’S e an rud as cudromaiche Westminster atharrachadh

LEIS na th’ ann de stairirich mu bhuaidh PhNA anns an taghadh choitcheann, shaoileadh tu gun robh tionndadh mòr air poilitigs Bhreatainn. Cha chuirinn a’ choire ort nan saoileadh, ach ma gheibh thu os cionn nan striutan de ghairm mun “chaochladh mhòr” a th’ air tighinn air Alba, chì thu nach eil ann ach tuar buidhe ùr air ceàrn beag de phàrlamaid Westminster.
Cur suidheachain: an Camshronach agus na 56 buill Albannach. Picture: GettyCur suidheachain: an Camshronach agus na 56 buill Albannach. Picture: Getty
Cur suidheachain: an Camshronach agus na 56 buill Albannach. Picture: Getty

Tha Alba ’na roinn rianachail dhen Rìoghachd Aonaichte fhathast, agus tha mòr-chuid de Thòraidh­ean Sasannach ann an Westminster a-rithist. Plus ça change.

Nam biodh pàrlamaid chroch­te agus 56 buill PNA ann, “bheireadh iad air Westminster danns­adh ri port Albannach” mar a bh’ aig Salmond gu làdarna, ach chan eil, agus bheir Westminster bliadhnaichean Thatcher ’s Major a-steach air Alba a-rithist (mur bheil cuimhn’ aice orra fhathast), a’ dearbhadh air ar bus “gur iom­adh port a sheinnear nach dann­sadh” nuair a thig e gu freagairt­ean Westminster ri iarrtasan Alb­annach, ’s gu 532 buill Shasannach ri 59 buill Albannach an Taigh nan Cumantan.

Hide Ad

Tha e coltach a-rèiste gur ann a bhios an ailbhe ghorm ro mhòran den t-sluagh a tha bochd mar-thà. Gad nas teinne air an sporan phoblach – “meas­ar­rachd is caomhantachd” a their iad ris – agus caoban mòra far sochairean an lùib an £12 billean de ghearraidhean eile ri thigh­inn. Sin sibh fhèin a dhaoin’ ’s mhnathan uaisle, a’ toirt pronn­adh don t-sluagh as dochairiche, biodh iad an Sasainn, Alba, sa Chuimrigh no an Èirinn a Tuath – le Taigh nam Morairean ’nan cùl-taic dhuibh.

Theirteadh uair gum b’ e sin an dòigh a b’ fheàrr le muinntir an earrais mhòir fuireach ann an cumhachd. Nam biodh àireamh mhath de na cumantaich cho bochd ’s gun tigeadh orra, a h-uile mionaid dhen latha, seallt­ainn riutha fhèin ’s ris an teagh­lach, cha bhiodh de dh’ùine no de chomas aca cur an aghaidh nan uachdaran a bha gam fàgail air na fràighean fàsa. ’S e sin na theireadh iad.

An e reatoraig faoin a tha seo san latha an-diugh an dèidh an-struidheadh nam bancairean beartach, agus càs na h-eaconam­aidh? An riaghaltas Tòraidheach ag ràdh gu bheil iad ri “caomh­antachd” agus luchd-iomairt sòis­ealach, às aonais taic nan Làb­arach, ag innse dhuinn gur e ana-caomhantachd chruaidh-chridh­each a th’ ann nach eil a’ sgathadh air fiachan Bhreatainn idir.

Seadh, tha an reatoraig mar a chumar i. Nuair a chaidh pàrtaidh Dhàibhidh Chamshroin a chur an cumhachd le muinntir Shasainn ’s le co-bhanntachd nan Lib-deamach meata sa chiad dol a-mach, bha an reatoraig fhèin aca sa bhad agus cha b’ e ruith ach leum dhaibh a sgaoileadh. Thuirt an riaghaltas ùr gur e ith­eadh na cruaiche fo a sìoman a bh’ aig an riaghaltas Làbarach romhpa. Bho Ghòrdan eagnaidh gu an Seansailear strùidheil ann am priobadh na sùla. Bhon uair sin, cha chualas guth ach gearr­aidhean, gearraidhean agus tuill­eadh ghearraidhean. Bheireadh iad oirnn, thuirt an Camshron­ach, uallach is cùram na b’ fheàrr a ghabhail de chàch a chèile nan dèanadh iad sgùradh air soch­airean. Gairm nan sòisealach air an taobh eile: “Sin an seòrsa buidhne a th’ ann am Pàrtaidh Ghlèidhteach an Aonaidh. Tha iad glèidhteach. Gleidhidh iad an cuid fhèin agus coma leotha càch.”

B’e an reatoraig mu dheireadh seo an seòrsa reatoraig a chuir às cha mhòr buileach don Phàrt­aidh Thòraidheach an Alba mun do stèidhichear Pàrlamaid Dhùn Èideann. Tha cuimhn’ agam a bhith ’nam oileanach ann an oilthigh Shruighlea an uair a shoirbhich le pàrtaidh Blair agus mar a rinn muinntir an àite bhòtadh airson faighinn cuidhteas na Tòraidhean san sgìre. Bha iomairt mhòr aig na Làbaraich toirt air oileanaich Shruighlea bhòtadh air an son, agus dh’ob­raich e. Thionndaidh clàr poilit­igeach a’ bhaile bho ghorm gu dearg agus rinneadh gàirdeachas gun robh caochladh “mòr” poilitigeach ann, mu dheireadh thall. Cha b’fhada gus an deach sin suarach.

Tha dòchas aig mòran Albannaich a-nis gum bi dùsgadh, aig a’ char as lugha, san roinn Albannach de Thaigh nan Cumantan agus gun toir seo crathadh air cùisean gu lèir. Thòisich an dùsg­adh an da-rìribh an t-seachdain sa nuair a theann buill an treas pàrtaidh as motha san taigh agus buill Làbarach ri “cur suidheachain”. Seòrsa “cleas nan cathraich­ean” gun an ceòl ’s iad uile a’ dèanamh air a’ bheingidh tois­ich. Ach, tionndaidhidh am fealla-dhà gu fealla-trì le tòrr rudan draghail dol a bhualadh air Alba bho seo a-mach. Dè a nithear ma chuireas na Tòraidhean às do ar còraichean daonna a tha fo uallach Pàrlamaid na h-Eòrpa? Ma bheir muinntir Shasainn Alba a-mach às an Aonadh Eòrpach a dh’aindeoin oirnn, dè a thachras? Ciamar a dhèiligeas buill Albannach agus Pàrlamaid na h-Alba ri còraichean luchd-obrach air an lùghdachadh, agus casg air na h-aonaidhean stailc­ean a ghairm?

Hide Ad

Do leth-chuid nan Albannach a thug am bhòt dhaibh, ’s e an rud as cudromaiche gun seas buill PhNA an aghaidh nan Tòr­aidhean – an rud a dh’fhairtlich air na Làbaraich – ’s gun cuir iad spearrach orra gus nach urrainn dhaibh poileasaidhean a sparr­adh air Alba mar a rinn iad bho shean. Mur leig iad le siostam rag-nòsach Westminster a’ ghlas-ghuib a chur orra cha tèid an coir­eachadh – leis an fhear seo co-dhiù. ’S e an rud as fhìor chudromaiche gun dèan na buill Albannach ùra atharrachadh air, no ann an, Westminster agus nach dèan Westminster atharr­achadh orrasan.