A' comharrachadh bochdainn is easbhaidh ann an sgìrean dùthchail

Thàinig na figearan as ùire a-mach o chionn ghoirid bho Chlàr Iom-easbhaidh na h-Alba (Scottish Index of Multiple Deprivation, no SIMD), agus b' ann ann am bailtean-mòra agus bailtean na h-Alba a bu mhotha a chaidh easbhaidh is bochdainn a chomharrachadh. Ach a bheil na modhan sgrùdaidh airson a' Chlàir a' ciallachadh nach eilear a' tomhas cuid de na rudan a bhios ag adhbharachadh easbhaidh ann an sgìrean dùthchail?
Stafainn ann an Ear-thuath an Eilein Sgitheanaich, aon de na sgirean duthchail air a Ghaidhealtachd a tha fulang le droch easbhaidh.Stafainn ann an Ear-thuath an Eilein Sgitheanaich, aon de na sgirean duthchail air a Ghaidhealtachd a tha fulang le droch easbhaidh.
Stafainn ann an Ear-thuath an Eilein Sgitheanaich, aon de na sgirean duthchail air a Ghaidhealtachd a tha fulang le droch easbhaidh.

Le bhith coimhead air a’ Chlàr, shaoileadh tu nach robh bochdainn agus easbhaidh a’ toirt cus droch bhuaidh air sgìrean dùthchail na Gàidhealtachd. A bharrachd air pàirt de dh’ear-thuath an Eilein Sgitheanaich agus ceàrnaidh bhig no dhà de Ghallaibh, chan eil mòran sam bith de na sgìrean dùthchail a tuath air an comharrachadh le dearg (a’ fulang le droch easbhaidh) a rèir SIMD.

Agus tha SIMD cudromach mar shlait-tomhais, oir a rèir làraich-lìn Riaghaltas na h-Alba, “Tha e a’ leigeil le daoine sgrùdadh èifeachdach a dhèanamh air cùisean nuair a thathar a’ dealbh phoileasaidhean agus a’ cosg maoineachadh, far a bheil e na amas dhaibh taic a thoirt do sgìrean agus cuid mhath den t-sluagh a’ fulang le iomadh easbhaidh.”

Hide Ad
Hide Ad

A rèir an Dr Philomena de Lima, an Stiùiriche aig Ionad Eòlas nan Sgìrean Iomallach is Dùthchail aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, chan eil SIMD na ghoireas ro mhath airson easbhaidh is bochdainn a thomhas ann an sgìrean dùthchail, agus tha daoine air a bhith mothachail air sin airson bhliadhnaichean.

Thuirt i, “Tha SIMD a’ tomhas cho pailt ’s a tha easbhaidh ann an sgìrean a rèir àireamhan de dhaoine, agus mar as trice chan fhaighear na h-àireamhan sin ann an sgìrean dùthchail. Ach tha e an crochadh air ciamar a tha thu a’ tomhas easbhaidh is bochdainn; chan eil slatan-tomhais coitcheann ann gus sin a dhèanamh anns gach sgìre agus gus ar cuideachadh leis gach seòrsa poileasaidh.”

Tha trioblaidean ann cuideachd leis a’ chuideam a bhios SIMD a’ cur air gach slait-tomhais - tha tòrr a bharrachd cuideim ga chur air teachd-a-steach na thathar a’ cur air cothrom air seirbheisean is goireasan. Ach ann an sgìrean dùthchail gu math tric bidh duilgheadasan mòra aig daoine cothrom fhaighinn air seirbheisean, còmhdhail is eile; agus ged a bhios SIMD a’ comharrachadh nan daoine a tha feumach air cuid a shochairean stàite, cha bhi e a’ gabhail ealla ris na bhios nithean is seirbheisean a’ cosg, agus glè thric bidh seirbheisean is stuthan nas cosgaile ann an sgìrean dùthchail. Mar sin, dh’fhaodadh tu a ràdh gum bi neach air an dùthaich aig a bheil cosnadh beag a’ fulang barrachd easbhaidh na bhios neach sa bhaile-mhòr ri linn chosgaisean nas àirde.

Thuirt an Dr de Lima gur e dòigh eile a th’ ann coimhead air easbhaidh ann an sgìrean dùthchail, sgrùdadh a dhèanamh air cia mheud duine a bhios a’ faighinn cosnadh ìosal. Bha an t-Ionad an sàs na leithid de sgrùdadh. Thuirt i gun robh dòighean eile ann gus bochdainn ann an sgìrean dùthchail a thomhas a bha ’s dòcha na b’ fheàrr. Dh’ainmich i A’ Mapadh Soirbheas Sòisealta is Eaconamach ann an Sgìrean Dùthchail (SEP) mar dhòigh eile air coimhead air easbhaidh ann an sgìrean dùthchail.

Mhìnich i, “Tha iad a’ lorg dàta air sgìrean a bhios iad a’ meas mar sgìrean a tha air stèidh chugallaich a thaobh chùisean eaconamach is sòisealta, agus bha iad a’ coimhead air sgìrean dùthchail is bailtean beaga.”

