Am peanas tròcaireach a tha san dàn do Chaimbeulaich na h-Àirce

BHA mi air mo bheò-ghlacadh riamh le dàn fada propaganda a dh'fhoillsich Alastair mac Mhaighstir Alastair ann an 1751, '˜An Àirce', anns a bheil e a' maoidheadh gun tig tuil thairis air Earra-Ghaidheal mar pheanas air na Caimbeulaich air son mar a dh'éirich iad an aghaidh a' Phrionnsa Teàrlach ann an 1745. Bha an dàn a' togail na h-uiread a cheistean. Co iad na 39 daoine a tha e ag ainmeachadh? Dé dìreach a rinn iad air son breitheanas a' bhàird a tharraing? Car son a tha e cho bog air móran dhiubh? Tha cuid dhiubh gu bhith air am bàthadh, gun teagamh. Ach tha cuid gu bhith air an deagh thumadh 's an uair sin an slaodadh air bòrd na h-àirce. Agus tha cuid eile gu bhith a' faighinn caibean math on toiseach 's a h-uile nì a dh'iarras iad ri ithe 's ri òl.
Alastair mac Mhaighstir AlastairAlastair mac Mhaighstir Alastair
Alastair mac Mhaighstir Alastair

Chan e sin a-mhàin, ach gu bheil làmh-sgrìobhainn againn dhen dàn cho math ris an leabhar chlò-bhuailte. Se an leabhar Ais-Eiridh na Sean Chánoin Albannaich. Chan eil ainm air an làmh-sgrìobhainn, ach tha i ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba fo àireamh Adv. 72.2.13. Dé an dàimh a th’ eadar an làmh-sgrìobhainn ’s an leabhar?

Thug mi iomadh bliadhna ag obair air na ceistean seo, agus saoilidh mi gu bheil na freagairtean air fad agam a-nis. A thaobh nan Caimbeulach, bha ar-a-mach ùr gu bhith a' tachairt ann an 1752 ’s bha maighstirean a’ bhàird an dòchas gun gabhadh Clann Dhiarmaid ann an arm Rìgh Seumas an turas seo. A thaobh na làmh-sgrìobhainn, tha ‘An Àirce’ agus grunnan dhàintean eile innte; tha cuid de na dàintean seo glé làidir an aghaidh nan Caimbeulach, ach tha e soilleir gu bheil a’ mhórchuid de na duilleagan a dhìth. Bha iad seo sgrìobhte san sgriobt Ròmanach a réir choltais – chaidh an toirt seachad dhan chlò-bhualadair mar “chopaidh glan” agus chaidh an sgrios cho luath ’s a bha an leabhar air fhoillseachadh. Tha na duilleagan a th’ againn fhathast sgrìobhte san sgriobt Ghaidhealach – bha iad seo air am meas ro chunnartach gu bhith air an clò-bhualadh mar a bhà iad, agus bha iad ri’n atharrachadh, ri’n ceartachadh no ri’n cumail a-mach ás an leabhar buileach.

Hide Ad
Hide Ad

An seo shuas tha sibh a’ faicinn caob beag de ‘An Àirce’ anns a bheil triùir de na 39 air an ainmeachadh: Cailean Caimbeul, Fear Choire Chunna; Gilleasbaig Caimbeul, Fear a’ Chnuic Bhuidhe; Iain Caimbeul, Fear Chaladair. Tha an sgriobt Gaidhealach loma-làn ath-ghoiridean agus tha siostam litreachaidh aig Alastair uile dha fhéin, ach ma chuireas sinn e a-staigh do rudeigin nas coltaiche ri litreachadh an latha an-diugh, seo na gheibh sinn: “Mu dheidhinn Fear Choire Chunna, / Na fàg an cunnart nan tonn e: / Thoir air bòrd a-steach an duin’ ud, / ’S buin ris urramach neo-lompais.” Chuir e cearcall dhotaichean timcheall air an dàrna “a-steach” gu sealltainn gur e mearachd a bh’ ann. Le “neo-lompais” tha e a’ ciallachadh “fialaidh”.

A-nise gu Fear a’ Chnuic Bhuidhe, a bha ’na dhròbhair ainmeil ’s ’na cheannaiche cruidh air dà thaobh Locha Fìne. “Cum a-mach Fear Chnoc-Buidhe / Ach guidheam ort, na leig a bhàthadh – / Ceangail gu daingeann ris buoi, / B’ anabarrach buidhe a chocàd.” Se th’ ann am “buoi” ach buoy; ann an 1745–46, coltach ri Fear Choire Chunna, bha Fear a’ Chnuic Bhuidhe (neo Fear Chnoc-Buidhe mar a th’ aig Alastair air) ’na chaiptean ann am Malisi Earra-Ghaidheal, aig an robh cocàd buidhe no ruadh mar shuaicheantas gus an eadar-dhealachadh bho arm Rìgh Seumas aig an robh an “suaithneas bàn”. Ach tha Alastair a’ cur stràc tron t-sreath seo ’s ga atharrachadh gu “Bheir snàmh dha ’n uidheam a’ chràigheoidh.” Ann am faclan eile, an àite a bhith a' cluiche le “buidhe” tha e a’ cur a’ chuideam air teasairginn an duine bhon chuan.

Tha Alastair a’ dol air adhart: “’S nuair chailleas e anablas Deòrsach / ’S a thoirear dha geala-rioband, / Spìon a-steach e ’s thoir dha còrdial / A bheir beò e ’n déis a shliobraich.” Le “geala-rioband” tha e a’ leantainn le ìomhaigheachd nan dathan, ach a-rithist tha e a’ dubhadh siud ás agus a’ cur ìomhaigheachd na mara ’na h-àite: “’S an fhairge air a leòn air fàs miota.” (Se sin, air fàs lag an déidh an duine a leòn.) Chan e sin a-mhàin, ach gu bheil e ag atharrachadh “chailleas e” gu “nighear dheth”. Mar sin tha sinn a’ leantainn smuaintean a’ bhàird tro dhà ìre. Agus tha treas ìre ann – an leabhar fhéin, anns a bheil an dara leth de na h-atharraichean seo a’ seasamh ’s an leth eile air an toirt ceum nas fhaide, leithid “’S an fhairg’ air a leòn ’s air a mhiotadh.”

An uair sin: “Bidh taigh Chaladair an dòchas / Gun leig thu air bòrd gu léir iad . . ." Bha Fear Chaladair ’na bhall-pàrlamaid ach bha móran dh'a luchd-cinnidh air taobh Rìgh Seumas.

Tha mi air an stòiridh aig “Caimbeulaich na h-Àirce” innse gu mionaideach ann an dà imleabhar, neo volume, fon tiotal The Campbells of the Ark. Tha caibideal dha fhéin aig gach fear, 31 ann an Imleabhar 1 agus ochd ann Imleabhar 2. Ge-tà tha a’ mhórchuid de dh’Imleabhar 2 air a thoirt suas le eachdraidh Malisi Earra-Ghaidheal agus le iomradh air buidhnean agus oifigearan na réisimeid sin.

Bidh The Campbells of the Ark: Men of Argyll in 1745 air fhoillseachadh le John Donald air 9 Màrt, prìs £25 gach imleabhar.