Thuirt am ministear, “Cruthaichidh an làrach, dlùth do bhailtean mar Hamalton agus Tobar na Màthar, air talamh aig Kype Moss, 104 megawatts de chumhachd, agus thig ionmhas ás a nì mòr fheum dhan sgìr.
“Gheibh mu lethcheud neach obair an lùib an togail agus grunn eile fhad ’s a bhios e ag obair. Cuiridh e stad air na mìltean de thunnaichean de CO2 a bhith a’ dol dhan iarmailt.”
Advertisement
Hide AdThuige seo tha connspaid gu tric eadar diofar bhuidhnean mus tèid tuathanas gaoithe a thogail. Bidh feadhainn a’ cumail a-mach gun dean e cron air an àrainneachd, air eunlaith, air seallaidhean agus air bòidhchead na sgìre. An còmhnaidh se oifigearan bho SNH (Dualchas Nàdair na h-Alba) agus bho RSPB (Comann Rìoghail Dìon nan Eun) as àirde a thogas an guth. A-nis tha aithisg bho SNH a’ toirt comhairle air far an còir tuathanasan a stèidheachadh. An àite a bhith an ugannan a-chèile tha e coimhead coltach gu bheil iad a’ dol a cho-obrachadh. Is math sin.
Tha Brendan Turvey, a tha air fhastadh aig SNH, son comhairle a thoirt seachad ag ràdh, “Tha e cudromach gum bi tuathanas gaoithe ann an àite freagarrach ’s air a dhealbhadh ann an dòigh a tha cothromach agus nach dean ach cho beag dragh ’s a ghabhas.”
Aontaichidh gach neach agus na h-eòin fhèin ris a-sin.