Tha Schettino airidh air cothrom na Fèinne

Còrr agus cola-deug bho chaidh an loidhnear mhòr bhrèagha an Costa Concordia air na creagan faisg air eilean Giglio far costa na h-Eadailt, agus tha doineann de cheistean is fathannan fhathast a’ cuairteachadh na thachair sna h-uisgeachan sèimh far Tuscany.

Tha a’ mhòrchuid fhathast a’ coireachadh caiptean a’ bhàta, Francesco Schettino, air son na thachair, ’s nas miosa buileach le na daoine sin, tha e coltach gun do dh’fhàg e am bàta nuair bha pasaidearan agus criutha fhathast air bòrd.

Ach tha ceistean air èirigh a-nis mun chompanaidh fhèin, Costa Cruises. Dè cho math ’s a bha an trèanadh a fhuair an criutha? Dè cho math agus freagarrach ’s a bha na bàtaichean-teasairginn? Dè cho math ’s a bha sàbhailteachd na loidhneir, agus bàtaichean eile dhe a leithid? Agus tha ceistean ann mun t-seòrsa loidhnearan mòra seo san fharsaingeachd air am bi còrr agus 4,000 duine eadar pasaidearan ’s criutha air bòrd nuair a tha iad aig muir.

Hide Ad

A rèir aon duine ris an do bhruidhinn mi, a b’ àbhaist a bhith ’na chaiptean air bhàtaichean turais, tha e fada ro thràth a bhith a’ coireachadh duine sam bith gus am bi rannsachadh ceart ann. Cha robh e smaoineachadh gun robh e ceart a bhith coireachadh duine sam bith gus am bi fios ceart againn dè thachair.

Bha Ruaraidh Moireasdan ás na Hearadh – a bha aig muir faisg air 50 bliadhna agus ’na sgiobair air aiseagan ChalMac air son nan 15 bliadhna mu dheireadh gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006 – dhen aon bheachd. Thuirt e: “Tha e doirbh a dhèanamh a-mach ciamar a thachair e. Nam biodh e air tachairt fichead bliadhna air ais, cha robh na h-innealan agad na th’ agad an-diugh, ’s dòcha gum biodh e nas fhasa a thuigsinn.

“An-diugh cha leig thu a leas ach coimhead orra agus tha fhios agad exactly far a bheil am bàta. Mura deach rudeigin ceàrr air an auto-pilot tha e doirbh a thuigsinn dè chaidh ceàrr.

“Nuair a chunna mi ’n dealbh air an telebhisean agus an t-eilean far an deach am bàta fodha, tha mi a’ smaoineachadh gun robh an duine a’ feuchainn ris a’ bhàta fhaighinn chun a’ bhàgh a bha sin, chun a’ phort bheag a bha sin gus am biodh i air tìr agus bhiodh e nas fhasa dha na daoine fhaighinn aiste.”

Bha e a’ faireachdainn gun robh daoine ro dheiseil an caiptean a choireachadh, agus gun fhios againn fhathast dè buileach a thachair. Ach ma bha e fìor gun do dh’fhàg an caiptean am bàta mus robh a h-uile duine air faighinn aiste, cha robh e a’ smaoineachadh gun robh sin math idir.

Lean e air: “Bha iad ’s dòcha ro fhadalach air son ‘Abandon ship!’ a ràdh, tha mi a’ smaoineachadh, ma tha e fìor an rud a tha iad ag ràdh, ach chan eil e math a bhith cur sìos air daoine gun fhios agad dè thachair.

Hide Ad

“Tha cuimhne a’m a bhith air tancair a’ dol a-staigh a Rotterdam. Bha dà phaidhleat san eathar bheag a’ tighinn a-nall. Co-dhiù thàinig aon phaidhleat air bòrd agus cha robh e ach tighinn air bòrd nuair a thòisich na bells a’ falbh, bha an engine room ’na theine. Stad mi na h-engines agus fhuair sinn an criutha a-mach ás an engine room, ach cha robh e farasta. Air son treiseag cha robh fhios againn dè bhiodh againn ri dhèanamh, ach as dèidh treis chaidh an teine ás agus fhuair sinn na h-engines gu dol. Chan e rud farasta a th’ ann, ach nuair a tha passengers air bòrd feumaidh tu smaoineachadh orra agus ‘Abandon ship!’ a ràdh.”

Tha an t-aonadh mharaichean Nautilus cuideachd den bheachd gu bheil e ro thràth a bhith coireachadh aon duine, no duine sam bith anns a’ chriutha. Thuirt an Rùnaire Coitcheann aca, Mark Dickinson, “Tha e uabhasach duilich gu bheil daoine a’ coireachadh a’ chaiptein mus fhaigh sinn fios agus fianais bho rannsachaidhean mara ’s eucoir.

Hide Ad

“Tha ceud bliadhna ann bho chaidh an Titanic fodha, agus tha cunnart ann le bhith a’ coireachadh aon neach nach coimhead sinn air na leasanan cudromach a thaobh sàbhailteachd a dh’fhaodamaid ionnsachadh an seo. Cuideachd, bu chòir daoine cothrom na Fèinne fhaighinn sa chùirt.”

Tha Nautilus air a bhith togail cheistean air son grunn bhliadhnaichean mu loidhnearan mòra ’s mar a tha iad air an dealbh, air an togail ’s air an obrachadh. Tha meud feadhainn dhiubh air dùblachadh thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh. Tha ’n t-aonadh cuideachd ag iarraidh coimhead air an teicneòlas a thathar a’ cleachdadh gus daoine fhaighinn far loidhnearan ann an èiginn, o’n tha daoine ag aideachadh nach eil na bàtaichean-teasairginn a th’ ann mar-thà cho math ’s a dh’fhaodadh iad a bhith.

Aon rud a tha cinnteach, gun d’fhuaras 16 corp gu ruige seo, agus mu 20 duine eile fhathast a dhìth. Ach gus an tig an rannsachadh, chan eil anns a’ chòrr a rèir cuid ach cop air uachdar na mara. Agus gus an tig an rannsachadh bidh sinn fhathast a’ sireadh fhreagairtean ri ceistean mar: an robh duilgheadas eiligtronaigeach ann mus do bhuail am bàta na sgeirean? Cò bha air an drochaid aig an àm? An robh sgiobairean Costa Cruises air am piobrachadh gu bhith a’ seòladh faisg air eileanan gus luchd-turais a thoileachadh? An robh fios aig an sgiobair gun robh an leithid a sgeirean ann?

Agus gu leòr eile.