Air sgèith '“ a' bìdeadh an ubhail as fheàrr air a' mheangan as àirde

Mar iomadh neach eile a fhuair breith is àrach anns na h-eileanan, bha mi eòlach air a' bhàta-aiseig bho '˜s cuimhne leam. Air ais 's air adhart à Steòrnabhagh 's an Tairbeart gu tìr-mòr, làn aoibhneis air na bha romhainn air ar làithean-saora.
Francesca aig Club Glaidhdear na Gaidhealtachd le neach-oide Robert Tait. Facail is dealbhan: Patricia NicLeoid, Midas MediaFrancesca aig Club Glaidhdear na Gaidhealtachd le neach-oide Robert Tait. Facail is dealbhan: Patricia NicLeoid, Midas Media
Francesca aig Club Glaidhdear na Gaidhealtachd le neach-oide Robert Tait. Facail is dealbhan: Patricia NicLeoid, Midas Media

Ach, nuair a bha mi naoi bliadhna a dh’aois, thachair rud a thug buaidh mhòr orm. Bha mi air mo bheò-ghlacadh nuair a sgèith mi às a’ phort-adhair ann an Steòrnabhagh gu Inbhir Nis airson na ciad uair: a’ faighinn aoigheachd coltach ri bànrigh, an t-astar, na seallaidhean … agus bha mi air mo ghlacadh aige bhon latha sin! Tha mi air a bhith fortanach gun robh cothrom agam a bhith a’ siubhal ann an diofar phlèanaichean, beag is mòr, air feadh an t-saoghail bhon uair sin. Ach ge be càite an robh mi mar neach-siubhail, bha mo shròn a’ cur dragh orm, saoil dè a bha a’ dol air adhart air cùl ghnothaichean.

Nar n-òganaich, ’s tric a chluinneadh sinn “ubhal a’ bhìgis” nuair a dh’fhaighnicheadh sinn ceist. Ach, gu fortanach, nuair a tha thu a’ riochdachadh phrògraman telebhisein, ma tha do shròn a’ cur dragh ort, ’s e rud math a tha sin! Ghabh BBC ALBA ris an tagradh againn airson sreath de dh’ochd prògraman mu phuirt-adhair na Gàidhealtachd ’s nan Eilean an-uiridh, agus abair gun robh mi air mo dhòigh. Bha fèill mhòr air an t-sreath agus, an t-seachdain seo fhèin, tha an dàrna sreath de “Puirt-adhair (Highland Airports)” a’ dol a-mach air BBC ALBA, eadar seo agus meadhan na Samhna.

Hide Ad
Hide Ad

Dhomh fhìn, b’ e coinneachadh ris an luchd-obrach aig na puirt-adhair agus na daoine a bhios a’ sgèith airson spòrs a’ chuid a b’ fheàrr dheth. Tha an t-uabhas de sgeulachdan agus tursan inntinneach mun cuairt, agus daoine làn dìorrais.

Jordan aig Club Microlight East Fortune ann an Lodainn an Ear. Facail is dealbhan: Patricia NicLeoid, Midas MediaJordan aig Club Microlight East Fortune ann an Lodainn an Ear. Facail is dealbhan: Patricia NicLeoid, Midas Media
Jordan aig Club Microlight East Fortune ann an Lodainn an Ear. Facail is dealbhan: Patricia NicLeoid, Midas Media

A leithid Marshall Wishart, pìleat aig Port-adhair Thingwall far am bi plèana a’ sgèith gu Eilean Fara agus Eilean Fughlaigh. Tha an taigh aige dìreach ri taobh a’ phuirt-adhair agus cha robh càil eile air aire ach a bhith na phìleat ag obair a-mach à Tingwall bho bha e na bhalach. Bha e ag obair air na crainn-ola gus an d’ fhuair e an cothrom a chead-pìleat fhaighinn, agus tha e a-nise air an amas aige a choileanadh.

Lean sinn diofar dheugairean agus iad a’ tòiseachadh air an t-slighe gu bhith a’ sgèith. Anns a’ chiad phrògram (a th’ air iPlayer a’ BhBC an-dràsta) tha Francesca a tha ceithir bliadhna deug a dh’aois a’ faighinn leasan aig Club Glaidhdear na Gàidhealtachd. Ach cha robh càil a dh’fhios aice dè a bha roimhpe nuair a dh’ionnsaich i ciamar a dhèanadh i car a’ mhuiltein. Tha na camarathan beaga a leithid GoPro air saoghal mòr fhosgladh dhuinn nuair a tha sinn a’ clàradh itealan a’ sgèith, agus tha sinne còmhla rithe a h-uile diog fhad ’s a tha i bun-os-cionn.

Aig Port-adhair Dhùn Dè, choinnich sinn ri ceathrar dheugairean aig Tayside Aviation a fhuair sgoilearachd bhon RAF airson cùrsa fad ceala-deug, feuch am biodh iad comasach air itealan a làimhseachadh. Bha e math a bhith ag èisteachd ris na h-oidean agus iad a’ mìneachadh agus a’ breithneachadh. ’S e dìreach aon dhen cheathrar a rinn a’ chuis air sgèith na aonar air an latha mu dheireadh dhen chùrsa. Abair gun robh gàire air a ghnùis. ’S math a rinn e!

