Pólais air thoiseach san réis

Tha an àireamh de dhachaigh­ean anns a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidhinn mar phrìomh chàn­ain a’ sìor dhol sìos, a réir nam figearan as ùire aig Riaghaltas na h-Alba, fhad ’s a tha cànanan eile, leithid na Beurla Ghallda (Scots) agus Pólais, a’ sealltainn àrdachadh. Ann an 2011 nochd Suirbh­idh nan Sgoilearan gun robh 637 dachaighean far am b’i Ghàidh­lig a’ phrìomh chànan dachaigh. Chaidh sin sìos gu 497 an 2014.

Leis gu bheil dòighean cruinn­eachaidh figearan rud beag eadar-dhealaichte do gach ùghdarr­as ionadail, faodaidh cuid a sgoil­earan a bhith air an cunn­t­adh dà thuras ’s faodaidh diof­ar thor­aidhean a bhith ann eadar mar a bha na ceisteachain air an lìonadh le luchd teagaisg sgoile, pàrantan neo a’ chlann fhéin. Ge-tà, thathas ag aideachadh gu bheil an gluasad san fharsaing­eachd do Ghàidhlig a’ dol sìos.

Ged a tha na figearan son na Beurla Ghallda a’ sìor dhol am meud, le 4,610 ann an 2014, suas bho 1,585 ann an 2011, tha sàr-eòlaich a’ toirt rabhadh an agh­aidh a bhith ro shòlasach mu’n deidhinn. Thuirt J Derrick McClure, Oilthigh Obar Dheath­ain: “Air a’ chiad shealladh se naidh­eachd bhrosnachail tha seo ach tha na h-àireamhan cho beag meanbh agus feumaidh Scots a bhith ann an staid èiginneach ma tha iad fìor. Chuirinn geall gu bheil fada bharrachd air sin ri fhaighinn ann an Obar Dheath­ain a-mhàin. Nan gabhadh tu ris gu bheil na figearan seo a’ seallt­ainn àrdachadh san ìre de spéis agus de dh’ùidh a tha ga toirt don teanga bhiodh fàilte romhpa ach tha slighe fhada ri dhol fhathast mus bi iad fiùs faisg air a bhith math gu leòr.”

Hide Ad

Mhol Mgr McClure an obair aig iomadach buidheann, mar an Scots Language Centre agus an Association for Scottish Literary Studies, a tha air a bhith gu mór an sàs ann am brosnachadh na cànain cho math ri na “ceumannan nas cinntiche” a tha Riagh­altas na h-Alba air gabhail bho thàinig PNA gu cumhachd.

Thuirt Dave Thompson, BPA son an Eilein Sgitheanaich, Loch Abar agus Bhàideanaich, aig a bheil an dà chuid Gàidhlig agus Scots, “Ged a tha mi fìor thoilichte gu bheil àrdachadh ann an àireamh nan teaghlaichean a bhruidhneas Scots, se briseadh dùil a-cheart cho mór gu bheil na h-àireamhan Gàidhlig air a dhol sìos. Tha Riaghaltas na h-Alba air obair mhór a dhèanamh ann am brosnachadh ar cànanan dualchasach, mar a tha am fàs ann am foghlam na Gàidhlig a’ sealltainn. Tha móran ri dhèanamh fhathast, ach tha mi cinnt­each gun téid àireamh luchd bruidhinn ar cànanan dualchas­ach an àird le gach ginealach ùr.”

Tha na suirbhidhean a’ nochd­adh gur e Pólais a’ chiad chànan dachaigh an déidh na Beurla sa chuid as motha de roinnean, ged a tha prìomhachas aig Scots ann an Siorrachd Àir, Moireibh, Sealt­ainn agus Lannraig a-Deas. Tha a’ Ghàidhlig sa chiad àite an déidh na Beurla sna h-Eileanan Siar agus san treas àite sa Ghàidheal­tachd.

Ged a tha Pólais a’ coimh­ead gu math làidir mar chànan dachaigh, tha pròiseactan son cleachd­adh na Pólais fhathast a dhìth.Tha Violeta Ilendo ’na cathraiche air Fife Polish Education Trust. “Tha cuid den bhòrd riaghlaidh againn ann an Cathair Chaladaidh o phàrantachd Phólach nach eil comasach air a’ chànan a bhruidhinn. Bhiodh cuid ag ath­arrachadh nan ainmean dual­chasach aca agus a’ feuchainn ri bhith Breatannach seach Pólach.

“Uaireannan tha againn ri mìneachadh do phàrantan gun a bhith bruidhinn Beurla fad an t-siubhail san dachaigh oir tog­aidh clann Beurla co-dhiù. Feum­aidh pàrantan a thuigsinn nach eil clasaichean leotha fhéin gu leòr air son cànan ionnsachadh. Bha mi fhìn mar sin cuideachd nuair a bha a’ chlann agamsa beag. Ach se cànan bhòidheach a tha againn, feumaidh sinn sin a chur an céill don fheadhainn òga le bhith ga bruidhinn ’s ga cleachdadh san dachaigh.”

Tha leughadh aithnichte am measg nan dòighean a bhios pròiseactan foghlaim air feadh an t-saoghail a’ feuchainn ri cànan na dachaigh a bhrosnachadh. Thuirt John Storey aig Comh­airle nan Leabhraichean: “Mar as motha de leughadh san dachaigh, sann as fheàrr. Tha
e gu math deatamach nach smaoinich daoine òga gun e gnothach-sgoile a-mhàin a th’ ann an leughadh Gàidhlig. Cuidichidh leughadh air son tlachd ann an iomadh dòigh.”

Hide Ad

Do luchd planadh cànain, tha an ìre gu bheil cànain ga bruidh­inn san dachaigh air aon de na comharraidhean as cudromaiche gu bheil cainnt àbhaisteach an teaghlaich fhathast a’ ruith bho ghinealach gu ginealach. Thuirt fear labhairt aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha sinn mothachail air cho cudromach ’s a tha an dachaigh mar roinn leasachaidh, agus tha aithne ga toirt dha sin sa Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig.”

Thathas an dùil gun tig air a’ Bhòrd aithris a leigeil air a’ chuspair fhathast.