you’ll hear around Applecross and the surrounding districts are a dhealbh or a dhealbh beag: ‘I am feeling a little better today’ would be Tha mi a’ faireachdainn a dhealbh beag nas fheàrr an-diugh.

The word appears in some older dictionaries as ealbh ‘a bit or a little thing’. But a nice little word all the same.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning

Related topics: