Seann teampall Chàirinis gu bhith air a chàradh

THA muinntir Uibhist air buidheann a chur air bhonn a tha an dùil airgead a thionail gus leasachadh a dheanamh air seann làrach Teampall na Trìonaid an Uibhist a-Tuath. Tha e air talamh àrd, dìreach mu choinneamh na h-Oitir Mhòir ann an Càirinis.

Tha e coltach gun robh eaglais, steidhichte le Beathag nighean Shomhairle Mhir Mhic Ghille Bhrde, san ite bhon 13mh linn. Anns a' 15mh linn rinn Aimi NicRuairidh leasachadh oirre. Bha i psta aig Iain, Tighearna nan Eilean, ach thinig sgaradh eatarra. Thionndaidh esan gu Mairead Stibhart, nighean an dara Righ Raibeirt, agus ise gu cradh a dheanamh air togalaichean. Thuirt Uilleam MacDhmhnaill, ceann suidhe Comann Gleidhteachais Teampall na Tronaid, "Tha 'n togalach seo prseil 's tha ite snraichte aice ann an eachdraidh ar n-eilein. Tha e mar dhleastanas oirnn coimhead as a didh."

Bha an teampall iomraiteach mar cholaiste far am biodh na mic aig cinn-feadhna a' tighinn airson oideachadh. B'e John Duns Scotus aon de na sgoilearan a chuir seachad ine ann. Bha mran chuspairean air an teagasg ann, leithid obair ghris, obair leathrach agus cel.

Hide Ad

Tha am BPA Alasdair Allan air tagradh a chur mu choinneamh Parlamaid na h-Alba. Tha e ag rdh, "Tha muinntir Uibhist a-Tuath ri'm moladh air son gu bheil iad a' str air son aitreabh a tha air leth a ghleidheadh."

Bha sluagh a' tighinn sgrean air feadh nan eilean a dh'adhradh san Teampall, ach an didh an Ath-Leasachaidh chuireadh s do lmh-sgrobhaidhean prseil 's do ghnothaichean luachmhor agus bha an ireamh a bha ga thathaich a' sor chronadh. Chaidh an t-adhradh mu dheireadh a chumail ann ann an 1728.