Taigh-staile gu bhith anns na Hearadh, le obair air son fichead ’na lùib

Tha ìomhaigh agus cliù aig a’ chlò Hearach air feadh an t-saoghail. Tha na Hearaich a-nis an dòchas gum bi an sluagh a cheart cho dèidheil air uisge beatha na Hearadh.

Tha fios air nochdadh gun tàinig suim airgid luach £1.9 mill­ean bhon riaghaltas ann an Dùn Èideann gus taigh-staile a stèidheachadh air raon ri taobh a’ bhàigh air an Tairbeart. Chaidh planaichean leasachaidh fhoillseachadh aig coinneamh ann an Taigh Òsta na Hearadh agus tha dòchas ann gun tig còrr agus fich­ead cosnadh ás an obair. Tha fìor fheum air a leithid. Thuirt Calum MacAoidh, a tha a’ teagasg ann an Sgoil an Tairbeirt, “Tha mise faicinn àireamh nan sgoil­earan a’ tuiteam gach bliadhna agus tha mi ’n dòchas gun tig daoine le teaghlaichean a shir­eadh obrach.”

Uile gu lèir cosgaidh am pròis­eact £10 millean, ach thatar an dùil gun toir an cuideachadh a thàinig bhon Riaghaltas spionn­adh do luchd-seilbh airgead a chur ’na lùib. Tha mòran air cur ris mar-thà, agus thuirt Simon Erianger, stiùiriche na compan­aidh, gu bheil e cinnteach gun tig an t-ionmhas a-steach. Am measg nam buannachdan a thig, bidh cothrom aig croitearan anns na h-eileanan sìol eòrna a reic ris an taigh staile.

Hide Ad

Bidh na Hearadh a’ cumail ceann a’ mhaide ri eileanan eile, oir tha taighean staile anns an Eilean Sgitheanach, Ìle, Diùra, Muile, Arainn, Arcaibh agus, bho chionn dà bhliadhna air ais, ann an Leòdhas.

Thuirt Richard Lochhead, Ministear an Leasachaidh Dhùthchail, “Tha mi glè chinnteach nach fhada gus am bi an t-uisge beatha a cheart cho iomraiteach ris a’ chlò.”