A' cumail cuimhne air Iain a' Ghobha: an gobha mu dheireadh ann an Slèite

San latha an-diugh, nuair a tha iomadh seòrsa bathair is goireis air a thoirt dhuinn tro theigneòlas ùr agus a' tighinn bho dhùthchannan eile, tha e furasta a dhìochuimhneachadh nach eil e cho uabhasach fada bho bha neach anns gach coimhearsnachd a chàraicheadh agus a dhèanadh tòrr den uidheam a bha dhìth: an gobha.
Iain a Ghobha leis a phiob aige taobh a-muigh na ceardaich ann an Aird a Bhasair trath sna 1980 anIain a Ghobha leis a phiob aige taobh a-muigh na ceardaich ann an Aird a Bhasair trath sna 1980 an
Iain a Ghobha leis a phiob aige taobh a-muigh na ceardaich ann an Aird a Bhasair trath sna 1980 an

Nuair a chaidh mi a bhruidhinn ris an Dr Decker Forrest, am pìobaire agus Stiùiriche Cùrsa airson a’ BhA (le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig, dh’innis e dhomh beagan mun ghobha mu dheireadh a bh’ ann an Slèite, Iain MacDhòmhnaill, no Iain a’ Ghobha mar a b’ fheàrr a dh’aithnichear e ’s a bha cuideachd na phìobaire.

B’ ann tro phìobaireachd a chuala Decker mu Iain an toiseach, no mun ghobha a bh’ ann an Àird a’ Bhàsair, mar a tha e a’ mìneachadh: “Bha mise eòlach air a’ phort ‘The Ardvasar Blacksmith’ nam òige ann an San Diego. Mar sin nuair a ghluais mi a Shlèite, bha cuimhne agam air a’ phort sin agus bha mi a’ cur ceist orm fhìn cò bh’ anns a’ ghobha à Àird a’ Bhàsair? Co-dhiù, dh’fhòn cuideigin thugam o chionn dà bhliadhna ag innse dhomh gun deach a’ cheàrdach aig Iain a’ Ghobha a reic, agus bha cuideigin air sùil a thoirt na broinn agus a rèir choltais bha a h-uile sìon air fhàgail sa cheàrdaich dìreach mar a bha e nuair a dh’eug Iain. Chaidh mi fhìn is am Proifeasair Ùisdean Cheape sìos ga faicinn, agus bha e doirbh dhuinn a chreidsinn gun robh àiteachan mar sin fhathast ann air an gleidheadh mar a bha i.”

Hide Ad
Hide Ad

A rèir Decker, chaidh am port a sgrìobhadh mar urram do dh’Iain le Màidsear na Pìoba Evan MacRath à Slèite a dh’ionnsaich pìobaireachd an toiseach bho Iain. Rugadh Iain a’ Ghobha ann an 1902 agus chaochail e ann an 1985, agus chunnaic e tòrr atharraichean ann an dòigh-beatha na coimhearsnachd thar nam bliadhnaichean sin.

Thuirt Decker: “Chaidh tòrr innse dhuinn mu dheidhinn Iain a’ Ghobha; ’s e duine gu math traidiseanta a bh’ ann. Bha rudeigin gu math domhainn mu dheidhinn, bha ùidh aige ann an rudan traidiseanta mar phìobaireachd agus dualchas na Gàidhlig. Bha tòrr atharraichean anns an 20mh linn, gu sònraichte às dèidh an Dàrna Cogaidh, agus b’ fheudar dha na goibhnean a bha air fhàgail na dòighean-obrach aca atharrachadh agus na rudan a bha iad a’ dèanamh. Cha robh na h-eich cho cudromach ’s a bha iad airson obair an fhearainn, agus bha e na b’ fhasa stuth ùr a cheannach bho àiteachan eile, an àite a bhith ag iarraidh air a’ ghobha a dhèanamh. Mar sin bha aig Iain ri tòiseachadh a’ dèanamh rudan mar phòcairean airson an teine, agus rudan airson taighean a sgeadachadh; bhiodh e a’ dèanamh ‘toasting forks’, ‘boot jacks’ agus rudan eile den t-seòrsa sin, agus bhiodh e fhathast a’ càradh nithean.”

A bharrachd air a’ cheàrdaich aig Iain, agus na cuimhneachain a th’ aig daoine air fhathast, tha fianais phrìseil eile aig Sabhal Mòr Ostaig air beatha an duine, leabhraichean-latha a chùm e fhèin agus athair fad iomadh bliadhna. Mhìnich Decker: “Tro na leabhraichean-latha sin tha sinn a’ faicinn mar a dh’atharraich an saoghal eadar beatha athair Iain, Dòmhnall, is beatha Iain agus tha fios againn air dè rinn Iain cha mhòr a h-uile latha de a bheatha. Tha sin a’ gabhail a-steach nan rudan a bha e a’ dèanamh airson diofar dhaoine, cò bh’ anns na daoine sin, càit an robh iad a’ fuireach, cò ris a bha an t-sìde coltach gach latha, cò na daoine a bha tadhal air.”

Am measg nan nithean a tha sgrìobhte san leabhar-latha aig Iain, tha gum biodh e a’ pìobaireachd aig tachartasan sa choimhearsnachd mar thìodhlacaidhean. Agus a rèir choltais, cha robh mòran phìobairean ann an Slèite aig an àm, gu h-eucoltach ri cuid a sgìrean eile air a’ Ghàidhealtachd.