Agus ’s dòcha nach eil microlight freagarrach dha neach sam bith a tha teagmhach anns an adhar seach gu bheil na suidheachain fosgailte. Ach, ma sheasas do stamag ris, chan eil dòigh nas fhèarr ann air seallaidhean àlainn fhaicinn bho shuas. Chan eil Jordan ach còig bliadhna deug ach tha e letheach-slighe gu bhith a’ sgèith na aonar. Tha sinne ga leantainn dha na speuran agus e ag ionnsachadh an tionndadh teann cas a dhèanamh.

Jordan aig Club Microlight East Fortune ann an Lodainn an Ear. Facail is dealbhan: Patricia NicLeoid, Midas MediaJordan aig Club Microlight East Fortune ann an Lodainn an Ear. Facail is dealbhan: Patricia NicLeoid, Midas Media
Jordan aig Club Microlight East Fortune ann an Lodainn an Ear. Facail is dealbhan: Patricia NicLeoid, Midas Media

Lorg sinn fear ann an Siorrachd Obar Dheathain a thog a phlèana fhèin. Thàinig an Eurofox à taobh sear na Roinn Eòrpa ann am pìosan agus chuir Nick MacLeòid ri chèile iad. Ghèarr e am feur air an achadh air cùl an taighe aige agus, le sin, bha raon-adhair aige air an stairsich – a’ dearbhadh gum faodadh do phlèana fhèin a bhith agad air prìs càir mhòir.

Ged as ann a’ sgèith airson turas a ghabhail no airson spòrs, chan eil teagamh nach eil miann mhic-an-duine a bhith san iarmailt cho làidir an-diugh ’s a bha e a-riamh. Coma leat ubhal a’ bhìgis – ’s ann a tha an t-ubhal as fheàrr air a’ mheangan as àirde.

Puirt-adhair a’ leantainn air BBC ALBA gach Diluain aig 8:30f.

O chionn 80 bliadhna – on Weekly Scotsman, 25 Sultain 1937

“Am Fear Nach Maireann”

Hide Ad
Hide Ad

Is iomadh uair a chluinneas sinn iomradh air dream a dh’fhàg an saoghal agus theirear riù glé thrice am fear no an té nach maireann. Tha so a’ ciallachadh gu’n deachaidh iad ás an t-sealladh, ach gu’m bheil iad fhathasd am bith.

Bha na Gàidheil riamh cuimseach ’nan cainnt agus bu bheag orra a ràdh mu chreutair reusanta ’sam bith gu’n do bhàsaich e. Tha fios agam gu’m bheil àiteachan ’sam bheil am facal air a chleachdadh anns a’ char so, ach am measg a’ chuid is pailte d’ar pobull is e “shiubhail e” no “chaochail e” a theirear. Tha a’ cheud fhear dhiubh so ’gar toirt dh’ionnsuidh na barail gu’n d’fhalbh ar caraid air turus agus tha am fear eile a’ toirt f’ar comhair gu’n d’atharraich e cruth. Chan eil móran mùthaidh eadar an dà fhacal oir is e is brìgh dhaibh le chéile anns an t-suidheachadh so gu’n do chaill sinn sealladh do chuideiginn. Anns na Sgriobtuirean is e “fhuair e bàs” a theirear, ach chan eil an sin ach beachd nan eadar-theangairean. Ar leam gur e “chaochail e” is fearr na “shiubhail e”, oir chan eil dearbhadh againn gu’n d’imich e fada bhuainn ach tha cinnt againn nach eil e maille ruinn anns an t-seann aogasg. A thaobh ainmhidh na t-seann aogasg. A thaobh ainmhidh na machrach theirear daonnan “bhàsaich e”, no “fhuair e ’m bàs”. Chan eil e air a chreidsinn gu’m bheil dad annsan a mhaireas an déidh call na h-analach.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Eagal no Feagal

The ordinary word for ‘fear’ in Gaelic is eagal, or in some areas feagal. It is used in a number of ways. Ghabh mi eagal means ‘I took fright’ and implies that something in particular has scared you. For a general feeling of being afraid, use Tha an t-eagal orm ‘I’m afraid’. If somebody has a particular fear in the sense of a phobia, we use eagal with the preposition ro ‘before’: Gabhaidh Iain eagal ro dhealanach ‘Iain is afraid of lightning’. Eagal can be intensified with dearg ‘red’. Tha an dearg-eagal air Scooby-Doo! ‘Scooby-Doo is extremely scared!’ One nice idiom using eagal is Chaidh mi à cochall mo chridhe leis an eagal! ‘I went out of my heart’s shell with fear!’ This signifies genuine terror!

Other words for fear include geilt ‘terror’, uabhas ‘dread’, oillt ‘horror’ or - a personal favourite - gairiseachadh ‘the heebie-jeebies’! All are used in much the same way as eagal. Some adjectives we have are eagalach ‘frightening’, uamhalta ‘eerie/creepy’ and oillteil ‘horrible’. Clisgeadh means ‘starting’, as with fright. Chlisg i le ulfhart nan con ‘she started at the dogs’ howling.’

Don’t be scared to try these!

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities on site and by distance-learning