Tòmas M MacCalmain: toil dhaoine, stoidhle shnasail

BIDH cuimhne aig cuid de luchd-leughaidh air an Urr. Tómas MacCalmain á Caol Reithe san Eilean Sgitheanach (1907–84), an Gaidheal mu dheireadh bha 'na mhodaràtar air Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba. Bha e iomadh bliadhna 'na mhinistear aig Eaglais Chaluim Chille / Rathad Chopland ann am Baile Ghobhainn an Glaschu.

Iadsan nach robh elach air gu pearsanta neo mar shearmonaiche, bidh cuimhn' ac' air a' cholbh a bha e sgrobhadh gach seachdain ann an Gaset Sternabhaigh fon ainm-pinn "Dmhnall Donn", neo air a ghuth a chluinntinn tric air ridio. Bha e cuideachd 'na dheasaiche air na Duilleagan Gidhlig aig Life & Work, iris na h-eaglaise, bho 1951 gu 1980, eadar Dmhnall MacLaomainn agus Ruairidh MacLeid.

Ann an Os Cionn Gleadhraich nan Sridean: Taghadh de Sgrobhaidhean Gidhlig Thmais MhicCalmain (Comann nan Teacs Gidhlig, 25) tha deasaiche an leabhair, Dmhnall Meek, a' cumail a-mach gun do sgrobh MacCalmain "barrachd rosg Gidhlig na sgrobh neach eile riamh". Dh'fhaodadh seo a bhith for, oir chaidh an ris shaoghalta aig an Urr. Iain MacRiridh (a dh'fhoillsich na h-uiread eadar irisean agus leabhraichean 's a bha 'na dheasaiche air na Duilleagan Gidhlig ro MhacLaomainn) a ghearradh dheth aig aois 64.

Hide Ad

Ao-coltach ri MacRiridh 's MacLaomainn, cha do sgrobh MacCalmain ficsean. A thaobh ealain na h-aiste, ge-t, bha barrachd ri MacCalmain na gheibhear san leabhar seo. Ann an "Cmhradh Cagailte le Dmhnall Donn" bhiodh an sgrobhadh aige a' faighinn sgiathan 's a' falbh air iteig – ach tha "Cmhradh Cagailte" air a dhnadh a-mach Os Cionn Gleadhraich nan Sridean!

Tha Meek a' liostadh nan tobraichean s an d'fhuair e na tha e a' foillseachadh (sgriobtaichean BBC, na Duilleagan Gidhlig, Gairm) 's ag rdh: "Shaoil mi gum fghnadh na thigeadh s na tobraichean seo shuas mar chiad cheum ann a bhith a' toirt aithne is ceartas don sgrobhaiche... Mar sin, faodaidh cuideigin eile an drna, is an treas, leabhar a chruthachadh s na h-aistidhean ann an Gaseat Sternabhaigh."

Tha e ceart ann an digh. Ann an sil m' inntinn tha mi faicinn taghadh de na h-aistean as fherr aig gaisgich Ghidhlig a' Ghaset, "Alasdair Mr" (Iain N MacLeid), "Dmhnall Donn" fhin agus "Ruairidh Eile" (Ruairidh MacDhmhnaill). Gur e sgrobhadair math a bh' ann am MacCalmain cha rachadh duine s icheadh. Dreach d cho math, an coimeas ris na gaisgich eile, tha e doirbh a rdh fhathast. Ach a' toirt breith air na th' ann an Os Cionn Gleadhraich nan Sridean, chanainn gun robh d neart aige: stoidhle shnasail agus toil dhaoine.

A thaobh stoidhle, chan isnicheadh MacCalmain d fhacal far am fghnadh aonan. Air Seumas Grannd (1847–1918): "Chan aithne dhomh gun robh tinneas air riamh. Chaidh e mu thmh aon oidhche, sln fallain, agus am feadh is a bha e na chadal thinig a' ghairm nach gabh diltadh." Agus air Brd Leasachaidh na Gaidhealtachd (1971): "Cho fad 's as aithne dhmhsa, chan eil gin de bhuill a' Bhird comasach air a' Ghidhlig a labhairt. 'S dcha nach e coire sin, ach is easbhaidh e."