Dh’fhàg an teaghlach aig Iain tòrr den stuth a bh’ aige a thaobh pìobaireachd agus stuth eile a bhuineas dha aig a’ cholaiste mar thìodhlac. Dìleab fìor phrìseil a rèir Decker: “Tha e comasach dhuinn coimhead tro shùilean Iain air linn eile. Air sàillibh nach robh mòran de a leithid air fhàgail nuair a dh’eug Iain sna 1980an, tha e doirbh dhuinn a thuigsinn cho cudromach agus a bha obair na ceàrdaichean. Agus a chionn ’s gun do chùm e air leis an obair sin suas gu na h-ochdadan, ’s urrainn dhuinn coimhead air an stuth a dh’fhàg e agus tuigsinn gu ìre cò ris a bha an saoghal agus an dòigh-beatha sin coltach. Mar sin, dhòmhsa mar neach-teagaisg agus neach-rannsachaidh, tha na dh’fhàg Iain uabhasach cudromach agus prìseil. ’S urrainn dhuinn a shealltainn do dh’oileanaich cò ris a bha obair is saoghal Iain coltach a bha na ghobha agus na phìobaire.”

Mar sin, leanaidh sgeulachd Iain a’ Ghobha, chan ann dìreach leis a’ phort a chaidh ainmeachadh às a dhèidh ach cuideachd leis an fhianais sgrìobhte agus làmh-dhèanta a dh’fhàg e.

• Tha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach. This article appears courtesy of the Royal Celtic Society, sponsors of organisations dedicated to the traditions, language and arts of the Highlands and Islands www.royalcelticsociety.scot

O CHIONN 80 BLIADHNA – on Weekly Scotsman, 25 Iuchar 1936

Air Ghalldachd ’s air Ghàidhealtachd tha ’n t-Sàbaid a’ cur dragh air daoine. An còir a gleidheadh no an còir a milleadh – is i sin a’ cheist.

Hide Ad
Hide Ad

Tha Glascho an ceartair air a roinn ’na dhà bhuidhinn – iadsan leis am miann golf a bhi air a chluich air Là an Tighearna agus iadsan leis nach eadh. ’Dé a dh’éireas do’n chùis, tha duilich a ràdh, ach, uidh air n-uidh, tha an t-Sàbaid a’ call gruinnd ’sa bhaile sin, mar an àiteachan eile. Tha a’ Ghàidhealtachd, mar an ceudna, a’ géilleadh do na h-àbhuistean ùra, oir tha carbadan-smùide agus carbadan-ola a’ toirt muinntir an Taoibh Deas gu tuath agus maille riù tha a’ ruigheachd ar pobuill iomadh fasan air nach robh iad chuige so eòlach. Tha cuid dhiubh feumail agus ionmholt agus cuid eile nach sireamaid an leantainn nam faigheamaid ar toil. Am measg an fheadhainn nach gràdhach leinn tha caitheamh na Sàbaide an spòrs ’s an àbhachd – a’ deanamh tàir air an latha bheannaichte mar gu’n robh e air a chur air leth air son fearas-chuideachd. Mur cuirear grabadh air na h-ionnsuidhean so gu cràbhadh a thoirt gu eas-urram, is duilich a ràdh c’àit an stad sinn le gnàthan nach buin dhuinn féin no ’gar dùthaich.

Tha na h-Eaglaisean a’ deanamh na’s urrainn dhaibh, ach feumaidh gach neach an cuideachadh. Chan eil móran sonais ann am briseadh Sàbaide agus cha tig rath gu bràth á tarcuis a dhèanamh, mar chinneach, air na h-Aithntean.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

We have previously looked at masculine and feminine nouns and at the prepositions aig (at), air (on) and ann an (in), writes Janni Diez. Here we will have a look what effect aig, air and ann an have on nouns. In Gaelic, unlike English, the form of the word changes in this case. For example:

am bòrd the table

air a’ bhòrd on the table

The word is lenited (an h inserted after the first letter) and the article changes to a’. Other examples are: am brot the soup - anns a’ bhrot in the soup; an gille the boy - aig a’ ghille at the boy. Feminine nouns change too, but as they already have a’ as their article, they need something else, so an i is inserted near the end: a’ chailleach the old woman - leis a’ chaillich with the old woman. This pattern works with words beginning with b, c, g, m, p. Words beginning with other letters work as follows:

an taigh (m.) aig an taigh

an duilleag (f.) air an duilleig

an samhradh (m.) anns an t-samhradh

an t-sròn (f.) air an t-sròin

an t-eilean (m.) anns an eilean

an uair (f.) air an uair

am flùr (m.) anns an fhlùr

an fhìdeag (f.) air an fhìdeig

• Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www. smo.uhi.ac.uk

PLACE NAME OF THE WEEK

Killiecrankie - Coille Chnagaidh or Coille Chreathnaich

The Battle of Killiecrankie took place this week in 1689. The name appears to have two distinct forms: Coille Chnagaidh (from which the English form appears to derive) and Coille Chreathnaich. The reason for this difference is not clear. The initial element coille means ‘a wood’, although in general Kill- in place-names denotes cille ‘church’, from Latin cella ‘(monk’s) cell’. Cnagadh is of uncertain meaning, possibly ‘knocking’; creathnach means ‘aspen’.

In Gaelic the battle itself is generally referred to as Raon Ruairidh ‘Rory’s field’, denoting the actual location of the fighting. The name of battles between Highlanders and the English are often quite unrelated in Gaelic and English, due to separate historical traditions.

• For more information on this name visit Ainmean-Àite na h-Alba at www.ainmean-aite.org