Seann bhreugan, breugan ùra

Seachdain eile ann am poileat­aigs a bha sònraichte air son breugan, a’ gabhail a-staigh rudan nach robh idir fìor cho math ri briathran nach robh fìor ach ann an seagh suarach.

Seachdain eile ann am poileat­aigs a bha sònraichte air son breugan, a’ gabhail a-staigh rudan nach robh idir fìor cho math ri briathran nach robh fìor ach ann an seagh suarach.

Thuirt breitheamhan gu bheil cùis aig Alistair Carmichael ri fhreagairt, a dh’aindeoin ’s gun robh móran de luchd an Aonaidh leis an Làbarach mhór Brian Wilson a thuirt roimhe nach robh MacGilleMhìcheil ach caran “cearbach”.

Hide Ad

Saoil an robh Jeremy Corbyn cearbach no ciontach nuair a thuirt e air prógram Andrew Marr Di-Dòmhnaich sa chaidh gur e an SNP a chuir na rathaid­ean iarainn ann an làmhan prìobh­aideach? Nach eil fios aig a h-uile gur e Westminster fo na Tóraidh­ean a rinn sin ann an 1993? Chualas catalog de chasaid­ean eile an aghaidh an SNP aig a’ Cho-Labhairt Làb­araich anns nach robh gliong na fìrinne.

Dh’fhaighnich Lesley Rid­doch san Albannach agus Gavin Newlands san National – an e sin blasad den “phoileataigs ùr” a gheall Corbyn don mhórchuid de Làbaraich a bhòt air a shon?

Bha againn ri dhol, mar as àbhaist, gu Wings Over Scotland air son mìneachadh mionaideach air briathran Chorbyn, – ged as ann le fear Stuart Caimbeul a tha an làrach, duine a tha ro dheònach ionnsaighean mì-reus­anta nimheil a dhèanamh air a’ Ghàidhlig fhad ’s a tha e a’ rùraich na fìrinne air cuspair­ean eile.

Ach chuala sinn a’ bhreug bu mhotha Di-Haoine a dh’ain­deoin ’s gun do thachair tachartas uabhasach eile air campus Ameireaganach. “Cha mharbh gunnaichean daoine – marbh­aidh daoine daoine”.

Tha sin fìor gu leòr, ach se breug a th’ ann.