Sgeulachdan mu dhà shaoghal nach eil a’ coinneachadh ri chéile

Fhuair Niall M Brownlie gibht an sgeulaiche bho mhàthair an Tiriodh. Mar sin, cha bu chòir do dhuine sam bith a cheannaicheas na sgeulachdan goirid aige, Càth anns a’ Ghaoith (Clàr, £8.99), a bhith an dùil gu bheil e a’ leasachadh dìleab Iain Mhic a’ Ghobh­ainn dhan 21mh linn. Tro na bliadh­nachan dh’fheuch e a làmh air diofar ghnèithean sgrìobh­aidh agus thug e a-mach diofar sheòrsachan airt­ig­ealan ’s leabh­raichean – cunn­taisean air eilean a bhreith ’s àraich, dualchas, each­draidh, bàrdachd, òrain, agus, seadh, corra sgeulachd ghoirid.

Mar sin, chan eil an dusan sgeulachd san leabhar seo cunbhalach math ann an dòigh sam bith ach gu bheil iad sgrìobhte ann am brod na Gàidhlig. Se ‘An Fhìdeag’ an té as fheàrr. Tha e a’ meas­gachadh saighdearachd agus saidh­ceòlas, agus saoilidh mi gum biodh Rudyard Kipling neo Iain Mac a’ Ghobhainn moiteil nan robh gin seach gin aca air a sgrìobhadh.

Chuirinn mo chorr­ag cuid­eachd air ‘Eòghann Bac­ach’: ma tha oileanach ann an àiteigin a’ sgrìobhadh tràchdas air ciorr­amachd ann an litreachas na Gàidhlig, cha bu mhisd’ e tòis­eachadh an-seo. Tha an saoghal air fhaicinn tro shùilean Eògh­ainn, agus Eòghann air fhaicinn tro shùilean an t-saoghail.

Hide Ad

Tha am pailteas de rudan math eil’ ann, ach ged a tha iad ’nan sgeulachdan ’s iad goirid, tha móran dhiubh nas coltaiche ri deuchainnean nobhailean na ri fìor sgeulachdan-goirid. Tha ‘Am Misean’ ag atharrais air James Bond, ged as e Eanraig MacNèill a th’ air a’ bheachdair seo. Tha an sgeul loma-làn chàr­aichean luatha, ghunnaichean agus heilicoptairean, ’s tha las aig ar laochan, Aislinn, a tha gu math làmhach i fhéin air Smith & Weston. Ach tha an ho-ro-gheallaidh a’ grad thighinn gu stad am meadhan chùisean! Gu pearsanta, cha b’e ruith ach leum dhòmhsa nam faighinn air an còrr a leughadh.

Tha ‘Colette DuPont’ diof­raich­te a-rithist. Tha e mun Rés­istance san dara cogadh. Tha aige sgrìobhadh math siùbhlach, tòrr a’ tachairt daonnan, agus, gu cudromach, plota deagh-struc­tar­aichte – rud eile a tha dearbhadh gum faodadh Brownlie a bhith air nobhail a sgrìobhadh nan togradh e.

Tha an aon recipe – fear, boir­eannach, àite cunnartach, gunna – a’ nochdadh ann an dà sgeul­achd eile, ‘Catrìona’ (suidhichte ann an Ethiopia) agus ‘Alasdair’ (suidhichte am Beirut). Shaoil mi an toiseach gun robh ‘Niamh’ a’ dol a bhith ’na stòiridh mhath lorg-phoilis, ach chaill e shlighe.

Ann an ‘Alasdair’ tha an t-ùghdar ag ràdh: “Fad fionn foineach an latha, bha na sligean spreadhach a’ frasadh a-nuas às na speur­an.” Tha Càth anns a’ Ghaoith a’ toirt thugainn dà shaoghal nach eil buileach a’ coinneachadh ri chéile, a chionns gu bheil, is dòcha, rudan co-cheangailte ri drùisealachd agus brùidealachd nach fhaodar an ainmeachadh, agus a chionns nach eil teagamh air a chur, fiùs le Eanraig MacNèill, ann an creideamh no ann an naomhachd a’ phòsaidh.