Ghabhadh an aon phuing a chur air digh eile. (Tha Meek a' togail seo sa chunntas bharraichte aige, ann an Gidhlig, air beatha 's obair an ghdair.) Tha MacCalmain ag rdh mu Eachann MacDhghaill (1880–1954): "Aig amannan theireadh tu gun robh am modh-sgrobhaidh aige car slaodach, agus a inntinn mar ch a' ruith choinein a-null 's a-nall an rathad-mr agus a-mach 's a-staigh mu na dgean." Nise, leugh mi fhn iomadh rud a sgrobh MacDhghaill 's cha do mhothaich mi dha na rabaidean ud. Feumaidh gum bi mi fhn "a' ruith choinein" cuideachd. Eil am beachd seo ag innse tuilleadh dhuinn mu MhacCalmain na mu MhacDhghaill?

A thaobh toil dhaoine, saoilidh mise gur e "Clach air a Chrn", seachd aistean air daoine fa leth, an earrann as fherr san leabhar. Tha an t-srth anns an robh MacCalmain an ss fad a bheatha son ceartas do mhuinntir chumanta na Gaidhealtachd air cl dusan aiste eile, cruinnichte mar "Leasachadh na Gidhealtachd" agus "Cor na Croitearachd". A-rithist, tha ceithir den dusan aiste sna h-earrannan "Eachdraidh na h-Eaglais" agus "Beatha agus Obair na h-Eaglais" mu dhaoine snraichte. 'S tha t'ile, "L na Ceist an Sternabhagh", air leth luachmhor mar chunntas air cleachdadh a chuir cudrom air elas pearsanta an fhir-chomanachaidh.

Hide Ad

Tric san leabhar tha sinn a' tighinn tarsainn air beachd a tha acraichte ann an m, leithid: "Chan iarrainn an latha fhaicinn anns am biodh na taighean-cilidh ln agus na taighean-adhraidh falamh." Tha seo a' call a bhrgh mur eil fhios agad cuin a chaidh a sgrobhadh. Gu seo fhaotainn a-mach tha agad ri dhol gu taobhan-duilleig 427 agus 428 (nach m tha toilichte gun do lorg mi iad) far a bheil am fios a dh'fheumas tu falaichte fon cheann "Notaichean". (Se an fhreagairt "1946" agus their thu "Ahhhhh...") Car son fon ghrin nach do chuir Dmhnall am fios seo aig toiseach no deireadh gach aiste? Tha e tionndadh a-mach gun deach na h-aistean air fad a sgrobhadh eadar 1941 agus 1971.

Mu dheireadh, co s a fhuair Dmhnall tiotal an leabhair? Fhuair aiste ghrinn mu Dhmhnall MacColla (1846–1930) aig a' Mhisean Ghaidhealach, a bhiodh a' cumail choinneamhan sride ann an Glaschu. "Seachdain s didh seachdain, bliadhna s didh bliadhna, bhiodh MacColla fhin an siud, a ghuth cruaidh sgairteil a' glaodhaich os cionn gleadhraich nan sridean agus fuaim nan craichean, a' cur impidh air a luchd-isdeachd gabhail ris an t-Slnaighear agus tionndadh gu slighe na slinte... Bha guth lidir cruaidh aige a chluinnte os cionn gleadhraich na sride, guth mar thrompaid. Bha aoigh an aoibhneis a' derrsadh na ghnis. Chan e searmonaiche mr a bh' ann, ach bha e gl fhiosrach anns na Sgriobtairean."

Guth MhicColla agus guth MhicCalmain. D ghuth mhr. Leabhar sgoinneil.