A rèir Comhairle do Phoball Alba, tha e follaiseach gum bi daoine air an dùthaich a’ fulang easbhaidh ri linn chosgaisean nas àirde. Thuirt iad, “Tha fianais againn a tha sealltainn gu bheil grunn nithean nan cnap-starra agus nan trioblaid do dhaoine a tha fuireach ann an sgìrean dùthchail. Nam measg tha droch sheirbheisean còmhdhail phoblaich, prìsean àrda airson connaidh, cion taigheadais, prìsean àrda airson thaighean, prìsean àrda airson cumhachd, bancaichean a’ dùnadh, agus trioblaidean le bhith faighinn cothrom air an Eadar-lìon, bùithtean agus air seirbheisean lìbhrigidh. Tha prìsean nas àirde air a bhith ann o chionn fhada airson grunn rudan ann an sgìrean dùthchail - bho bhiadh gu peatrail gu na tha e a’ cosg gus taigh a theasachadh.”

Gus dèiligeadh ri easbhaidh is bochdainn den t-seòrsa seo tha feum air sgrùdaidhean a choimheadas gu sònraichte air cùisean dùthchail agus, a rèir an Dr de Lima, tha cuid a dh’ùghdarrasan ionadail air tòiseachadh air sin. Tha i ag ràdh cuideachd gum bi na h-ùghdarrasan agus Com-pàirteachasan Planaidh Coimhearsnachd agus buidhnean eile a’ sìor atharrachadh nan dòighean obrach aca gus dèiligeadh ri easbhaidh is bochdainn, agus iad a’ feuchainn ri stad a chur air na nithean a dh’adhbhraicheas bochdainn mus tachair i.

Gus dèiligeadh ri easbhaidh is bochdainn, feumaidh fios a bhith againn air cò tha gam fulang agus càit a bheil iad. Tha coltas ann gu bheil barrachd fiosrachaidh a dhìth oirnn fhathast gus a’ cheist sin a fhreagairt.

Hide Ad
Hide Ad

Tha an t-artaigil seo ga fhoillseachadh ann an co-bhuinn ris a’ Chomann Rìoghail Cheilteach.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 21 SAMHAIN 1936

An Tiomnadh Nuadh

Tha an t-Ollamh Frank Knight a’ dol a bhi cho math ri fhacal a thaobh clò-bhualadh an Tiomnaidh Nuaidh an Gàidhlig ’s am Beurla. Tha specimen page air a chur am mach, agus tha e dealbhail, coltach gu leòir.

Tha an dà chànain air an aon duilleig, taobh ri taobh, agus tha an litir soilleir, inich agus de dheagh mheudachd. Chan eil teagamh nach bi an leabhar feumail an iomadh rathad, agus tha e duilich a thuigsinn c’ar son nach robh a shamhuil an làimh gach neach o cheann iomadh latha. Bha oidhirp de’n t-seòrs air a toirt aig aon àm; ach, ged a chaidh na Sailm agus na Laoidhean a chur am mach, cha robh, a réir coltais, móran miadh orra ’sa chruth so, agus chaidh an leabhar a leigeadh á clò. Tha mearachdan a chlò-bhualaidh anabarrach ainneamh anns an fhear a tha tighinn an ceartair f’ar comhair, agus air a shon sin tha mòran de’n bhuidheachas ri toirt do’n deagh sgoilear, an t-Ollamh MacLeoid, an Inbhir-nis. Tha mi toirt fainear gu’n do roghnaich e “cha-n ’eil” ann a bhi litreachadh facal cho cumanta ’s a th’ againn, agus tha sin a’ toirt gu cuimhne gur e “cha-n eil” a bha an t-Ollamh Mac a’ Chléirich daonnan a’ cleachdadh. Theagamh gur e “chan eil” is trice a chithear an diugh, agus is facal e mu’m bheil iomadh caochladh beachd.

Cha chòir an leabhar so fhàgail gun cheannach, agus chan eil a phrìs ro mhòr. Gheibhear e bho 3s 6d gu 15s, agus tha na Sailm ’s na Laoidhean ann mar an còrr.

Aonghas MacEanraig

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Children’s books in Gaelic - 3

Our excerpt this week is a retelling, rather than a translation, of a modern children’s tale. Whilst the previous examples kept closely to the originals, this one tells the same story, but changes details to more closely align with a Gaelic context.

Seo agaibh sgeulachd mu fhaochag bheag bhiorach

Is muc-mhara mhòr cho cruinn ri Beinn Nibheis.

Sin creag nam bàirneach a-staigh anns a’ phort,

Agus seall air an fhaochaig – chan eil i na tosd.

Ach suas agus sìos le iargain na sùil

A’ coimhead na mara ’s nam bàtaichean-smùid.

(Here’s a story about a small pointed whelk/And a large whale as round as Ben Nevis./That’s the barnacle cliff in the port/And look at the whelk – she isn’t still./But up and down with sadness in her eye/Looking at the sea and the steam-boats.) (Julia Donaldson, An Fhaochag agus a’ Mhuc-mhara, retold in Gaelic by Tormod Caimbeul.)

cho cruinn ri Beinn Nibheis – “cho … ri” is the standard formula for similes in Gaelic (cf. cho toilichte ri luch ann an lofa ‘as happy as a mouse in a loaf’). Reference to Ben Nevis gives the tale a Gaelic background and helps a child reader place the tale within their own culture.

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning.